Tàlant a’ Chiùil: Alt an aghaidh oideachaidh?

Sa chiad artaigil aige do Dhàna, tha Niall Gòrdan ag innse dhuinn beagan mu na dòighean anns a bheil e fhèin air ionnsramaidean ciùìl ionnsachadh, ’s e a’ cur ceist oirnn: dè cho cudromach ’s a tha tàlant nàdarra?

2734749210_83925cb9a7_o

 

Fàilte oirbh uile, a luchd-ciùil – eadar gun dèan sibh neo gun èist sibh ris – na dùthcha seo ris an can sinn Alba, agus gu sònraichte àd-san air Ghàidhealtachd! Agus mi fhìn an seo san Eilean Sgitheanach, bu toil leam rud a chur air dòigh – air-loidhne a-mhàin, thoiribh fa-near – a thachras glè thric an seo. ‘S e sin: co-labhairt! ‘S e ceòl as cuspair dom inntinn an-diugh agus mi gu mòr an sàs ann a bhith a’ tadhal air ionadan “seann daoin’ òga” ann an cuideachd mo Sheòidín, a bheir puirt is fuinn às a bogsa-ciùil fhèin.

Bu chòir tòiseachadh is dòcha le sùil air ais air mar a thòisich mi: agus mi nam dheugaire – mu 14 bliadhn’ a dh’aois, tha fhios – dhùisg annam inneal-ciùil fhaotainn. Nis, bha ceòl san teaghlach ceart gu leòr – chluicheadh màthair m’ athar am piàna, tha e coltach: agus bhiodh athair mo mhàthar ri baileadan a’ bhothaig agus bogsa beag. Ach cha b’ e gin dhe na h-innealan sin a bha Niall reubailteach ag iarraidh – b’ e giotàr!

Mar as trice a thachras, thòisich mi le rudan simplidh: na còrdan D, A agus G, agus feumaidh mi ràdha gun robh annas orm gun gabhadh uiread a dh’òrain a chluich taobh a-staigh nan crìochan sin mar gum biodh. A’ chiad òran a dh’ionnsaich mi? Is math is cuimhne leam sin: “The Banks of the Ohio”, agus tòrr òran a bha coltach ris. Nis, ‘s dòcha gun tomhais sibh gur ann air giotàr cumanta fuaimneach a thòisich mi: agus cha do chosg seo ach leth-chiad sgillin (50sg) do mo phàrantan. Cha b’ e an giotàr a b’ fheàrr a chunnacas riamh, ach rinn e an gnothach ‘s mi air ceum diùid a chur air rathad a’ chiùil.

Mar a shaoileadh sibh, tha seo ga mo thoirt chun an ath-cheuma: rud a chuir oillt air m’ athair ‘s mo mhàthair. Gu dè bh’ ann? Bha, giotàr dealain! Anns na làithean sin agus bùth Woollies fhathast air àrd-shràid Bhaile Chàil, rachadh giotàirean saora a reic ann – gheibhte fear dealain air £20. Cumadh cuimir àlainn orra seo, cuideachd – caol, aotrom, furasta chluich an taca ri giotàr fuaimneach. Agus gu nàdarra, dh’fheumadh duine pios treallaich a bharrachd fhaotainn gus giotàr dealain a chleachdadh – meudair, mar bu trice fear beag le 10 watt de chumhachd ann agus glaodhaire beag nach dèanadh cus fuaim ann an taigh cumanta.

Mar a dh’atharraich mi m’ innealan thar nam bliadhnaichean, dh’atharraich mo chàil sa cheòl: agus b’ e seo a dh’fhàg mi ‘s ùidh agam ann am meur-chlàir ‘s a leithid. Chaidh mi o cheòl dùthchail gu ceòl luasganach: is math is cuimhne leam gun robh mi glè dhèidheil air Marc Bolan nach maireann agus T-Rex… chun na h-ìre ‘s gun dèanainn rudan glè neònach le m’ fhalt! Deep Purple, Black Sabbath – thig iad uile a-steach don sgeul àm a choreigin.

Uill, chaidh mi o sin uile gu ceòl “for-cheumach”, no adhartach mar a theirear ris uaireannan. An turas seo, b’ iad Yes is Genesis na seòid ciùil agam – agus gu dearbh fhèin tha mi a cheart cho dèidheil air Genesis an-diugh is a bha riamh… ach is sgeul latha eile e sin!

Chan fhios do neach gu dè a th’ ann an dàn: agus latha a bha seo, chaidh mi an sàs ann an ceòl Albannach! Is math is cuimhne leam a’ chiad uair a chaidh mi sìos a dh’fhaicinn caraid a bha a’ cluich a’ bhogsa ‘s cleachdadh romhainn: an toiseach, cha robh mi cinnteach dè dhèanainn. Ach mean air mhean, thuig mi an dòigh – agus a thaing sin aig m’ eòlas air a’ mheur-chlàr – san cluicheadh duine còrdan giotàir is eile cuide ri fuinn dannsaichean na h-Alba.

Agus – gach dìleas gu deireadh – tha seo ga mo thoirt chun an latha an-diugh ‘s mi an dèidh cur ri m’ eòlas-ciùil tro bhith a’ cluich giotàir (an dà chuid fuaimneach agus dealain), cho math rim mheur-chlàr, aig cèilidhean is eile. Ach ‘s e an rud as cudromaiche ach gu bheil mi, mar a dh’ainmich mi, ri ceòl èisteachd ann an ionadan cùraim – rud a chòrdas gu mòr rium fhin, ri mo bhean cheòlmhor… agus ri luchd-còmhnaidh nan ionadan sin, as bith càite an tèid sinn.

Mun àm-sa, bidh sibh a’ cur na ceist nur n-inntinn fhèin: gu dè an gnothach a th’ aig seo uile ri tiotail aiste Nèill? Uill, seo cnag na cùise: thug mi a h-uile rud a-mach gun teagasg is gun oilean. Mo rathad fhìn. Nis, feumar tuigsinn nach ann a’ cur sìos air daoine a dh’ionnsaich ceòl tro luchd-oideachaidh a tha mi idir. Ach nach fìor ri ràdha e gum bi, uaireannan, buaidh nàdarra a’ chiùil a’ nochdadh ann an daoine dhe mo leithid – rud nach eil furasta thuigsinn, ach a bhuail mòran dhaoine eile cuideachd? Daoine leithid a leanas…

Raibeart Burns – nach tuirt tidsear nach robh comas aige fonn a ghiùlan?

Dithisd bhràthair den fhine Coinneagan – thuirt tidsear car an aon rud riuthasan!

Cuid den chòmhlan Genesis – a’ chuid is motha dhiubh a dh’ionnsaich ceòl mar a b’ fhaide chaidh iad air adhart…

Agus tha fhios gun ainmich sibh fhèin na daoine ceòlmhor as annsa leibh? Feumaidh mi ràdha cuideachd gur ann mar seo a chaidh mi trom bheatha – a thaobh iomadh rud. Mar sin, agus mi rud beag tromach-air-shearrach, nach cuir mi a’ cheist aig deireadh m’ aiste ‘s i mar dheagh chuspair do cho-labhairt sam bith: agus seo i…

Gu dè is fheàrr: tàlant nàdarra neo teagasg?

Sin e – ‘s mar a chanas Gàidheil na h-Èireann: mo cheól sibh!

– Niall Gòrdan

Dealbh © Zeetz Jones, air a chleachdadh le cead Creative Commons

 

 

 

 

 

 

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach