Lèirmheas TBh | The Walshes, BBC4

  A rèir Graham Linehan, cruthaichear an t-sreath ùr comadaidh seo, cha bu chòir dhuinn coimeas a dhèanamh eadar The Walshes agus an sitcom soirbheachail Èireannach, Mrs Brown’s Boys. Uill, coltach ri Linehan, chan eil mi air Mrs Brown’s Boys fhaicinn, mar sin tha sinn sàbhailte gu leòr. Ach ’s dòcha gur e rud beag…

Bàrdachd | Laoidh an Tràchdais

Latha dhuinn an Ceàrnag Sheòrais, Ag amharc air na Dàiltean mòra, Bu chuideachd chaomh is bu dhòigheil dhuinn, Air chèilidh ri fìon ’s a’ gabhail rainn. Dùn Èideann dìleach, ùmhlachd, àilleant’ Sràidean trang le daoin’ gun àireamh, Goirealaich, cabadaich, caigealadh, donnalaich A’ taomadh air ar cluasan gu cunbhalach. Mar bhreisleach na h-oidhche thàinig e romhainn;…

Moroco

Bho chòmhnardan a’ chosta an iar gu bailtean mòra nan laighe eadar callaidean bheann ’s fàsach loisgte gu ruige dùintean gainmheach na Sahara, tha Moroco na dùthaich air leth aig a bheil measgachadh sònraichte de dh’àrainneachd agus eachdraidh. ‘S ann a chaidh mise agus caraid dhomh don dùthaich aig tòiseach na Samhain, dar a bha cosgaisean itealain aig…