Èiginn na Gnàth-shìde ann an Alba: Uibhist | Liam Alastair Crouse

Chaidh èiginn na gnàth-shìde a ghairm le Nicola Sturgeon nas tràithe dhen bhliadhna, ach dè tha sin a’ ciallachadh do dh’Uibhist a Deas, fear de na prìomh àiteachan a tha fo chunnart ri linn atharrachadh na gnàth-shìde? Anns an ath cheud bliadhna, dh’fhaodadh stoirmean nas treasa, cho math ri sruthlaidhean mòra cumhachdach nan cois, bristeadh…

Còig faclan Uibhisteach

Thairis air an deireadh-sheachdain, bha a’ chiad fhèill litreachais sa Ghàidhlig ga cumail ann an Uibhist a Deas, ‘Às an Tobar’. Bha Catrìona NicIlleDhuibh an làthair, a’ bruidhinn mu fhaclan san leabhar ùr aice, Forradh: Sly Cooking – taghadh bho fhaclan is abairtean a chruinnich Mgr Ailean ann an Uibhist agus Èirisgeidh.

Leann nam Biast

Cò idir a chuala mu leann nam biast, air neo leum[1] nam biast? Bidh cuid mhath de na h-Uibhistich os cionn aois dà fhichead eòlach gu leòr air – seòrsa de leann a bhathar a’ grùdadh an Uibhist (agus air Ghàidhealtachd, tha e coltach).