Taylor Swift agus a’ #GaelicCrisis

Le foillseachadh an leabhar rannsachaidh The Gaelic Crisis, tha an ceòl air a dhol air feadh na fìdhle air na meadhanan. Tha taobhan gan comharrachadh agus campaichean gan lìonadh ann an saoghal na Gàidhlig.

“Nuair a chluicheas tu geamannan faoin, glèidhidh tu duaisean faoin” mar a thuirt Taylor Swift, tè-labhairt mo ghinealaich fhèin, anns a’ chlàr as ùire aige, ‘Lover’. Thàinig an clàr a-mach ann an 2019, an teas-meadhan aimhreit a’ chomainn-shòisealta anns Na Stàitean Aonaichte. Clàr mu ghaol a th’ ann, eadar gach cruth, cluth is ciùrradh a tha na chois.

Uil, a dhaoine còire, tha sinn uile ann an gaol ris a’ Ghàidhlig. Dè, ma-thà, a th’ aig Taylor chòir ri ionnsachadh dhuinn mun strì ghràdhach againn às leth na Gàidhlig? Oir, mar a chanas iad, is fheàrr an saoghal ionnsachadh na sheachnadh.

Combat, I’m ready for combat
I say I don’t want that, but what if I do?
‘Cause cruelty wins in the movies
I’ve got a hundred thrown-out speeches I almost said to you

‘The Archer’, Taylor Swift

Thairis air a’ chola-deug a dh’fhalbh, tha sinn air dà fhreagairt don leabhar fhaicinn – daoine ag iomairt agus daoine a’ sabaid. Rud nach coisinn modh cha choisinn mì-mhodh.

Tha sinn uile nar caraidean a bu chòir a bhith a’ tarraing air an aon ràmh. Chan eil duine againn a’ dol às àicheadh gu bheil a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh èiginneach anns Na h-Eileanan. (Agus ma tha, b’ fheàirrde iad sùil a chur san leabhar eadar Caibidealan 2-6.)

’S e a’ cheist gu dè tha sinn dol a dhèanamh mu dheidhinn. Chan amais sinn air fuasgladh ach tro chòmhradh is deasbad fosgailte modhail dòigheil.

Tha an t-sabaid a-muigh an sin, agus chan ann eadrainn. Tha àite ann do gach guth agus gach duine.

I’ve been sleepin’ so long in a twenty-year dark night
(Now I’m wide awake)
And now I see daylight (I see daylight)
I only see daylight (oh)

‘Daylight’, Taylor Swift

Coltach ri ‘Lover’ an dèidh ‘Reputation’, an clàr mu dheireadh aig Taylor, thèid dorchadas na h-aimhreit seo seachad agus thig glasadh an latha. Tha an leabhar The Gaelic Crisis air clisgeadh a thoirt dhuinn uile. Dh’fhaoidte gun robh fios againn air na bha dol, ach cha mhòr nach b’ e trom-laighe a bh’ ann. Far an robh sinn air slighe aig nach robh ach aon cheann-uidhe.

Chaidh ar crathadh nar dùisg le ultach bhrathan-naidheachd a bha ag innse dhuinn gum b’ fhìor an trom-laighe, ach gun robh slighe eile a dh’fhaodamaid a ghabhail. Slighe anns am faod guth nas làidir a bhith aig muinntir nan Eileanan anns an ‘leasachadh’ aca fhèin. Ach, an toiseach, feumaidh sinn ‘na sgèinean a chaitheamh sìos oir tha a’ mhadainn air tighinn’.


And I hate to make this all about me
But who am I supposed to talk to?
What am I supposed to do
If there’s no you?

This won’t go back to normal, if it ever was
It’s been years of hoping, and I keep saying it because
‘Cause I have to

Ooh-ah, you’ll get better
Ooh-ah, soon you’ll get better
Ooh-ah, you’ll get better soon

Ooh-ah, soon you’ll get better
Ooh-ah, soon you’ll get better
Ooh-ah, you’ll get better soon
‘Cause you have to

‘Soon You’ll Get Better’, Taylor Swift

Bhiodh e na call do-labhairte nam biodh a’ Ghàidhlig beò às aonais nan Gàidheal, agus cha seas a’ Ghàidhlig às aonais coimhearsnachd Ghàidhlig. Tha mi deimhinnte nach eil roghainn eile againn, feumaidh sinn gach oidhirp a dhèanamh gus an suidheachadh seo a chur ceart.

Seadh, chan e aiseirigh nan seann làithean a bhios ann – chan urrainn dhuinn a dhol air ais gu na 1950an, agus cò tha ag iarraidh sin co-dhiù? Bha an seann siostam briste. Bha làmhachas-làidir, cuir-sìos, suarachas agus eilthireachd a’ gànrachadh nan làithean ud. Cha robh cumhachd bhrìoghmhor aig na daoine iad fhèin. Bidh an siostam ùr cus nas fheàrr. Thig piseach air a’ ghnothach, ’s fheudar gun tig.

I’m so sick of running
As fast as I can
Wondering if I’d get there quicker
If I was a man
And I’m so sick of them
Coming at me again
‘Cause if I was a man
Then I’d be the man
I’d be the man
I’d be the man

‘The Man’, Taylor Swift

Tha a’ Ghàidhlig sna coimhearsnachdan eileanach a’ fàs sgìth is aosda is anfhann. Tha gualainn nan Gàidheal fo uallach anacheartas nan linn agus tha an cànan sna buillean mu dheireadh anns a’ choimhearsnachd agus anns an dachaigh.

Ach, mura robh an eaconamaidh cho lag, mura robh an sluagh a’ crìonadh cho mòr no na h-inbhich òga a’ falbh chun na Galltachd a dh’iarraidh obair; mura robh an cànan ga thàchdadh o bheatha an t-sluaigh, ’s e brod nan coimhearsnachdan Gàidhlig a bhiodh anns Na h-Eileanan an uair sin. Dh’fhaoidte gu bheil Taigh-òsta a’ Phàirc ann an Glaschu, ach tha bothan ann an Nis is Taigh-stàile gu bhith ann an Iollaraigh.

‘Cause saying goodbye is death by a thousand cuts
Flashbacks waking me up
I get drunk, but it’s not enough
‘Cause the morning comes and you’re not my baby
I look through the windows of this love
Even though we boarded them up
Chandelier still flickering here
‘Cause I can’t pretend it’s okay when it’s not
It’s death by a thousand cuts

‘Death By A Thousand Cuts’, Taylor Swift

Gabhaidh bàs cànain a shealltainn ann am figearan, àireamhan, grafaichean is measaidhean. Ach chan e sin a th’ ann.

’S e tòrradh gach seachdain a th’ ann.

’S e na sgeulachdan agus na naidheachd ris nach d’ fhuair thu cothrom èisteachd.

’S e mothachadh bliadhna air bhliadhna gu bheil cailleach – a bha cho ainneamh a’ bruidhinn na Beurla – air fàs cho cleachdte rithe.

’S e cruit a’ dol fàs, is an t-ogha a bu leis e a’ fuireach àiteigin ann an Sasann.

’S e gainnead dhaoine òga a chuidicheas an àm a bhith a’ losgadh an fhraoich.

’S e dùnadh sgoiltean beaga dùthchail.

’S e pàrant a tha ag iarraidh pàiste a thogail tro mheadhan na Gàidhlig aig nach eil am misneachd no an taic.

Tha e goirt agus tha e tric agus tha e àbhaisteach dhuinn. Tha mise air seo a mhothachadh, agus chan eil mi ach air ùine glè ghoirid a chur seachad ann an coimhearsnachd eileanach. Do Ghàidheil, sin fìorachd an sgeòil. Gann gun gabh a chur ann am faclan cho duilich ’s a tha bàs nam mìle gearradh.

Don’t say you’re too tired to fight
It’s just a matter of time (can run)
Up there’s the finish line
So run, and run, and run
Don’t say you’re too tired to fight
It’s just a matter of time (so run)
Up there’s the finish line
And run, and run, and run
Only the young
Only the young

‘Only The Young’, Taylor Swift

Liam Alastair Crouse

Share

2 fhreagairt do “Taylor Swift agus a’ #GaelicCrisis”

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach