Star Wars: Dùsgadh an Fhorsa | Lèirmheas

Dùsgadh an Fhorsa – Math no dona? Soilleir no Dorch? – A’ Chiad Lèirmheas Ghàidhlig air an fhiolm “Cogadh nan Reul”? Tha sinn air ar dìcheall a dhèanamh gun “spèarlagan” a thoirt seachad…

Star_Wars_The_Force_Awakens

Mar iomadh neach-leantainn eile, bha mi cho loisgte ri com Darth Vader as dèidh nam prequels aig an t-sreath fhiolmaichean Star Wars le Seòras Lucas. Cus stuth didseatach, droch chleasachd agus plotaichean nach robh buileach a’ greimeachadh a’ chridhe. ’S mathaid nach robh cothrom aig Seòras na Feusaige leis mar a bha an luchd-leantainn air a bhith a’ cnuasachadh agus a’ cruthachadh nan sgeulachdan dhaibh fhèin fad fichead bliadhna mus do nochd am Phantom Menace.

Le sin, bha beagan iomagain orm mu dheidhinn nam fiolmaichean ùra a thàinig gu bith nuair a reic Seòras a chompanaidh, Lucasfilm gu Taigh na Luchaig, Disney o chionn dà bhliadhna. Ach, feumaidh mi ràdh, nuair a thàinig mi dhan cho-dhùnadh a dhol gu taisbeanadh meadhan-oidhche de The Force Awakens eadar Dicadain is Diardaoin gun robh glè bheag de dh’aithreachas orm. Fìor dheagh splaoid agus làn adhbhachdas agus bròn.

Is e homagé ceart a th’ anns The Force Awakens. Cha mhòr nach eil na h-aon tachartasan ri nochdadh anns a’ phlot a bha a’ nochdadh anns A New Hope ach na mo bheachd, ’s ann mu dheidhinn sàr-ìomhiaghean air neo archetypes a bha an sreath riamh. Rùraich Seòrsa ann an seann fhiolmaichean samurai, cogaidh agus Flash Gordon. Agus sin an cleas a tha air a bhith aig an Stiùiriche JJ Abrams anns an fhear ùr seo.

Is e seo cleas a tha aig JJ Abrams, air am bi duine sam bith a chunnaic na fiomaichean Star Trek agus Super 8 aige, gu bheil e math air a bhith a’ toirt spèis gu dualchas franchise sam bith ach comasach air gleans ùr a chur air. Fhuair e beagan càineadh airson cho coltach ri Star Wars a bha na fiolmaichean Trek aige gus gun d’ rinn e dearmad air dileab Gene Roddenberry ach bha iad èibhinn agus eifeachdach nan dòigh fhèin. Tha a’ mhòr chuid de The Force Awakens èifeachdach gu h-àraidh nan caractaran ùra

’S e droch dhuine èifeachdach a th’ ann an Kylo Ren (Adam Driver) le ceangal ri eachdraidh olc nam fiolmaichean ged a tha Dòmhnall Gleeson nas coltaiche ri aisling fhliuch aig Danny Alexander mar General Hux. Tha Daisy Ripley mar Rey agus John Boyega mar Finn cho math ’s a ghabhas agus tha sinn a’ faicinn a’ chruinne-chè ùr tro na sùilean acasan, ged a tha blas Ripley a’ dol taobh Hermione Grainger ro thric.

Ach ’s e an taladh as motha a th’ anns na seann charactaran a tha air tilleadh. Tha Harrison Ford a’ dèanamh hò-rò-gheallaidh cho fad ’s gu bheil e air an sgàilean, agus tha Peter Mayhew air ais ann an deise Chewbacca, agus tha an cluiche eadar an dithis a’ toirt barrachd comadaidh na gheibhear ann an cuid mhath de “chomadaidhean” a tha gan cur a-mach an-diugh. Tha Carrie Fisher air ais mar Leia agus ged nach fhaigh sinn mòran dheth, tha Mark Hamill a’ toirt buaidh air an fhiom air fad.

Tha na tiotalan agus ceòl aig tòiseach gach fiolm Star Wars gar fàgail ann an teis-mheadhan na sgeulachd, agus chan eil The Force Awakens eu-coltach ris an àbhaist le Dameron Poe (Oscar Isaacs) a’ coinneachadh ris a’ charactar aig Max Von Sydow. Le Von Sydow chanadh cuid “eil e fhathast beò?” ach airson an ùine ghoirid a tha e air an sgàilean, tha e a’ toirt barrachd spionnadh dhan t-sreath na bha anns na prequels gu lèir.

Amhail mar a tha Isaacs; tha e ladarna, tha e bragail – coltach ri punc na sràide ann am West Side Story no rudeigin – tha thu a’ creids gur esan am pileat as fhearr sa chruinne-ce – ’s mòr am beud gu bheil e a’ dol à sealladh airson cuid mhath den fhiolm.

Chan fheum cianalas airson na seann fhiolmaichean a bhith ort ge-tà. Còrdaidh am fiolm glan ri cuideigin nach fhaca mionaide de shabaid Lightsaber riamh. Leis The Force Awakens, tha JJ Abrams agus na cleasaichean sònraichte aige air spionnadh Star Wars a dhùsgadh dhà-rìreabh.

– Eoghan

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach