Sùil air 2016 | Dàna

Tha an sgioba deasachaidh againne – Steaphan, Alistair, Rhona agus Eòghan a’ toirt sùil air 2016 – Seo na rinn iadsan den bhliadhna.

Thoir iomradh air 2016 ann an seantans?

mairidh10

AP – Na cuir earbs ann an dùil.

SR – Bliadhna san robh muinntir an t-saoghail ag obair gu socair, rèidh gun bhòstadh ʼs gun duais mhòr, fhad ʼs a bha fear mòr a’ bòilich mu ar cluasan gus an d’ fhuair e an t-urram a bu mhotha.

RD – Thòisich e le bàs Bowie agus dh’fhàs e na bu mhiosa.

ES – “Madainn Dihaoine ’s na daoine fo sgòth”

Dè am pios a b’ fheàrr a chòrd riut ann an Dàna fhèin am-bliadhna?

By Rama (Own work) [CeCILL (http://www.cecill.info/licences/Licence_CeCILL_V2-en.html) or CC BY-SA 2.0 fr (http://creativecommons.org/licenses/by-sa/2.0/fr/deed.en)], via Wikimedia Commons
AP – Is am pios a b’fheàrr leam Eilean Dubh is Gorm a’ Chuain, Camanachd Leòdhais le Eoghan. B ‘e pìos beòthail a bh’ann. Bha e follaiseach tron artaigil gur e cuspair a tha faisg air cridhe Eoghain agus gu bheil e air buaidh mhòr a thoirt air a bheatha. ‘S e an teachdaireachd as motha a fhuair mi às gun tèid aig buidheann beag air diofar mòr a dhèanamh ma tha iad èasgaidh is a’ creidsinn gu làidir anns na h-amasan aca. Fhad ’s a tha na h-ùghdarrasan mòra traing a’ dèanamh butarrais dhen t-saoghal tha comas againn uile fhathast air diofar a dhèanamh tro na rudan beaga a nì sinn sna coimhearsnachdan againn fhèin. Adhbhar dòchais airson 2017?

SR – ʼS toil leam a bhith a’ leughadh mu eachdraidh na h-Alba mar leughadair coitcheann, agus mar sin, chòrd e rium bhith a’ leughadh mu eachdraidh Earra-Ghàidheil.

RD – An dàn “Speactram” le Marcas Mac an Tuairneir

ES – Feumaidh mi aithris gur e am pios a sgrìobh Calum MacLeòid dhuinn mu Leonard Cohen. Thug e dhomh beachd is sealladh as ùr air ailleachd ceòl is briathran a’ ghaisgich ud. As dèidh bliadhna far an robh agam fhèin ri sgrìobhadh trì piosan mu luchd-ciùil a bu docha leam, Prionnsa, Bowie agus Aonghas R. Grannd, thuig mi cho cudromach ’s a bha Leonard ri Calum sa bhad. Clach iongantach Ghàidhealach air càrn Leonard.

 

Dè an tachartas a thug a’ bhuaidh a bu mhotha ort am-bliadhna?

AP – San Lùnastal chuir sin fàilte air an t-sàr fhidhlear Chanadach Wendy MacIsaac a thàinig a dh’Àrainn air aoigheachd aig club fidhle an eilein gus consairt a chluich le taic bho Ross Kennedy air a’ Ghiotàr. B’ e tè ghasta a bh’innte agus chuir a cuid ciùil mun aire dhomh a-rithist carson a thug mi gaol do cheòl na fidhle is gu sònraichte ceòl às Ceap Breatainn. B’ e fìor thachartas choimhearsnachd a bh’ann le Wendy a’ toirt seachad bùth obrach do chloinn a tha ag ionnsachadh na fidhle air an eilean agus gu lèor bhon choimhearsnachd a’ gabhail tlachd bhon cheòl.
Thaisbean an tachartas dhomh mar a ’s urrainn do shaoghal eadar-nàiseanta is coimhearsnachdan beaga a bhith beò chòmhla is ag obair gu buannachd càch a’ chèile.

SR – Le dorsan na h-Alba gu bhith air an dùnadh ʼs an glasadh le muinntir mòr-chuid Brfhàgail is Tòraidhean Shasainn, chuir mi romham mo chasan a thoirt leam a dh’ Iapan airson a’ cheathraimh uair nam bheatha.

RD – Chunnaic mi The Island aig Fèis Iomlaid Theatre Nàiseanta na h-Alba as t-samhradh. ‘S ann le companaidh dràma òg à Sealainn Nuadh, Massive Nui Ensemble, a bha e. Bha e follaiseach nach robh an luch-stiùiridh aca ag ìsleachadh an slat-tomhais dhaibh, ged a bha iad ag obair le companaidh gu math òg. ‘S e dealbh-chluich chruthachail, chumhachdail a bh’ ann, agus cho brèagha ri pìos dràma sam bith a chunnaic mi a-riamh.

ES – Tha mi a’ smaoineachadh gun robh an dùsgadh a-measg òigridh air a’ Ghàidhealtachd a thaobh pris an fhearainn agus cion-taigheadais cho cudromach ri càil a thachair dhar sluagh o chionn ghoirid. Blogs Alasdair Steaphain agus Iain MhicAsgaill a’ togail na firinn mu choinneamh an t-sluaigh. A bheil an t-àm ann airson an Standing Rock againn fhèin? Creachadh agus strì as ùr? Chanainn gu bheil sin air faire mura tèid barrachd fearainn agus taighean fhosgladh dhan òigiridh. Daoine òga air an dùthaich. Gàidhlig aig cridhe na h-iomairt. ’S e sin a tha dhìth.

 

Dè an rud a b’ fheàrr a thachair don Ghàidhlig am–bliadhna?

AP – Teachd gu tìr a’ chrainn ola ‘Transocean Winner’ ann an Leòdhas a thug beagan teachd an tìr gu àite far a bheil Gàidhlig làidir. A bharrachd air sin ghluais an tachartas muinntir an àite gu bàrdachd is òrain.

SR – Tha seo doirbh ri freagairt a chionn ʼs nach bi rudan sam bith a’ tachairt do chànan sam bith, ach do na daoine a bhios ga cleachdadh. B’ e an rud a b’ fheàrr a thachair is gun d’fhuair feadhainn cothroman an cànan a chleachdadh nam beatha ʼs nan cuid obrach, ma fhuair idir.

RD – Chaidh mo charaid don t-Sabhal Mhòr san t-Sultain, gun mòran Gàidhlig, agus nuair a chunnaic mi a-rithist e, seachdain no dhà air ais, bha gu leòr aige gus còmhradh a chumail ann an Gàidhlig a-mhain. Duine òg, gasta, tàlantach a th’ ann, agus feum againn air a leithid. ‘S e rud draoidheachd a bhios a’ tachairt aig SMO eadar an t-Sultain agus an Dùbhlachd gach bliadhna le Murchadh MacLeòid agus a sgioba. Gaisgich a th’ annta.

ES – Clann Throndarnais – ma bhios a h-uile buidheann de dh’òigridh againn cho làn spionnadh is spòrs ri na balaich is caileagan à Ceann a Tuath an Eilein, ’s ann às a’ cheò thig ar dòchas fhathast.

Dè an rud a bu mhiosa a thachair don Ghàidhlig am-bliadhna?

slanagavar

AP – Diùltadh an riaghaltais inbhe far tìre a thoirt gu na h-eileanan a thaobh gnìomhachas cumhachd na gaoithe. Ma tha coimhearsnachdan dualach na Gàidhlig gu bhith seasmhach feumaidh cosnaidhean math a bhith ann a chumas daoine òga aig an taigh.

SR – Nach d’ fhuair tòrr dhaoine eile na h-aon chothroman an cànan a chleachdadh ʼnam beatha ʼs ʼnan cosnadh is a fhuair feadhainn eile.

RD – An sanas seo ann an Dùn Èideann, am bliadhna-sa agus gach bliadhna:

ES – Chan eil sinn fhathast faisg air fo-thiotalan Gàidhlig fhaighinn air an t-sianail didseatach againn fhèin. Goireas air leth a bhiodh ann a dh’fhosgladh Gàidhlig suas gu fireannach dha na Goill.

 

Dè an clàr/leabhar a b’ fheàrr a chòrd riut am-bliadhna?

AP – Ann an 2016 chuir mi romham m’eòlas air ceòl a leudachadh le beagan cuideachaidh bho Google. Bhrùthainn a-steach corra fhaclan co-cheangailte ri ceòl ach dè thigeadh às, can nuair a bha mi ri còcaireachd no aig na soithichean; gnè ciùil is dùthaich no diofar gnèithean ciùl. Cha bu bheag an sgudal a thàinig gu bàrr ach na mheasg bha gu leòr ann a bha math. Agus dh’ionnsaich mi rud no dhà; gu bheil fèill mhòr air heavy metal ann an Mongolia no gu bheil reggae scene fallain ann ann an Libya; mar eisimpleir. Seo rud a chòrd rium agus ris an do dh’èist mi gu tric ann an 2016.

SR – ʼS e rud riaslach a th’ ann a bhith a’ gluasad gu dùthaich chèin agus a bhith gun chuid is gun fhàrdaich airson mìosan, mar sin, cha robh cothrom agam mòran aire a thoirt do chlàran is leabhraichean ùra thuige seo. Bidh barrachd aire an ath-bhliadhn’, ʼs mi air seatlaigeadh.

RD – Sin doirbh – fìor deagh bhliadhna a bh’ ann a thaobh ciùil (sgràthail a thaobh a h-uile rud eile, cha mhòr). Thàinig trì clàran a-mach am bliadhna le boireannaich òga, dithis às na Stàitean agus tè à Astràlia, agus iad uile car grungy ann an dòigh fìor mhath. ‘S iad Emotions and Math le Margaret Glaspy, My Woman le Angel Olsen agus Don’t Let the Kids Win le Julia Jacklin.

ES – B’ e seo a’ bhliadhna a ghèill mi ri srùthadh-ciùil mu dheireadh thall, a’ faighinn a’ mhòr-chuid de stùth à TIDAL. Feumaidh mi ràdh gu bheil tòrr ealain math air tighinn a-mach à càs nan daoine dubha ann an Ameiriga o chionn ghoirid, ach ’s e We Got It From Here… Thank You 4 Your Service le A Tribe Called Quest a thug am buaidh as motha orm aig ceann na bliadhna. Làn spòrs, làn aoir, làn Bhusta Rhymes. Cò dh’iarradh an còrr? A thaobh leabhraichean, cha robh fear eile ann a chum ceann a’ mhaide ris an leabhar thar bàrr le Victor Hugo, Les Miserables. Anns na làithean dorch seo, tha na faclan mu dheireadh aig Jean Valjean a’ toirt cobhair dhomh “Gràdhaichibh a chèile, cha d’fhaich càil fon ghrèin ach gràdh.”

 

Dè tha thu an dòchas airson 2017?

AP – Gum faigh sinn an comas ionnsachadh bho eachdraidh, no co-dhiù gun dèan sinn nas fheàrr na rinn sin ann an 2016.

SR – Gun tèid aig Alba faighinn à spuirean nan Tòraidhean Sasannach, ʼs gun tèid a cur air a spiris fhèin ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa aig an aon ìre ʼs a tha spirisean nan dùthchannan uile eile.

RD – Le sgrios Siridhea san naidheachd a-rithist, feumaidh dòchas air choireigin a bhith ann gun tig an cogadh gu crìoch.

ES – gun èirich leinn mar shluagh, gum bruidhinn sinn ri chèile agus gun toir sinn misneachd dhar caraidean Gàidhlig ionnsachadh, a bhruidhinn is a chleachdadh.

  • Bi Dàna. Bi Buan.
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach