Taobh Thall na Grèine | Robbie MacLeòid

Tha sinn gu math toilichte a bhith a’ foillseachadh nan sgrìobhadairean a bhuannaich Farpais Litreachais Comunn Oiseanach Oilthigh Ghlaschu uair eile. Seo an rosg as fheàrr on fharpais le Robbie MacLeòid. Meal-a-naidheachd ort, a Robbie!

Taobh Thall na Grèine

 

Uaireigin dhen t-saoghal, bha cogadh mòr a’ dol sna speuran, taobh thall na grèine. Thòisich an cogadh o chionn iomadh bhliadhna, is cha robh duine beò a chuimhnich ciamar no cuin a thòisich e. Cha robh ach fios gun robh cogadh a’ dol, agus bha a h-uile duine glè chinnteach gun robh iadsan ceart, agus an nàmhaidean ceàrr.

A-nis, sna làithean sin, bha diofar sgoiltean ann airson cloinne. Nan robh do phàrantan a’ sabaid anns a’ Chogadh le Feachdan na Talmhainn, rachadh tu gu sgoil gleansach, spaideil, bhrèagha, ris an canadh Sgoil Gheal.

Ach nan robh do phàrantan an aghaidh a’ Chogaidh, no mura robh iad an sàs anns na Feachdan, no – mo chreach ’s a thàinig – nan robh do phàrantan air a bhith air taobh nan Cinnidhean Reultach, rachadh tusa gu sgoil robach, aosta, shalach, ris an canadh Sgoil Bhuidhe.

’S ann dhan Sgoil Gheal a bha Flòraidh a’ dol. ’S ann dhan Sgoil Bhuidhe a bha Lios a’ dol.  Gach madainn, bhiodh Lios ag èirigh gu math tràth. Bha aice ri seo a dhèanamh, oir bha an Sgoil Bhuidhe gu math fada air falbh bhon taigh aice, agus chan fhaodadh a pàrantan Lios a thoirt ann iad fhèin, oir, mar Ghealtairean, cha robh cead aca an taigh aca fhàgail.

Bhiodh e an-còmhnaidh dorch nuair a bhiodh Lios ag èirigh, ge bith an e geamhradh no samhradh a bh’ ann. Dhèanadh a h-athair bracaist dhi, a màthair bogsa-lòin, agus bheireadh an dithist aca pòg dhi mus fàgadh Lios an taigh. Choisicheadh Lios na sràidean fada gu ruige na sgoile. Bhiodh i fuar, sgìth, agus, air uairean, bog fliuch.

Nuair a bhiodh Lios a’ coiseachd, bhiodh Flòraidh fhathast na leabaidh. Cha robh aice ri èirigh gus an robh a’ ghrìan àrd sna speuran. Cha robh Sgoiltean Geala a’ tòiseachadh cho tràth ri Sgoiltean Buidhe, agus bheireadh tidsear Flòraidh ann i nan robh feum aice air sin. Ach chan ann tric a bha i, oir cha robh an Sgoil ach còig mionaidean air falbh. Dhèanadh coimpiutair an taighe a bracaist agus a bocsa-lòin dhi gach madainn, agus dh’itheadh Flòraidh a bracaist na h-aonar sa chidsin, gun duine beò ris am bruidhneadh i.

Nuair a ruigeadh Lios an Sgoil Bhuidhe, bha aice ri a baga a thoirt dhi. Shealladh coimpiutair beag na bhroinn, a’ dèanamh cinnteach nach robh rudan toirmisgte ann. Bha aice ri a h-ainm a sgrìobhadh air liosta airson clàradh a-steach, agus a’ cantainn ri coimpiutair eile, ’Tha mise, Lios nan Iteag, a’ gealltainn nach can mi guth an aghaidh Feachdan na Talmhainn anns an Sgoil.’ Bha an uair sin aice ri bhideo a choimhead le na sgoilearan eile, a bha a’ sealltainn dhaibh na bha dol sa Chogadh. ’An-diugh sa Chogadh…’ thòisicheadh gach bhideo, le tè-naidheachd a’ bruidhinn mu bhlàran, shaighdearan, agus phlanaidean cèine. Aig deireadh gach bhideo, chanadh an tè-naidheachd: ‘Agus carson nach cùm sibhse taic ri ur planaid? Thoiribh air ur pàrantan pàirt a ghabhail sa Chogadh ghlòirmhor!”

Nuair a ruigeadh Flòraidh an Sgoil Gheal, cha robh aice ri a leithid a dhèanamh. Chuireadh coimpiutair na sgoile fàilte bhlàth oirre. ‘Madainn mhath, a Fhlòraidh nighean Gaisgich,’ chanadh e. ’Tha do phlanaid gu math taingeil leis na tha do phàrantan a’ dèanamh airson taic a chumail ri Feachdan na Talmhainn.’

Chan fhaigheadh ise bhideo mu na bha a’ dol sa Chogadh – na àite, bhiodh bhideo, ’s dòcha uair san t-seachdain, bho a màthair.

‘Halò a Fhlòraidh,’ chanadh i. ‘Tha mi an dòchas gu bheil thu modhail agus dìleas san sgoil. Dèan do dhìcheall. ’S ann air do shon-sa a tha sinn a’ sabaid an seo. ’S fheudar dhomh falbh.’ Sin a bhiodh ann.

Anns an Sgoil Bhuidhe, bhiodh clasaichean aig Lios mu eachdraidh Feachdan na Talmhainn, mu bhlàran agus shaighdearan ainmeil, agus carson a bha na Cinnidhean Reultach olc agus dona agus ceàrr, agus carson an e Cogadh ‘còir’ a bh’ ann. Cha robh Lios a’ tuigsinn na bh’ ann an Cogadh ‘còir’.

Anns an Sgoil Gheal, chaidh Flòraidh ionnsachadh ann am matamataigs, cànanan a’ phlanaid, innleachdan cogaidh, coimpiutaireachd, naidheachdas, litreachas, ealain agus iomadh seòrsa cuspair eile.

Gach àm lòn, bha aig Lios ri coiseachd seachad air postair mòr a chanadh:

‘Ais-èirigh urram ur sloinnidh! Gabhaibh ann am Feachdan na Talmhainn! Nuair a bhios sibh aosta gu leòr, BITHIBH NUR GAISGICH!’

Chluicheadh Lios le a càirdean Mata agus Cùglas. Bha pàrantan Chùglais air sabaid air taobh nan Cinnidhean Reultach mus deach an cur fo ghrèim. Mar sin, cha robh ach cànan nan reul aige. Ach bha Lios agus Mata air fàs eòlach gu leòr air a’ chànan leis gur e caraid a bh’ ann an Cùglas dhaibh. Chluicheadh iad geamannan air a’ chrè chruaidh.

Gach àm lòin, choisicheadh Flòraidh tro choille na sgoile. Bha raon-chluiche na Sgoile Gile uabhasach mòr, agus na bhroinn bha coille, achadh, loch, eas, agus tràigh. Chòrdadh e ri Flòraidh fois a ghabhail ri taobh an easa, ag èisteachd ri fuaim sruth an uisge. B’ fhearr leatha a bhith na h-aonar aig àm lòin, oir ´s tric a bhiodh na sgoilearan eile a’ sabaid.

‘Tha m’athair-sa air sabaid ann an seachd blàran sna Feachdan,’ chanadh cuideigin.

‘Uill tha mo mhàthraichean air sabaid ann am fichead eatorra!’ chanadh cuideigin eile. Agus bhiodh còmhstri mhòr ann. Cha robh Flòraidh ro-dhèidheil air sabaid. Cha robh i fhèin airson strì an aghaidh nan Cinnidhean nuair a bha ise 14, ach ’s e sin a bha roimhpe.

Às dèidh chlasaichean an fheasgair, bhiodh aig Lios ri a baga a thoirt dhan choimpiutair a-rithist, a dhèanamh cinnteach nach robh i air sìon a ghoid bhon sgoil. An uair sin, thòisicheadh i an turas fada dhachaigh.

Nuair a bha Flòraidh sgìth de chlasaichean, dh’fhaodadh i a dhol dhachaigh. Anns an Sgoil Gheal, dh’fhaodadh tu do chlasaichean fhàgail aig uair sam bith. Dha Flòraidh, bha seo gu tric mu mheadhan an fheasgair. Choisicheadh i a-mach às a clas, agus a-mach tro dhorsan na sgoile.

Mun àm seo gach latha, choinnicheadh Flòraidh ri nighean eile air a slighe dhachaigh, nighean dorch, thana. Bha a làmhan tric salach, agus cha robh a fiaclan gu math glan.

‘Hallo,’ chanadh Flòraidh rithe.

Mun àm seo gach latha, choinnicheadh Lios ri nighean eile air a slighe dhachaigh. Bha i àrd, bàn, agus nas cruinne na bha Lios. Bha a sùilean breagha agus deàlrach, agus bha a fiaclan cho geal ri pàipear.

‘Halò,’ chanadh an nighean ri Lios.

A’ chiad turas no dhà a thachair seo, cha tuirt Lios sìon air ais rithe. Bha fios aice gun robh an nighean seo a’ dol dhan Sgoil Gheal, agus bha Lios teagmhach gum biodh i ann an trioblaid nam bruidhneadh i rithe.

Air an latha a bha seo, ge-tà, air adhbhar air choreigin, fhreagair i.
‘Hallo,’ thuirt an nighean, mar as àbhaist.
’Feasgar math,’ thuirt Lios.
‘Cò thusa?’ thuirt an nighean.

‘Is mise Lios,’ thuirt Lios. Shìn Lios a làimh rithe.

Sheall Flòraidh air an làimh shalach airson mionaid, agus an uair sin chrath i e.
‘Is mise Flòraidh,’ thuirt i.

‘Ciamar a tha thu?’ thuirt Flòraidh.
‘Tha mi gu math,’ thuirt Lios. ‘Ciamar a tha sibh?’

‘Gu math,’ thuirt Flòraidh. ‘Uill, sgìth.’ Rinn i mèaran mòr.
Sheas iad còmhla airson tiotain, sàmhach.
‘Beannachd leibh,’ thuirt Lios.
‘Beannachd leat,’ thuirt Flòraidh.

Nuair a ruigeadh Lios a taigh, bhiodh a pàrantan an-còmhnaidh cho toilichte a faicinn. Bhiodh iad a’ faighneachd mu na rinn i san sgoil, dhèanadh a h-athair dìnnear dhaibh, agus chuidicheadh a màthair i le a h-obair-dhachaigh. Bha daonnan tòrr obair-dhachaigh aice.

Nuair a ruigeadh Flòraidh a taigh, cha robh ga feitheamh ach an coimpiutair. Rinn an coimpiutair dìnnear dhi, agus leughadh i leabhar, no chluicheadh i sa ghàrradh, no shuidheadh i a’ coimhead nan naidheachdan no fiolma. Bhiodh an taigh na thost, agus ann an dorchadas, ach a-mhàin an seòmar anns an robh i.

Aig àm leapa, bheireadh pàrantan Lios dhan t-seòmar-leapa aca i, ghlanadh iad am fiaclan, chuireadh iad uile air an aodach-leapa, agus dh’innseadh pàrantan Lios sgeulachd dhi.

Aig àm leapa, chuireadh Flòraidh air a h-aodach-leapa, ghlanadh an coimpiutair a fiaclan dhi, agus rachadh i dhan leabaidh.

                Nuair a chaidh na coinnealan às,           Nuair a chaidh solasan a’ choimpiutair dheth,

agus i na h-aonar san dorchadas,       agus i na h-aonar san dorchadas,

       smaoinich Lios air an nighean               smaoinich Flòraidh air an nighean

àlainn bhon Sgoil Gheal.                        dorcha, robach ach snog.

       Smaoinich i air an nighean taobh thall na sràide.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach