Sùil air na h-Oscaran

Ma chaill sibh na h-Oscaran a-raoir, na gabh dragh – sa phìos seo, tha sinn a’ toirt sùil air na thachair aig precursor nan Duaisean FilmG.

Screenshot 2015-02-23 15.38.18

Bha an t-uisge a’ dòrtadh air Los Angeles a-raoir – “a bit squishy on the carpet”, mar a thuirt Benedict Cumberbatch, a’ buannachadh na duaise airson an duine as Breatannaiche san t-saoghal. Cha do chuir an droch aimsir stad orra idir, ge-tà. Mar a bhiodh dùil, bha an oidhche làn aodaich spaideil agus òraidean fada. Seo agaibh na thachair nuair a bha sinn nar cadal:

Fear an taighe ùr

An-uiridh, bha Ellen DeGeneres a’ stiùireadh na cuirme agus a’ togail selfies gach còig mionaidean. Ann an 2013, bha Seth MacFarlane againn, leis an òran phianail a ghabh e mu bhroillich nam bana-chleasaichean. Am bliadhna, b’ e cuideigin nach aithne dhomh, air a bheil Niall Pàdraig Hearach, a bha air an àrd-ùrlar. A rèir coltais, bha e ann am prògram ainmeil, How I Met Your Mother.

Screenshot 2015-02-23 15.15.59

Nope, chan eil na mise.

Na Cleasaichean as fheàrr

Cha do chuir e iongnadh air duine sam bith nuair a bhuannaich Eddie Redmayne agus Julianne Moore an dà dhuais mhòr a-raoir. Chluich an dithis aca caractairean a tha a’ strì le tinneas – alzheimers ann an Still Alice, agus motor neuron disease ann an The Theory of Everything – ach tha cuid den bheachd gur e bliadhna caran lag a bh’ ann a thaobh actairean.

Bha Redmayne air leth math a’ cluich an àrd-ollamh Stephen Hawking agus a rèir an luchd-sgrùdaidh (chan eil Still Alice ri fhacinn ann an Alba fhathast) bha Moore gu math comasach, mar as àbhaist, mar acadaimigeach eile, Dr. Alice Howland. Nan robh farpais ann idir dhi, bhiodh sin a’ tighinn bho Marion Cotillard ann an Two Days, One Night. Bhuannaich Cotillard Oscar ann an 2007 airson La Vie En Rose, sgeulachd bheatha an seinneadair Fhrangaich, Édith Piaf – agus ise an aon chleasaiche a bhuannaich an Oscar airson fiolm ann an Fraingis.

Nuair a bhuannaich Patricia Arquette an duais aice airson Boyhood, ghabh i an cothrom iomradh a thoirt air a’ bheàrn phàighidh eadar fir agus boireannaich. Thug JK Simmons, a bhuannaich airson Whiplash, comhairle dhuinn bhon àrd-ùrlar – bu chòir dhuinn fòn a chur gu ar pàrantan na bu trice, thuirt e.

Cha deach cleasaichean bhon fhiolm Selma a mholadh airson Oscar sam bith, ach fhuair Oprah Winfrey bhon fhiolm sin rudeigin buileach nas fheàrr.

Screenshot 2015-02-23 15.14.46 An t-Aodach

Bha marigolds dearga air Lady Gaga.

Screenshot 2015-02-23 15.18.14

Bha Jared Leto a’ coimhead coltach ri Ìosa, nan robh Ìosa san fhiolm The Wedding Singer.

Screenshot 2015-02-23 15.21.07

Cha robh duine sam bith ann le eala orra am bliadhna. Sin e, really.

Dè tha seo a’ ciallachadh airson nan Duaisean FilmG?

Mar a tha cuirm nan Golden Globes na ro-ruithear do na h-Oscaran, ’s ann mar sin a tha na h-Oscaran do chuirm nan Duaisean FilmG.

Leis nach deach an oidhche cho math do Niall Pàdraig Hearach, bidh an Niall eile le trì ainmean, Niall Iain Dòmhnallach, an dòchas gun tèid cùisean na b’ fheàrr dhasan nuair a thig an latha mòr. Gu fortanach, bidh taic aice bho Fiona NicCoinnich, agus cha bhi aige ri sgeidse a dhèanamh na Y-fronts – cho fad ’s a s’ aithne dhuinn, co-dhiù.

B’ e deagh oidhche a bh’ ann do dh’fhiolmaichean ann an cànanan coimheach, le moladh airson Marion Cotillard agus duais airson Ida le Pawel Pawlikowsky. Deagh shamhla do na h-Ìlich am bliadhna, dh’fhaoidte?

Bhuannaich am fiolm Whiplash duais no dhà, cuideachd – sgeulachd mu dè cho chruaidh agus ainneartach ’s a tha cùisean do dh’oileanach ciùil. A bheil an t-àm ann mu dheireadh thall airson an fhiolm Ghàidhlig a tha air a bhith ann am pre-production fad bliadhnaichean, am fly-on-the-wall exposé de dhòighean teagaisg nam fèisean, Am Bodhran Brùideil?

Cò aig a tha fios – chì sinn na thachras aig cuirm nan Duaisean FilmG air 27 Am Màrt ann an Glaschu. San eadar-ama, faodaidh sibh na fiolmaichean fhaicinn aig làrach-lìn FilmG.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach