Super-bore aig an t-Superbowl

Print

A’ chiad chuimhne a th’ agam air an t-Superbowl, ’s e sin nuair a leum uchd-aodach Janet Jackson fosgailte a’ leigeil a cìoch chlì ris a’ ghaoith an 2004, fhad ’s a bha i a’ seinn còmhla ri Justin Timberlake. Deich bliadhna bhon uair sin, nochd boob eile air an aon àrd-ùrlar, is ’s e Bruno Mars an t-ainm a bh’ air.

A-nis, mura bheil sibh eòlach air an t-Superbowl idir, innsidh mi dhuibh beagan ma dheidhinn. ’S e seo aon de na tachartasan as motha sa bhliadhna gu lèir anns na Stàitean Aonaichte, far an tig caraidean is teaghlaichean còmhla ri chèile bho fhad ’s fharsaing airson coimhead air sia uairean de shanasan-reic air an telebhisean, le geama ball-coise Ameireaganach eadorra. Abair spòrs, tha fhios a’m.

Ach cuideachd, aig leth-ùine, gheibh luchd-ciùil na milleanan de notaichean airson a bhith a’ seinn, a’ cluich is a’ dannsadh fad cairteal na h-uarach. An t-airgead as fhasa a gheibh iad a-chaoidh.

Thar nam bliadhnaichean, tha feadhainn den luchd-ciùil a b’ ainmeile san t-saoghal air nochdadh aig an t-Superbowl, a’ gabhail a-steach seinneadairean is còmhlain leithid Michael Jackson, Bruce Springsteen and the E Street Band, Madonna, The Who, The Rolling Stones, Beyonce Knowles is tòrr a bharrachd eile. Dhomhsa dheth, le bhith a’ taghadh Mgr Mars, tha e soilleir gu bheil an luchd-eagrachaidh a’ ruith a-mach à beachdan.

Bidh daoine an-còmhnaidh a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ “Chairteil de Chliù” no an “15 Minutes of Fame”, is b’ e sin cho fad ’s a bha Mars air an àrd-ùrlar. Sheinn e sia òrain anns an ùine sin, agus aon còmhla ris na Red Hot Chili Peppers (bruidhnidh mi mun deidhinn fhathast….). Ged a tha Mars air a bhith soirbheachail gu ruige seo, cha chreid mi gum bi duine sam bith a’ bruidhinn mu dheidhinn ann an leth-cheud bliadhna, is tha mi cinnteach nach nochd e air an liosta ri taobh an luchd-ciùil eile a dh’ainmich mi na bu thràithe.

S e fìor urram a th’ ann do luchd-ciùil cothrom fhaighinn cluich aig leth-ùine an t-Superbowl. Ann am Breatainn, tha a h-uile seinneadair no còmhlan-ciùil a’ feuchainn ri àite a chosnadh air an àrd-ùrlar Pyramid aig Fèis Ghlastonbury. ’S e an aon seòrsa rud a th’ ann aig an t-Superbowl ann an Aimeireaga. ’S dòcha gur e sin an t-adhbhar gun robh na Red Hot Chili Peppers ag iarraidh cluich ann am-bliadhna.

Mus tòisich mi air na Piobairean a chàineadh, feumaidh mi ràdh gu bheil (no gun robh) mi gu math measail orra. ’S e By the Way aon de na ciad chlàran a bh’ agam riamh, is tha cuimhne a’m a bhith a’ siubhal timcheall Majorca còmhla ri mo theaghlach ann an 2003, ag èisteachd ris a’ chlàr air a’ chluicheadair CD agam ann an cùl a’ chàir. Chuirinn By the Way air, is an uair sin, chluichinn Comfort in Sound le Feeder, is nuair a bha sin deiseil, Permission to Land le The Darkness. Agus dhèanainn an aon rud a-rithist is a-rithist gus an do ruith an cluicheadair CD a-mach à bataraidhean. Bha mi a’ smaoineachadh gun robh mi cho cool ’s a ghabhas. Tha an saoghal air atharrachadh a-nis.

Thug mi spèis dha na RHCP às dèidh dhomh an leabhar inntinneach Scar Tissue a leughadh. B’ e sin an fhèin-eachdraidh aig Anthony Kiedis, is thuig mi às dìreach cho cruaidh ’s a dh’obraich iad airson soirbheachas fhaighinn sa ghnìomhachas ciùil. Ach, chan eil an spèis sin ann tuilleadh às dèidh an t-Superbowl am-bliadhna. Cha do chluich iad ach aon òran còmhla ri Mars, an t-òran “Give It Away” a bha air a’ chòigeamh chlàr aca. Ged a bha Kiedis a’ seinn beò, cha do chluich an còmhlan beò. Carson? Seo òran a tha iad air a bhith cluich airson barrachd na fichead bliadhna a-nis. An robh eagal orra, neo an e an luchd-eagrachaidh a bu choireach? Cha b’ urrainn dhaibh a bhith càil na bu mhiosa na Mars co-dhiù…

Fhuair na RHCP beagan càinidh às dèidh an t-Superbowl, ’s iadsan a bha airidh air. Ann an aithisg a thàinig a-mach às dèidh làimhe, bha Flea, a bhios “a’ cluich” beus leis a’ chòmhlan, a’ bruidhinn a-mach mu na rinn iad. Thuirt e:

We take our music playing seriously, it is a sacred thing for us”

Ceaaaaaaaart……

But, when this Super Bowl gig concept came up, there was a lot of confusion amongst us as whether or not we should do it, but we eventually decided, it was a surreal-like, once in a life time crazy thing to do and we would just have fun and do it.”

Shin sibh, Flea, fìor dheagh chontrarrachd! Chan eil sin a’ dèanamh ciall dhomhsa. Thuirt e gur e rud mòr a th’ ann dhaibh a bhith a’ cluich beò, ach nuair a fhuair iad cothrom a bhith a’ cluich air beulaibh an luchd-èisteachd a bu mhotha a bh’ aca riamh, bha iad toilichte gu leòr “cluich mas-fhìor” a dhèanamh.

Ach ’s dòcha gu bheil seo a’ tachairt nas trice is nas trice ann an suidheachaidhean eile. Ann am poileataigs, mar eisimpleir, bidh daoine eile a’ sgrìobhadh nan òraidean, is bidh an luchd-poileataigs gan leughadh a-mach. ’S e ìomhaigh a th’ ann. Am bu chòir dhuinn dìreach gabhail ris na meallaidhean seo?

Nan robh sibh fhèin ann an suidheachadh nan Red Hot Chili Peppers, dè dhèanadh sibh fhèin? Dhaibhsan, tha mi cinnteach gur e an t-airgead a bha na tharraing mhòr dhaibh. ’S e seo còmhlan a tha ann an sgeir airgid co-dhiù, ach bidh an luchd-ciùil seo daonnan ag iarraidh rud beag a bharrachd. An turas seo ge-tà, chanainns’ gun do chaill iad spèis bho muinntir nan Stàitean, is tha sin a cheart cho cudromach ri airgead.

– Calum MacConaill

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “Super-bore aig an t-Superbowl

  1. Uil, feumaidh mi ràdh gun robh daoine, leithid mo mhàthar is na boireannaich eile Aimeireaganach glan air an dòigh gun deachaidh esan a thaghadh – ged nach eil sin a’ ciallachadh nach robh mi fhìn gun aire a’ cluich beer-pong ann an Sruighlea fhad ’s a bha e seinn.

    Agus, ma ghabhas sibh beachd on Aimeireaganach seo, theirinn gun robh an cluich an lùib an t-Superbowl buileach nas mios’ (agus ’s e sgil dha-rìribh tha sin!).

    Ach, uil, chun na h-ath-bhliadhn’ dar a bhitheas na Patriots staigh air a’ ghnothach!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach