Taigh a’ Phuimcein (Dàn do Dh’oidhche Shamhna)

10650154483_b0d00bbc33_o

Le cead Creative Commons

Le Alasdair Paul

An oidhche a ruith a’ Cho Op a-mach à puimceanan
Bha ùpraid aig na h-inbhich is àmhghar aig an cloinn
Bu phailt na h-uinneagan anns nach fhacas lòchran
Air an cùlaibh, pàistean truagh’ le deòir nan sùilean

Bha gort aig cuid is pailteas aig an nàbaidhean
Rud a chuir sgaradh sìos meadhan a’ chomainn
Taobh thall bho thaigh far an robh puimcean a dhìth
Bhiodh taigh far an grodadh iad gun sùim no brìgh

Chunnacas Màiri Nic an t-Saoir ’s i a’ ceannach trì
Rud a chuir stùirc air càch a bha san t-sreath
Ach nuair thuit is bhris fear dhuibh aig taobh a càir
Chualas cagar ‘S ann a thàinig an dà latha oirre!’

Bu tric a chunnacas Beathag aig a check out
‘S i a-mach ’s a-steach na bùtha thall ud
A’ faighinn a roghainn air na bha air ùr thighinn
B’ fheàirrde gum biodh aig a h-uile an cuibhreann

A-mach bhon bhaile aig cùl a’ chnuic taobh thall
Sin far an do dh’fhuirich fear MacThòmais le chuid àil
Air falbh bhon chòmhrag is fada bhon chòmhstri
Far an do riaghlaich rian, sonas, sàmhchair is sìth

Ach Disathairne nuair a thug iad orra an ùdraid
Is a chuir iad an ablach càir sìos air an rathad
Is iad an tòir air solar na seachdainneach
B’ e briseadh-dùil a dh’fheith ris an teaghlach

Far am bu chòir do chruach phuimcein a bhith
Ri taobh aodainnean-coimheach is trusganan àillidh
Bha aona phuimcean suarach, nach robh fiù ’s slàn
Oidhche Shamhna, ’s ann a bhiodh an uinneag bàn

Bhiodh an oidhche nas duirche na dorchadas fhèin
Bhiodh spioradan air allaban ‘ feadh na talmhainn
An riochd taibhsean is bòcain, dh’èireadh na mairbh
Gun solas an lòchrain a chumadh iad air falbh

Cha tigeadh na gìsearan a-nall chun an dorais
Gun chuireadh bhon lòchran bhith tighinn am fagus
Cha bhiodh òran no dàn no fealla-dhà ga aithris
‘S e oidhche thruagh bhiodh ann, gun bhloigh shòlais

Ach dh’fhalbh an oidhche gun mòran air tachairt
Agus chaidh cùisean air ais, cha mhòr, dhan àbhaist
Air puimcean no bòcan no trusgan cha robh sgeul a-nis
Cha b’ fhada gur e Nollaig a dh’fhàg daoine nam fiabhras

Ach chuir na thachair clisgeadh air MacThòmais
Oir, bu bheag air theaghlach fhaicinn gun sòlas
Bu lugha air an ana-cheartas is am buaireadh
Rinn e plana gus an troimhe-chèile a sheachnadh

Nuair thàinig doineannan fiadhaich a’ ghearraidh
Is a bha a h-huile duine glic gu seasgair a-staigh
B’ ann a bha MacThòmais le thractar air an tràigh
A’ tional na feamad a dh’fhàg am muir ann gu fialaidh

Chàrn e anns an trèilear aige i, is thill e dhachaidh
Far an do chop e, air an achadh a b’ fheàrr a bh’ aige, i
Chunnacas e grunn tursan ’s e a’ dol air ais is air adhart
Gus an robh beinn de dh’ fheamainn na laighe air a lot

Thòisich an uair sin a’ phlàigh ris nach robh e idir an dùil
Meanbh bhiastagan na feamad a’ teicheadh bhon pholl
Ghabh iad thairis air a thaigh is rinn iad hò-rò geallaidh
Is iad a’ dannsadh ’s a’ leum anns a h-uile oisinn is cùlaist

Ach bu mhìosa buileach, b’ e siud am fàileadh
Nuair a thòisich cruach na feamad air breòthadh
Sgap i bho thuath gu deas gu fad is gu farsaing
A chur diomb air a theaghlach ’s air an nàbaidhean

Ach nuair a thàinig blàths agus grian an Earraich
B’ ann aig MacThòmais a bha am fearann bu torraiche
Bha an sgeul a-nis deiseil gu bhith ga snìomh
Bha an gnothach gus a bhith ga chur an gnìomh

Moch madainn Chèitein chaidh MacThòmais chun a bhlàir
Far an robh na h-eòin a’ ceilearadh gu sona anns an adhar
Thug e sgrìob calg-dìreach tron gheata gu cùl a’ ghàrraidh
Thug e sìol à pòca-tòine a chuir e am meadhan an achaidh

Bu bheag a thachair airson greis ‘bha gu math fada
Gun sgeul air bàrr coirce, snèip, eòrna no buntàta
Smuainich càch gun robh a’ chroit air a dhol bàn
Is gun deach MacThòmais (mar a bha dùil) às a rian

Bhon latha a mhothaich MacThòmais sìolag a’ fàs
Bha e a-mach is a-steach a’ toirt cùram dhan lus
Ga chumail ri uisge is a’ cur ruaig air na h-eòin
A’ ruith na chearcaill is a’ glaodhadh mar amadan

Bho thog an lus a cheann theann e ri fàs na dheann
A’ dol na leum tron achadh, bhon mhullach don bhonn
Na b’ àirde is na b’ àirde gus an robh e na dlùth-choille
(A’ chiad choille a chunnacas an taobh-sa bho bha Fionn na Ghille)

Sgròb na daoine an cinn is iad air an slighe seachad
Dè am bàrr neònach a bha MacThòmais ag àiteach?
Banana ’s dòchʼ no cularan no fiù ’s tombaca
No rudeigin genetically modified, ‘bha cho iriseal ri buntàta

San Iuchar chaidh MacThòmais a-steach fon phlanntrais
Feuch an robh am planntrais a’ fàs mar bu mhiann leis
Chunnaic e measan am pailteas a bha sgapte air an talamh
Spiol e is spad e iad, gus nach robh ann ach aonan dhiubh

Thug màthair lus a-nis cùram da h-aona naoidhean
A theann air fàs aig astar nach gabhadh a chreidsinn
Bho bhith cho mòr ri orainsear gu meud bàl traghad
Gu bhith cho mòr ri càr is an uairsin cho mòr ri taigh

Thog e a cheann os cionn bàrr nan duilleagan
Shìos sa bhaile, chìte e bhon a h-uile uinneag ann
Mar gur e a’ ghrian san ear, is i a sìor èirigh
Ann an rìoghachd na glasraich, b’ esan an rìgh

Le fuachd an fhoghair, thòisich am planntrais air searg
Is nochd am puimcean, slàn air cliathaich a’ chnuic
Far am faicte MacThòmais, is e a’ dol mu thimcheall air
Ga mheasadh is ga thomhas is ga choimhead le sùil gheur

Air Madainn an ath-latha nochd MacThòmais le fàradh na làimh
‘S e a’ fiaradh tron achadh gu far an robh am puimcean na laighe
Far an do chuir e am fàradh na àite an tac ris a phuimcean
Chuir e a chas air a’ chiad rongas is dhìrich e chun a’ chinn

Gheàrr e am mullach far a’ phuimcein le sàbh
Is theann e air an saothair a bha roimhe gun tàmh
Chladhaich e a-steach don fheòil ann le màtag is tairsgeir
Is thar na cliathaich leatha, far an d’fhuair na fithich an sàth

Na bu dhomhainne is na bu dhomhainne chladhaich e a-steach
Gus nach fhacas MacThòmais tuilleadh le biast no neach
Ach lean fòid a’ phuimcein orra a’ taomadh bhon cheann
A’ toirt fianais gun robh e fhathast ag obair na dheann

Moch madainn Shamhna shàth e a shàbh tron sgrath
Is gheàrr e dà shùil chruinn dheth ro bhriseadh an latha
An uairsin leth-ghealach ’son beul is triantan ’son na sròine
Is bha an obair aige dèante ro dhol fodha na grèine

Chuir e a-nis cuireadh do a theaghlach dol a-steach
Is dhìrich iad am fàradh gu faiceallach, fear mu seach
Cha mhòr nach creideadh iad na bha mu thimcheall orra
Seòmar beag grinn, nach e a bha a còrdadh riutha!

Bha bòrd ann is sgeilpichean air an sgeadachadh
Bha suidheachan do gach fear air a shnaidheadh
Is sheas an seann-lampa Tilley air a’ bhòrd a’ srann
A bha air a bhith san lobht bho thàinig an dealan ann

Mu thimcheall a’ bhùird, shuidh iad cruinn còmhla
Is rinn iad gàirdeachas ri annas-làimh an athair
Theann iad air òrain is sgeulachdan is fealla-dhà
Sheall iad sìos, don bhaile a bha na shìneadh fòdhpa

Bhon Bhaile shìos sheall an sluagh suas don mhìorbhail
An lòchran phuimcein bu mhotha a chunnacas air an t-saoghal
A’ bhliadhna ud bha toileachas agus blàths nan cridhe
A’ bhliadhna ud cha robh uinneag ann le lòchran a dhìth

Leagh am puimcean don ùir mus do thog Nollaig a ceann
Dh’aom na bliadhnaichean is mhèath a h-uile cuimhneachan
Mu sgeul puimcean MhicThòmais cha robh daoine cinnteach
An e ùirsgeul a bh’ ann no an do thachair e ann an da-rìribh

Ach bho seo a-mach bha aon rud ann a bha cinnteach
Cha robh sgeul air cò leis a bha am puimcean bu bhòidheach
Am fear a bu mhotha no am fear a b’ fheàrr air a shnaidheadh
Bhuineadh ùpraid nam puimcean do làithean ‘ chaidh seachad
[1] Peapag – puimcean

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach