Temető

Bha còir aig an àite anns a’ phìos bàrdachd seo le Marcas Mac an Tuairneir a bhith ’na ghàrradh fosgailte don choimhearsnachd Iùdhach am Budapest, ach chaidh a’ mhòr-chuid ac’ a mharbhadh leis na Nàsaich, agus mar sin, gheibhear suidheachadh nach eil a-rèir riaghailtean Talmudach – cladh agus teampall Iùdhach ri taobh a chèile. Is ann a thog Marcas fhèin na dealbhan.

Temető
IMG_20150806_145720

Ag ath-thionndadh,
Cha robh iad ann, tuilleadh,
Is choisich mi, iullagach,
Taobh cùl nan colbh,
Sa ghàrradh-cladha.

Eadar na craobhan,
Bha clachan air an càradh;
Feadhainn dhubha,
Feadhainn gheala,
Far an righeadh na mairbh.

Cha tuig mi an cànan cèin,
Sgrìobhte air na leacan
Is a’ balgadh umam
Eadar bilean a’ ghrunna
Gam shìor-chuairteachadh.

Sginn mi slighe tromhpa,
A’ sgrùdadh an sùilean;
Feadhainn dhonna,
Feadhainn dhubha,
a bha coimheach, eu-coltach

Ri sùilean m’ athar,
Air mo bheulaibh gu h-obann,
Is thuig mi an uairsin,
Mar a bhiodh e, is dòcha,
Gam sgaradh bhuaithe.

Gam threòrachadh,
Thug e mi seachad orra;
Feadhainn dhonna,
Feadhainn liath,
Clachan eabhrach air a’ chàrn.

Na suidh’ an-siud, mo mhàthair,
Far na ghuileadh iomadh màthair,
Air an là a thug gu bàs iad
Na h-Iùdhaich anns an sgìre.
Clann nach tilleadh a-chaoidh.

IMG_20150806_150644

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach