Èiginn na Gnàth-shìde ann an Alba: Uibhist | Liam Alastair Crouse

Chaidh èiginn na gnàth-shìde a ghairm le Nicola Sturgeon nas tràithe dhen bhliadhna, ach dè tha sin a’ ciallachadh do dh’Uibhist a Deas, fear de na prìomh àiteachan a tha fo chunnart ri linn atharrachadh na gnàth-shìde? Anns an ath cheud bliadhna, dh’fhaodadh stoirmean nas treasa, cho math ri sruthlaidhean mòra cumhachdach nan cois, bristeadh tro choilleagan a’ mhachaire, a’ cur às do choimhearsnachdan agus fearann-croitearachd, mar a chuala sinn on Oll Stiùbhart Angus a bha a’ bruidhinn aig symposium coimhearsnachd Cheòlais air 23 dhen Iuchar. Leugh an còrr de “Èiginn na Gnàth-shìde ann an Alba: Uibhist | Liam Alastair Crouse”

Share