Taylor Swift agus a’ #GaelicCrisis

Le foillseachadh an leabhar rannsachaidh The Gaelic Crisis, tha an ceòl air a dhol air feadh na fìdhle air na meadhanan. Tha taobhan gan comharrachadh agus campaichean gan lìonadh ann an saoghal na Gàidhlig.

“Nuair a chluicheas tu geamannan faoin, glèidhidh tu duaisean faoin” mar a thuirt Taylor Swift, tè-labhairt mo ghinealaich fhèin, anns a’ chlàr as ùire aige, ‘Lover’. Thàinig an clàr a-mach ann an 2019, an teas-meadhan aimhreit a’ chomainn-shòisealta anns Na Stàitean Aonaichte. Clàr mu ghaol a th’ ann, eadar gach cruth, cluth is ciùrradh a tha na chois.

Uil, a dhaoine còire, tha sinn uile ann an gaol ris a’ Ghàidhlig. Dè, ma-thà, a th’ aig Taylor chòir ri ionnsachadh dhuinn mun strì ghràdhach againn às leth na Gàidhlig? Oir, mar a chanas iad, is fheàrr an saoghal ionnsachadh na sheachnadh.

Leugh an còrr de “Taylor Swift agus a’ #GaelicCrisis”
Share