Tha sinn aig deireadh bliadhna a bha ceart cho làn brosnachaidh is a bha i làn de bhròn. Tha sgioba deasachaidh Dàna – Liam, Eòghan, Steaphan agus Rhona – a’ toirt sùil aithghearr, phearsanta air 2015.
Thoir iomradh air 2015 ann an seantans?
Liam – #piggate #indyref2 #NotOneMore #gàidhlig #dànaslam
Eòghan – Dùsgadh agus èirigh, bruadar agus trom-laighe.
Steaphan – Daoine ’nan tàmh, is daoine gun tàmh; ’s an saoghal mar a bha e a-riamh.
Rhona – Cus den uisge
Dè am pios a b’ fheàrr a chòrd riut ann an Dàna fhèin am-bliadhna?
Liam – A’ Bhetsy Mae
Eòghan – Ceist dha Western Isles Council
Steaphan – Cha b’ e aon a-mhàin ach grunnan. Thog am pìos le Alison Ní Dhorchaidhe mu Yeats m’ ùidh gu h-àraidh o chionn ghoirid.
Rhona – Malcolm X | Leth-cheud Bliadhna
Dè an tachartas a thug a’ bhuaidh a bu mhotha ort am-bliadhna?
Liam – ‘O Chanada, dùthaich nan gaisgeach còir…’ agus a’ bhiosa Bhreatainneach
Eòghan – Turas a Ghaoth Dobhair airson Iomain Cholmcille – tha an ceart aig na h-Èireannaich mar a bhios tu a’ cùmail cànan Ceilteach beò agus bunaiteach.
Steaphan – Doirbh a ràdh. Ach aonan a thug buaidh nach bu bheag orm, b’ e dùnadh duilleag Ghàidhlig an Scotsman.
Rhona – càs nam fògarrach anns a’ Mhuir Mheadhanach
Dè an rud a b’ fheàrr a thachair don Ghàidhlig am–bliadhna?
Liam – Toradh a’ Chunntais-Shluaigh 2011
Eòghan – Gu bheilear mu dheireadh thall a’ faicinn boillsgeadh de dhùsgadh a-measg an t-sluaigh airson ar cànan a shàbhaladh – bidh buaidh mhath aig Sgoil Loch Abair chanainn.
Steaphan – gun robh daoine ga cleachdadh còmhla ri chèile; sin an rud a b’ fheàrr a dh’fhaodadh tachairt rithe gach bliadhna.
Rhona – Iomairt Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu fo stiùir Fiona Dunn.
Dè an rud a bu mhiosa a thachair ann an Gàidhlig am-bliadhna?
Liam – Toradh a’ Chunntais-Shluaigh 2011
Eòghan – A h-uile turas a bhruidhinn thusa (agus mise) Beurla nuair a bu chòir dhut (is dhomhsa) Gàidhlig a bhruidhinn a dh’innse na firinn. (Steaphan: ach cha do thachair sin ann an Gàidhlig ma-thà.)
Steaphan – B’ e an rud a bu mhiosa a thachair, na rudan nach do thachair ann an Gàidhlig, ach a dh’fhaodadh a bhith air tachairt.
Rhona – Tha e fhathast fada ro dhoirbh cothroman ionnsachaidh ’s cùrsaichean èifeachdach a lorg anns a’ mhòr-chuid de sgìrean.
Dè an clàr/leabhar a b’ fheàrr a chòrd riut am-bliadhna?
Liam – Niteworks/Seanchaidh na Coille
Eòghan – Live at the Fillmore West le Aretha Franklin / The Ministers le Fionn MacColla agus dà fhiolm air leth, Mad Max: Fury Road agus Rhymes for Young Ghouls
Steaphan – “Casan-searraich” le Calum MacFhearghais. Tha e a’ còrdadh rium cuideachd na th’ ann de leabhraichean Gàidhlig fhaicinn gam foillseachadh le buidhnean eadar-dhealaichte, leithid Lasag, CnaG, Acair is msaa.
Rhona – Divers le Joanna Newsom
Dè tha thu an dòchas airson 2016?
Liam – #DòmhnallTromb2016 (lulz)
Eòghan – Fo-thiotalan Gàidhlig air a’ phutan dearg – fiù ’s airson Beurla (lulzguleòr)
Steaphan – Forcadh nan cas don Ghàidhlig ann an iomadh raon: biodh i air stèidh daingeann ann an reachdas na dùthcha – gun diùlt no doicheall; ’s gum bi daoine sona, saoirsneil tron bhliadhna air fad.
Rhona – Barrachd grèine!
– Sgioba Dàna
Aon fhreagairt do “Sùil air 2015 | Dàna”