10 Òran | Am Màrt

‘S e seachdain trang a th’ air a bhith againn aig Dàna, ach ’s e Dihaoine a th’ ann a-diugh, ’s deagh àm son beagan fois a ghabhail  le ceòl math. Seo deich òran dhuibh a chaidh a mholadh le Calum MacConaill.      

Super-bore aig an t-Superbowl

A’ chiad chuimhne a th’ agam air an t-Superbowl, ’s e sin nuair a leum uchd-aodach Janet Jackson fosgailte a’ leigeil a cìoch chlì ris a’ ghaoith an 2004, fhad ’s a bha i a’ seinn còmhla ri Justin Timberlake. Deich bliadhna bhon uair sin, nochd boob eile air an aon àrd-ùrlar, is ’s e Bruno Mars…

Gàidhealtachd Bhulgaria

Chuir mise seachad mìos as t-samhradh a’ siubhail feadh Bhulgaria, am fìor ear-dheas na h-Eòrpa. Tha Bulgaria furasta gu leòr a ruigsinn, is iomadach itealan ‘buidseatach’ a tha a’ dol gu costa a’ Chuain Dhuibh no chun nam bailtean as motha. Bha mi fhìn gus cola-deug a chur seachad ag ionnsachadh Beurla do chlann Roma gun…