#strick4climate | bàrdachd

Bidh clann Sgoil Dhalabroig am measg na h-òigridh a bhios a’ togail fianais air feadh an t-saoghail mu atharrachadh na gnàth-shìde air 15 den Mhàrt. Seo tàladh beag a rinn Liam Alastair Crouse a’ beachdachadh air an uallach a th’ air guailnean a’ ghinealaich òig.

#strike4climate

o ba bà mo leanabh
ba mo leanabh 
o ba bà mo leanabh
’s an saoghal seo dol bàs.

caidil socair sèimh a ghràidhein
pàisgte sìos fon phlàid
blàth is cùbhraidh air bheag cùraim
’s cuir do shùil bhon chàs

gu neo-luaineach dèan do bhruadar
druim a’ chuain le seòl;
no le freastal falbh tron deathach
feadh na coille-chnò

na leig do smuaintean air an uamhas
tha cuallach ar rè;
’s tu nach dleasaich, daor an ceannachd,
sannt a’ chruinne-cè

caisg do chaoineadh, eudail ghaolaich
leig t’ aonach ’s bi treun;
ged nach cuidich ‘tha mi duilich’
’s mi tha duilich fhèin

dhen taigh-còmhnaidh rinneadh òtrach
an aghaidh òrdugh Dhè;
mac an duine nach tug ùmhlachd
do chùmhnant ar crè

air ar dachaigh rinneadh fàsach
na bha slàn tha truagh;
traoghadh chuantan, leigeil truailleadh –
dian-ruagadh gun truas

air an domhan, comas iasaid,
dh’iarrainn sin mar dhàn:
’s air do chàradh gun robh aca
for is bàidh san àm

nuair a dhùisgeas tus’ a-màireach
’s e do ghràdh nì feum,
’s mòr an obair a bhios romhad –
cum fo chogais rèidh

air gach creutair, nì deagh-chumail,
’s air gach lus fon ghrèin;
air an dìleab bi nad chìobair
’s meas i prìseil fhèin

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach