Strì is Buaidh – Sàr-òrain is sàr-sgeulachdan

stri is buaidh

Pios a rinn Marcas o chionn goirid air an t-sàr chuirm, Strì is Buaidh aig Celtic Connections. 

Mar a thàinig fèis mhòr Celtic Connections gu crìch sa Gheamhradh, bha mi air mo dhòigh an t-astar a shiubhail thar meadhan na h-Alba son cuirm a chomharraich is a bhrosnaich ceòl is cultar na Gàidhlig. Tha An Lòchran – buidheann leasachadh ealain na Gàidhlig, stèidhichte air taobh siar Ghlaschu – air a bhith ag obair làmh ri làimh na fèise mòire cliùitiche fad bliadhna no dhà a-nis, gus àite cunbhalach a ghlèidheadh don Ghàidhlig, am measg a’ phrògraim farsaing de shàr-choileanaidhean a bhios ga thabhann gach bliadhna.

Chaidh am buidheann fhèin a stèidheachadh ann an 1999, leis an amas ealain na Gàidhlig a chur mu choinneamh muinntir Bhaile Mòr nan Gàidheal, ga chumail, gu dlùth, ri raon prìomh-stèidhean a ghabhas a-steach ion-ghabhalachd, tionnsgalachd, cruthachalachd, so-sheasmhachd is miann deagh bhuaidh a thoirt air foghlam, turasachd agus eaconamaidh a’ bhaile.

Bha sin uile ri fhaicinn sa chiad choimisean a thug iad seachad, a rinn luaidh air na bràithrean Dòmhnallach, aithnichte air feadh an t-saoghail aig cridhe a’ chomhlain Runrig, le cuirm is taisbeanadh ealain air an robh Flower of Scotland.

Am measg àireamh nan cuirmean, gan cuir air dòigh eadar Celtic Connections is am buidheann, bha a’ chuirm shoirbheachail Slàinte Mhath aig Màiri Anna NicUalraig is caraidean ceòlmhor, a thachair ann an Seòmar Shrath Chluaidh an Talla-chonsairt Rìoghail ann an 2015, mar a thachair cuirm na bliadhna seo, Strì is Buaidh fo stiùir Eòghann MacEanraig.

Tha Eòghann a-nis aithnichte mar shàr-cheòladair le deagh chliù, a tha na phàirt de theaghlach tàlantach le Ailean, Ingrid is Megan nam measg aithnichte airson an cuid obrach le feadhainn de na comhlain às fheàrr ann an Alba; Blazing Fiddles, Cliar agus Breabach. Air an oidhche sin, bha an dithis phiuthair aige sin na chuideachd air an oidhche is iad ri fìor bhreacan cheòlmhor a chur ri chèile, a thug a-steach fidheall, fideag, clàrsach, piano le tionndaidhean òran Gàidhealach aig an robh dlùth traidiseanta agus cur ùr-nòsach, gan fighe còmhla. Gu dearbh, bha eachdraidh na coimhearsnachd-cainnte aig cnag na cùise fad na h-oidhche gu lèir, mar a rinn gach òran iomradh air an aimhreit a phuingicheadh eachdraidh nan Gàidheal. A’ tòiseachadh aig tùs seann-Cheilteach, lean aithris na cuirme tro linntean meadhan-aoiseach, Seumasach, gu Aonadh nan Crùn, a’ chiad is an dàrna chogaidh is a’ tighinn gu crìch le òran Runrig a shoilleirich cogaidhean san Ear-mheadhan.

manranewen

A thaobh sheinneadairean, gus bàrdachd a chur ris a’ cheòl, bha MacEanraig an deagh chuideachd, gun teagamh, còmhla ri Cathy Ann Nic a’ Phì, Sìneag Nic an t-Saoir, Alasdair MacIlleBhàin agus Gillebrìghde MacIlleMhaoil. Dhòmhsa dheth b’ ann aig MacIlleMhaoil a bha òran na h-oidhche a ghabh ‘Òran Bhonaparte’; òran a dh’aithris beachd nan saighdeir a chaidh an aghaidh an Impire Fhrangaich, le miann gu leòr air claidheimh gus cinn an nàimhdean a sgàineadh. Thug MacIlleMhaoil an t-òran seachad leis gach spionnadh a bha iomchaidh don chùis ann an dòigh a thug sealladh dhuinn air mar a bhiodh e a’ faireachdainn a dhol an sàs san iomairt fhèin. B’ e coileanadh a dh’fhreagradh a ròl ainmeil air Outlander, le cinnt!

Mar a bhiodh sibh an dòigh bho chuirm Celtic Connections, bha càileachd ann a thog an rud gu lèir bho làr coitcheann an taighe-chèilidh is a dh’fhreagraich àrd-ùrlar iomraiteach an àite fhèin. A’ cur craiteachan lainnir ris an iomairt bha Angela NicEacharna a mhìnich an eachdraidh a bha aig cùl nan òran, fhad ‘s a chuir i an dearbh àbhachdas is aotramas ris an oidhche, ris a bhiodhar an dùil. Gun teagamh bha aimhreit gu leòr na sgeulachdan leasanan dràibheadh aig Sìneag bhochd!

Mar a bha Slàinte Mhath aig Màiri Anna na hò-rò-gheallaidh is na ruaig tro thaighean-òsta Gàidhealach Ghlaschu, ann an 2015, bha blas nas socraiche, fiù ’s acadamaigeach air oidhche MhicEanraig, a dh’fhreagraich beachdachadh air na tachartasan eachdraidheil a bh’ aig cridhe a’ ghnothaich. Air saoghal air ann an linn far a bheil ìomhaighean is aithrisean chogaidhean thall thairis na phàirt de n-ar beatha làitheil, b’ e rud cumhachdach a bhith beachdachadh air an dòigh a thug bagairt is ionnsaigh air ionnanachd ar coimhearsnachd fhèin. Rinn a’ chuirm seo sin, gun teagamh, san dòigh a chuir e seann òrain air a bheil mòr-chuid eòlach air ais sa cho-theags cheart; òran gan sgrìobhadh gus ar cuid eachdraidh a chumail nar cuimhne fhèin, tro mheadhan an traidisean beò.

Aig a’ cheann thall, b’ e an rud as motha a chòrd rium, MacEanraig fhaicinn beò na choimisean ùr, a thug cothrom dha ceum air falbh a ghabhail bho a chuid obrach le Mànran is Battlefield Band. B’ e tlachd a bh’ ann san dà-rìribh a bhith ag èisteachd ri a cuid seinn, a rinn e bho chùl an àrd-ùrlar, fhathast na suidhe. Ged bu bhrèagha an coileanadh, cha b’ urrainn dhomh seachnadh mo mhiann fhaicinn front and centre a thuilleadh, ged nach b’ e sin ach samhladh beusachd an duine. Gun teagamh bha a cuid tionnsgalachd a’ ruithe tron chuirm o bhun gu bàrr is mar sin, ma gheibh e cothrom a thoirt ais às dhan àrd-ùrlar a-rithist gum faicear e is smior an t-seòid ann, deònach an iomairt aige fhèin a stiùireadh dhan bhlàr.

  • Tha Marcas Mac an Tuairneir na thagraiche ollamhachd ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Tha ùidh aige ann an litreachas is dràma na Gàidhlig, teòirig chuèir, iar-cholonachd is boireannachas.
  • Tha e air dà leabhar bhàrdachd a sgrìobhadh – Deò (2013, Grace Note Publications) is Lus na Tùise (2016, Clò a’ Bradain) a tha rim faotainn bho ghrunn bhùithean is rèiceadairean air-loidhne.
FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach