Bàrdachd | Àird nan Saighead

© Richard Webb
© Richard Webb

Maduinn chiùin fo shruth na deò,
Air sliabh àrd sa bhaile mhòr,
Dhearc mi nìos a-chum a glòir,
A’ ghrian òg ’s i ‘g èirigh suas;
Mhaighdinn bhòidheach mhìn na tuar.

Chaith mi an latha ann am thosd,
I gam dhrùidheadh ri a bòsd.
Chunna mi a saoghal bhàrr an tòrr’,
Le fonn-smeòraich gam thoirt bhuam;
‘N Talla mhic Leòid fo cheòl buain.

Dhearc mi rithist air a nòs,
A’ triall tharam le ‘cuid òr,
A’ fàs gach uair na cuid stòr,
Gus eug a-nochd caitht’ ro-luath;
Gus eug am fois ann a suain.

Liam Alastair Crouse 2013

Share