Gràin air a’ Ghàidhlig

rabhdaireachd Twitter

Mar Ghàidheal, tha mi fhìn ‒ ’s tha mi cinnteach sibhse a tha a’ leughadh seo ‒ cleachdte ri droch-chainnt is aineolas a thaobh ar cànain. ‘S fhada on a dh’fhàs mi sgìth dheth is a-nis, às dèidh Bìog a sgrìobh John McTernan air Twitter fhaicinn, tha mi seachd searbh de bhith a’ cluinntinn a leithid.

Riamh, uill bho cho fad ’s a leigeas mo chuimhne leam, tha mi air cnapan-starra a ruigsinn air tàilleibh ’s gu bheil Gàidhlig agam. Ciamar air an t-saoghal a tha a leithid de rud ri gràin-chinnidh fillte san t-sòisealtas againn fhathast ?

Is dòcha gu bheil sibhse a’ smaointinn gu bheil ‘gràin-chinnidh’ ’na fhacal caran làidir air a shon ach chanainn gur e sin dha-rìribh a th’ ann. Nam b’ e daoine dubha a bh’ annainn bhiodh barrachd ùpraid a’ nochdadh a h-uile turas a tha sgrìobhadair a’ feuchainn ri ar cànan ’s ar cultar a chur sìos ach air sgàth ’s gur e Gàidheil a th’ annainn cha bhi sinne a’ dèanamh f@ck all mu dheidhinn. Seòrsa de Stockholm Syndrome far a bheil gu leòr againn dìreach a’ leigeil le seo tachairt is cha mhòr ag aontachadh ris na mòr mheadhanan oir tha sinn air an leithid a chluinntinn fad ar beatha. Fad beatha ar sinnsearan. “If you tell a big enough lie and tell it frequently enough, it will be believed.”

Gu pearsanta tha mi fhìn air a bhith aig ceann nan slaicean seo bho cho fad air ais ri àm bun-sgoile far an robh a’ chlann a’ cantainn ‘Gay-Lick’ ris…. Uabhasach cruthachail ‒ tha mi cinnteach gu bheil sibh ag aontachadh… Fiù ’s beagan bhliadhnaichean air ais ann an sgioba ball-coise Bharraigh far an robh cuid de chluicheadairean dìreach ri fealla-dhà – agus aidichidh iad gum bu mhiann leotha Gàidhlig a bhruidhinn – ach fhathast, bha cuid eile ann aig an robh fíor dhroch ghràin air a’ chànan. Tha gu leòr ann an-diugh anns na pàipearan naidheachd, Twitter, Facebook is anns a’ bheatha làitheil.

Is e seo prìomh phuing mo sgeulachd. Ciamar as urrainn gràin a bhith agad do chànan? Dè fon ghrèin a rinn Gàidhlig air na daoine seo? An do chuir i luchd na Beurla às na taighean aca? An do dh’fhuadaich i iad gu dùthchannan fad às? An do chuir i sìos laghannan far nach fhaodar Beurla a bhruidhinn aig àm sam bith? A bheil i a’ cur às do na soidhnichean ‘London’ is a’ cur soidhnichean nan àite air nach eil ach ‘Lunnainn’ a-mhàin?

Chan eil.

‘S mar sin carson as iadsan aig as motha bheil de ghràin air a’ Ghàidhlig?

An rud a tha gam fhàgail feargach ’s e gun urrainn dhuinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn. Sgrìobh air Twitter no Facebook gu na daoine aineolach a chantainn riutha gu bheil sinn an seo is nach eil sinn dìreach a’ dol gar sìneadh sìos is ga ghabhail. Ma tha sibh anns na mòr mheadhanan ag iarraidh bruidhinn anns a’ Ghàidhlig, iarr orra eadar-theangaiche fhaighinn dhut. A-rithist, sgrìobh Bìog air Twitter neo Facebook status a h-uile turas ann an Gàidhlig. Gabh gach cothrom ar cànan àrdachadh.

Chan eil gràin sam bith agamsa air a’ Bheurla… Dìreach air gu leòr den fheadhainn a bhios ga bruidhinn.

Tha Iain Beggs a’ buntainn ris an Fheanaig ann am Barraigh. Tha e an-dràsta ag obair aig Pròiseact nan Ealan.

Share