Chaidh èiginn na gnàth-shìde a ghairm le Nicola Sturgeon nas tràithe dhen bhliadhna, ach dè tha sin a’ ciallachadh do dh’Uibhist a Deas, fear de na prìomh àiteachan a tha fo chunnart ri linn atharrachadh na gnàth-shìde? Anns an ath cheud bliadhna, dh’fhaodadh stoirmean nas treasa, cho math ri sruthlaidhean mòra cumhachdach nan cois, bristeadh tro choilleagan a’ mhachaire, a’ cur às do choimhearsnachdan agus fearann-croitearachd, mar a chuala sinn on Oll Stiùbhart Angus a bha a’ bruidhinn aig symposium coimhearsnachd Cheòlais air 23 dhen Iuchar. Leugh an còrr de “Èiginn na Gnàth-shìde ann an Alba: Uibhist | Liam Alastair Crouse”
‘Fiadhaich Glòrmhor’ | lèirmheas taisbeanadh ùr NMS
Tha taisbeanadh ùr aig Taigh-tasgaidh na h-Alba a tha a’ cnuasachadh mar a thàinig ìomhaigh romansach na h-Alba gu bith – sgeul a tha gu mòr a’ buntainn ri cultar nan Gàidheal. Thadhail Gille-chrìost MacGill’Eòin air an taisbeanadh air an t-seachdain seo, agus seo agad an lèirmheas aige dhen taisbeanadh. Leugh an còrr de “‘Fiadhaich Glòrmhor’ | lèirmheas taisbeanadh ùr NMS”
#strike4climate | bàrdachd
Bidh clann Sgoil Dhalabroig am measg na h-òigridh a bhios a’ togail fianais air feadh an t-saoghail mu atharrachadh na gnàth-shìde air 15 den Mhàrt. Seo tàladh beag a rinn Liam Alastair Crouse a’ beachdachadh air an uallach a th’ air guailnean a’ ghinealaich òig.