Taylor Swift – “An Tàillear Ealamh”

RedStLouis

Neach tàlantach òg, air ùr-imrich dhan Eilean Ròdach, aig a bheil liùt a’ bhàird? Chan e Crousey, ach Swifty air a bheil Eòghan a-mach an t-seachdain seo. Taylor Swift – carson dìreach a tha i cho mòr?

Cha robh mi eòlach idir air obair Taylor Swift o chionn ghoirid. Bha òran agam air cruinneachadh carthannais às leth Haiti agus bha mi a’ cuimhneachadh air an turas a chuir Kanye West stad oirre is i a’ faighinn duais aig Cuirm Mhòr MTV, gun robh i air falbh le Harry Styles o One Direction agus gun do sheinn i an t-òran sin a chleachd Sky News aig àm an referendum airson Dàibhidh Camshron “We are never ever getting back together.”

Bha mi toilichte gu leòr nam aineolas – b’ e sin mus do thachair mi ri Shake It Off aon latha ron Nollaig air YouTube. On uairsin, bha mi hooked leis a’ chaunteuse Aimeireaganach agus a’ chlàr ùr aice “1989”. Dìreach mar na robots anns The Lego Movie, a h-uile triop a chluinneas mi Bad Blood no Welcome To New York, bidh mi ag èigheachd “No Way, This Is My Jam” agus a’ seinn leis a’ chlàr aig àird mo chlaiginn.

Chan eil nàire orm aideachadh gu bheil 1989 air an stereo o mhoch gu dubh an-dràsta nuair nach eil mi ag èisteachd ri seann reggae no a’ meòrachadh air na clàran aig Martyn Bennett. Tha na h-òrain a’ glacadh d’ inntinn, tha na fuinn a’ piobrachadh do chluasan agus tha gluasad agus lùths anns a’ cheòl agus an riochd.

Bha mi airson fuasgladh fhaighinn air a’ cheist seo, dè an rud aig Swifty a bhios a’ tàladh leanabh agus liath – nach robh mo mhàthair chòir fhèin agus Sineag bheag, nic mo bhràthar, bliadhna gu leth a dh’aois, air am beò-ghlacadh le Shake It Off aig an Nollaig – aig a h-uile h-aois?
StaplesLA

Airson faighinn gu carson a tha a’ Mhaighdinn Swift cho mòr bha feum agam a dhol a bhruidhinn ri dithis a tha sàr eòlach air ceòl Taylor, Emma NicAonghais o Rapal air BBC Radio nan Gàidheal agus Naomi Bhochanan, a tha air a bhith na neach-leantainn o chionn fhada.

Tha Emma a’ faicinn gu bheil cliù Swifty a’ tighinn on dòigh nàdarrach aice. “Tha e mar gu bheil i aig an aon ìre ri a luchd-taice, mar gu bheil i nad charaid. Tha i gu math iriosal, agus is urrainn dhut ceangal a dhèanamh eadar gach òran agus do bheatha fhèin.”

Tha Naomi cuideachd air a tàladh dhan mhaiseag òg leis mar a tha i ga giùlan. “Tha mi a’ smaoineachadh air sgàth ’s gu bheil i cho àbhaisteach ged a tha beatha cho annasach aice. Tha i cho eòlach ach aig ìre cho fad às. Tha sinn uile air a beatha a leantainn agus tha na trioblaidean aicese a’ buntainn ris na tha sinne a’ smaoineachadh agus a’ faireachdainn.”

Tha tàlant aig Taylor agus tha Naomi a’ cur suim mhòr anns na briathran aice, “Tha i cuideachd cho math air sgriobhadh. Tha na facail ’s na dòighean sgrìobhaidh aic’ gu math sìmplidh ach cho làidir – ‘ so casually cruel in the name of being honest’ / ‘the rumours are terrible and cruel but honey most of them are true’ / ‘I got that good girl faith and a tight little skirt.”

tumblr_mhkdn9NARO1rxalbuo2_250

‘S cinnteach gun gabh iomadh duine ri seo mar thoibheum, ach tha a’ Mhaighdinn Swift coltach ri Springsteen anns an dòigh sa bheil i a’ dèanamh tuairisgeul mòr à gnothaichean àbhaisteach, làitheil – a’ lorg na rudan a tha ann an cumantas agus gan cur far comhair mar gur iad an rud as cudromaiche san t-saoghal, a’ toirt faochadh agus dòigh-teichidh do dhaoine on trioblaidean aca. Tha coltas ann gur e neach ceart a th’ innte, mar am Boss fhèin, chan eil aghaidh choimheach oirre – glè thoilichte a ghabhail ris an luchd-leantainn ann an dòigh fhìrinneach. Seachdain seo chaidh chuir i $1989 gu tè airson cuideachadh le cìsean nan oileanach agus chuir i prèasantan na Nollaig a-mach gu luchd-leantainn gu pearsanta.

Tha e follaiseach gu bheil Emma a’ toirt mòran urram do dh’euchdan Taylor agus tha na h-àireamhan aige mar thaic ris: “’S i a’ chiad tè a-riamh a reic còrr is millean clàran sa chiad sheachdain. Agus tha seo air tachairt leis na trì clàran mu dheireadh, rud a tha cha mhòr do-chreidsinn san latha an-diugh nuair nach eil clàran fada air an ceannach. Nam bheachd-sa, ’s i an ceòladair as fheàrr nar ginealach fhèin.”

tumblr_mhkdn9NARO1rxalbuo1_250

Agus ann an linn na Minajs agus na Rihannas agus gach dara òran sna charts a-mach air màs agus tòin, tha Emma làn mholadh airson tè a tha gu nàdarrach bòidheach, ach a tha gu math màlda. “Chan fheum i a bhith rùisgte airson clàran a reic nas motha.”

Gu deimhinne, cha tig stad air soirbheachas Swift airson greis, agus tha mi cinnteach gu bheil mòran a leughas seo an ìre mhath den aon bheachd ri Naomi, a thuirt rium ann an deagh Ghàidhlig Leòdhasach “‘Tha i dìreach f***ing amazing.”

Cha bhiodh eadhon Kanye West dàna gu leòr a dhol an aghaidh beachd na ban-Uigich chanainn-sa!

-Eoghan

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach