Tomhas de bhàrdachd eile. Tha seo co-cheangailte ris na beachdan aig mòran de luchd-“cha bu chòir” air na meadhanan sòisealta nuair a thug iad mun aire droch-bhuil “Breat-a-mach”. Dhan sgrìobhadair seo, bha nàdar de “phlìonas” a’ tighinn tarsaing anns a’ bheòlagraich mhilis a bha a-nis a’ dol air ais ’s air adhart air Twitter eadar muinntir “bu chòir” agus “cha bu chòir”.
Òran Br-fhàgail Brònach
Seo agaibh duanag a’ toirt geàrr-iomradh air cùisean mòra Brexit ann am beagan fhaclan a-rèir nam beachdan is a’ bhreithneachaidh as motha a chluinnear ma dheidhinn sna naidheachdan.
Ma tha cuid agaibh airson a gabhail os làimh ron ath-Mhòd Nàiseanta, ’s ann ris an fhonn “Chuir iad mis’ a dh’eilean leam fhìn” a tha i air a duanadh! Is dòcha gun còrd e ri Eurovision cuideachd.
