Sùil air Spòrs

Spòrs na Seachdain

Sùil air cuid dhe na sgeulachdan as motha ann an saoghal an spòrs an t-seachdain seo, le Eòghan Stiùbhart.

 

 

 

 

 

 SPFL – Alba

CFCChaidh Celtic a chrùnadh le tiotal a’ chiad SPFL le buaidh a thoirt air Partaig Thistle. Tha na staitistigean aig sgioba Nèill Lennon dìreach eagalach, tha iad air barrachd puingean a thogail mu thràth na thog iad an-uiridh agus coltas ann gur urrainn dhaibh còrr is ceud puing a ruighinn. Canaidh feadhainn gur e lìog lag a tha ann ach tha Celtic air a bhith a’ cluich an aghaidh sgiobaidhean leithid Dùn Dèagh United, Obar Dheathain agus Tobar na Màthar a tha air piseach a dhèanamh bho an-uiridh. A bharrachd air sin, tha Celtic air còrr is £20 millean de thàlant a chall. Rinn Rangers a’ chùis air Lìog a h-Aon o chionn seachdain cuideachd, ach bidh greis ann fhathast mus bi an dà nàmhaid a’ coinneachadh a-rithist

EPL – Sasainn

Bha tadhail gu leòr ann an lìog Shasainn, tuil de thadhail dìreach! Chuir Chelsea sia gun fhreagairt seachad air Arsenal agus Arsene Wenger a’ comharrachadh mìle geama aig stiùir an sgioba o Cheann a Tuath Lunnainn. Thug Liverpool iad fhèin a-steach dhan rèis airson an tiotal a ghlèidheadh le droinneadh a thoirt do Chardiff City agus buaidh a choisinn iad gu cruaidh an aghaidh Sunderland. Bha am fear ud Suarez aig teis-mheadhan a h-uile càil a-rithist. Thug Man U cuid den chuideam far ghualainn Dhaibhidh Moyes le buaidh an aghaidh West Ham; nochd Wayne Rooney le tadhal sgairteil o mheadhan na pàirce a bha gu math coltach ri oidhirp aig Beckham o chionn fhada dhen t-saoghal ach chaill iad gu dubh an aghaidh nan nàbaidhean Arabach aca, Man City, tron t-seachdain. ’S e rathad cam dhan chaisteal a bhios ann fhathast mu dheas.

La Liga – An Spàinn

Anns an Spàinn, bha geama beòthail ann eadar Reál Madrid agus Barcelona aig a’ Bhernabeu. Bha an sgioba a b’ fheàrr le Generallisimo Franco air thoiseach airson a’ mhòr-chuid den gheama tro thadhail bho Ronaldo is Benzema, ach rinn an draoidh beag bìodach à Argentina Messi an gnothach air na Madristas le cleas-bonaid, le dà bhreab-peanais na mheasg. Choisinn an tadhal mu dheireadh do Mhessi an clàr airson an àireimh as motha de thadhail ann an eachdraidh La Liga agus esan sia bliadhna air fhichead a dh’aois fhathast.

Oidhche Chiadain, chaill Reál barrachd phuingean cudromach nuair a rinn Sevilla an gnothach orra, agus bhuinnig Barca a-rithist. Ach ’s e an sgioba a tha aig bàrr na lìog an-dràsta, Atletico Madrid, a tha a’ faighinn na buannachd as motha à cruaidh-chàs Mhadrid, ’s iad puing air thoiseach air Barca agus gan cluich air an latha mu dheireadh den t-seusan. Tha tòrr connspaid ann an-dràsta mu dheidhinn cluicheadair-aghaidh Atletico, Diego Costa. Tha e a’ dol a chluich airson na Spàinne aig Cupa na Cruinne ged ’s e Braisileanach a tha ann gu a shàilean.

Rugbaidh

A-rèir coltais, bidh fuasgladh ann dha na duilgheadasan a tha air a bhith an lùib Cupa Eòrpach Heineken o chionn fhada. Tha aonta ann eadar na h-aonaidhean agus na clubaichean, agus tha e coltach gum bi a’ cho-fharpais ga craoladh le BT Sport agus Sky. Bidh an àireamh de chom-pàirtichean ga lughdachadh o 24 gu 20 agus cha bhi ach aon àite glèidhte do sgioba Albannach. Ann an naidheachdan eile, nochd Stewart Milne, cathraiche sgioba ball-coise Obar Dheathain, ùidh ann an bhith a’ cur air dòigh sgioba proifeiseanta rugbaidh anns a’ bhaile mhòr san àm ri teachd. Chan eil sgioba proifeiseanta air a bhith a’ riochdachadh Ceann a Tuath na h-Alba o chaidh Caledonia Reds à bith ann an 1998.

Iomain

Tha am Màrt air a bhith bog fliuch agus tha cuid de sgiobaidhean nach eil air cluich fhathast, nam measg Eilean Bhòid agus An Gearasdan. ’S ann anns an Lìog Nàiseanta Ùr a chaidh mòran de na geamaichean a chur dheth. Bha Eilean Bhòid a’ bagairt air tarraing a-mach às an lìog uile gu lèir ach thathar a’ tuigsinn gu bheil iad deònach cumail a’ dol. Bidh Comann na Camanachd an dòchas gum fàs cùisean nas fheàrr a thaobh na sìde a dh’aithghearr. Tha an tuairmse sìde a’ coimhead nas gealltanaiche an t-seachdain seo agus bidh a’ mhòr-chuid de sgiobaidhean nan èiginn a chluich mu dheireadh thall. Bidh an t-Eilean Sgitheanach a’ cur fàilte air Gleann Urchadainn anns a’ chiad chuairt ann an Cupa MhicThàmhais agus bidh Camanachd Leòdhais a’ siubhal gu Srath Pheofhair airson geama an aghaidh an dara sgioba aig Cabar Fèidh.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach