Leabhraichean son gheamadairean

Le Robbie MacLeòid

Tha an Nollaig a’ teachd dlùth oirnn! …agus tha an t-àm ann strì ri tìodhlacan a lorg. Nach e tha doirbh rudan a cheannach do dhaoine aig a bheil ùidh ann an geamaichean coimpiutaireachd: tha an t-uamhas innealan ann, agus geamaichean, agus DLC, agus ‘in-game currency’, agus iomadh rud eile. Ach is toil le daoine deagh leabhar aig àm na Nollaige. Mar sin, seo moladh no trì son leabhraichean dhuibhse a tha a’ feuchainn ri rudeigin a lorg son gheamadairean an-dràsta.

Blood, Sweat and Pixels – Jason Schreier

Tha Schreier na naidheachdair gheamaichean, agus san leabhar seo tha e a’ toirt dhuibh sgeulachd mu leasachadh iomadh gheama, leithid the Witcher 3, Stardew Valley, agus Uncharted 4. Le bhith dèanamh agallamhan leis an fheadhainn a bha thall is a chunnaic, tha Scheier a’ toirt sealladh air leasachadh cuid de na geamaichean as ainmeile on fhichead bliadhna a dh’fhalbh, agus air gnìomhachas nan geamaichean-coimpiutair san fharsaingeachd. Tha stoidhle sgrìobhaidh Schreier taitneach agus furasta a leughadh, fiù ’s nuair a th’ aige ri rud teicnigeach a mhìneachadh. Mas aithne dhut duine sam bith aig a bheil ùidh anns na geamaichean san leabhar, air neo ùidh ann an gnìomhachas gheamaichean san fharsaingeachd, mholainn Blood, Sweat, and Pixels fhaighinn air an son.

Rise of the Videogame Zinesters – Anna Anthropy

’S e cruthadair gheamaichean a th’ ann an Anna Anthropy, agus tha beachdan làidir agus tarraingeach aice mu dhèidhinn gheamaichean agus gnìomhachas gheamaichean. Leis gu bheil uiread de dh’airgead ri dhèanamh ann an geamaichean sna làithean seo, is tric nach eil na stiùidiothan mòra deònach rudan ùra fheuchainn, no daoine a riochdachadh nach eil nam fir gheala. Leis an fho-thiotal ‘How Freaks, Normals, Amateurs, Artists, Dreamers, Drop-outs, Queers, Housewives, and People Like You Are Taking Back an Art Form’, tha an leabhar seo airson do bhrosnachadh gus geamaichean a chruthachadh. Tha e làn fiosrachaidh fheumail mu chruthachadh gheamaichean, fiù ’s mur eil eòlas agad mu chòdachadh no sian: chan eil agamsa agus chòrd an leabhar rium glan. Mholainn e do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an geamaichean agus aig am biodh ùidh ann a bhith ag ionnsachadh beagan mu chruthachadh gheamaichean.

Boss Fight Books

Leabhar a trì ’s e…uill, ’s e buidheann de leabhraichean a th’ ann. ’S e foillsichear a th’ ann am Boss Fight Books a bhios a’ foillseachadh leabhraichean goirid mu gheamaichean. Tha gach leabhar a’ coimhead air aon gheama a-mhàin, le ùghdar eadar-dhealaichte airson gach leabhar. Mar sin, tha iad uile diofraichte. Tha an leabhar aca mu Metal Gear Solid mar chòmhradh eadar bràthair agus piuthair òg a chluich e, is iad an-diugh a’ cuimhneachadh air. Tha an leabhar aca mu Red Dead Redemption a’ sgrùdadh an Western, agus na ceanglaichean aige ri prìomhachas nan daoine geala. Tha an leabhar aca mun gheama Spelunky air a sgrìobhadh leis an neach a rinn Spelunky fhèin, agus tha e làn bheachdan inntinneach mu chruthachadh gheamaichean. Ma tha geamaichean a’ còrdadh ris an neach do bheil thu a’ sireadh tìodhlac, mholainn coimhead air leabhar Boss Fight Books dha.

Iar-ràdh

Gheibhear leabhraichean-èisteachd airson Blood, Sweat and Pixels agus cuid airson leabhraichean Boss Fight Books. Cha b’ urrainn dhomh fhèin leabhar-èisteachd a lorg airson Rise of the Videogame Zinesters, ge-tà.

Aon rud eile. Mas urrainn dhuibh, mholainn ceannachd bho bhùth-leabhraichean neo-eisimeileachd nur sgìrean fhèin. Chan fheum Jeff Bezos agus Amazon sgillinn ruadh a bharrachd bhuainne. Cuid de na bùithtean-leabhraichean as fheàrr leam fhèin ’s e Lighthouse ann an Dùn Èideann agus Category Is ann an Glaschu.

Tha làrach-lìn ùr air nochdadh cuideachd, uk.bookshop.org, a tha coltach ri Amazon ach airson bùithtean-leabhraichean neo-eisimeileachd, agus tha Blood Sweat and Pixels, Rise of the Videogame Zinesters, agus cuid de na Boss Fight Books rim faighinn ann (ceanglaichean gu h-ìosal). Thoiribh an aire leis ge-tà: chan eil e buileach cho math ri bhith ceannach bho bhùithtean-leabhraichean neo-eisimeileach iad fhèin mas urrainn dhuibh. Tha ceangal gu h-ìosal ann ri alt a tha mìneachadh carson.

Tha mi an dòchas gu bheil sin feumail dhuibhse a tha a’ strì ri tìodhlac a lorg son neach le ùidh ann an geamaichean. Cumaibh oirbh a’ cluich!

Tha Robbie MacLeòid na oileanach PhD aig Oilthigh Ghlaschu agus na ‘struthaiche’ Gàidhlig air Twitch. Gach seachdain bidh e a’ cluich gheamaichean coimpiutaireachd agus a’ bruidhinn man dèidhinn sa Ghàidhlig. An-dràsta tha e a’ cluich Assassin’s Creed: Valhalla. Thèid a lorg air Youtube, Twitter, Instagram agus Twitch fon ainm ‘Cluicheamaid’.

Nòtaichean

Chan eil bookshop.org foirfe: https://www.newstatesman.com/culture/books/2020/12/bookshoporg-independent-bookshops-andy-hunter-waterstones

Ceanglaichean Bookshop.org:

Blood, Sweat, and Pixels: https://uk.bookshop.org/books/blood-sweat-and-pixels-the-triumphant-turbulent-stories-behind-how-video-games-are-made/9780062651235

Rise of the Videogame Zinesters: https://uk.bookshop.org/books/rise-of-the-videogame-zinesters-how-freaks-normals-amateurs-artists-dreamers-drop-outs-queers-housewives-are-taking-back/9781609803728

Final Fantasy V (Boss Fight Books): https://uk.bookshop.org/books/final-fantasy-v-boss-fight-books-18/9781940535180


Share