Còig faclan Uibhisteach

Thairis air an deireadh-sheachdain, bha a’ chiad fhèill litreachais sa Ghàidhlig ga cumail ann an Uibhist a Deas, ‘Às an Tobar’. Bha Catrìona NicIlleDhuibh an làthair, a’ bruidhinn mu fhaclan san leabhar ùr aice, Forradh: Sly Cooking – taghadh bho fhaclan is abairtean a chruinnich Mgr Ailean ann an Uibhist agus Èirisgeidh.