Bàrdachd | Am Fosal

do Lodaidh MacFhionghain* Cha b’ iongnadh leam ged a chuir muinntir na sgìre seo “Am Fosal” ort oir tha thusa a’ tighinn beò air chleas nam famhairean a bha a’ smàgadh air an talamh nuair a bha am fonn air ùr bhriseadh. Chan e dreug ghailbheach lasrach a chuir ás dha’n Ghàradh sin ach fuarachadh…

Guthan nam Ball

Bhruidhinn Dàna ri Ùisdean D. MacIlleinein agus Derek “Pluto” Moireach mun obair aca an lùib a bhith ag aithris air geamannan ball-coise, rugbaidh agus iomain tro mheadhan na Gàidhlig. ’S iad an ceangal eadar an luchd-èisteachd agus na tha a’ dol air adhart air pàircean spòrs an t-saoghail – an luchd-aithris a bhios a’ dealbhadh…

Lèirmheas TBh | The Walshes, BBC4

  A rèir Graham Linehan, cruthaichear an t-sreath ùr comadaidh seo, cha bu chòir dhuinn coimeas a dhèanamh eadar The Walshes agus an sitcom soirbheachail Èireannach, Mrs Brown’s Boys. Uill, coltach ri Linehan, chan eil mi air Mrs Brown’s Boys fhaicinn, mar sin tha sinn sàbhailte gu leòr. Ach ’s dòcha gur e rud beag…

Bàrdachd | Laoidh an Tràchdais

Latha dhuinn an Ceàrnag Sheòrais, Ag amharc air na Dàiltean mòra, Bu chuideachd chaomh is bu dhòigheil dhuinn, Air chèilidh ri fìon ’s a’ gabhail rainn. Dùn Èideann dìleach, ùmhlachd, àilleant’ Sràidean trang le daoin’ gun àireamh, Goirealaich, cabadaich, caigealadh, donnalaich A’ taomadh air ar cluasan gu cunbhalach. Mar bhreisleach na h-oidhche thàinig e romhainn;…