Tha na Naomhan a’ tighinn! – Cupa na h-Alba

Le Cupa na h-Alba air fàire, rinn Dàna iomradh air eachdraidh Dhùn Deagh United san Fharpais an latha eile ach a-nis bidh sinn a’ toirt sùil air na dùbhlanaich aca, St Johnstone. (Agus droch shamhla airson deireadh an t-Saoghail?).

StJohnstoneFC_crest

Bidh St Johnstone a’ cluich anns a’ Chuairt Dheireannach de Chupa na h-Alba airson a’ chiad uair ann am sia fichead ’s a deich bliadhna de dh’eachdraidh Disathairne. A bheil e an dàn dha na Naomhan?  Bidh mi fhèin ag èirigh moch madainn Chèitein airson faighinn dhan gheam, agus nach iongantach gur e am fear a thug na Saintees chun na h-ìre seo mu dheireadh thall air an t-seachdamh là deug den Chèitean, Mgr Stevie May, aireamh 17 air a dhruim!  ’S e seusan air leth a tha air a bhith ann dha St Johnstone agus tha dòchas ann gum bi cuach mòr airgead ann a chòmhraicheas euchdan sgioba Thommy Wright ann aig cairteal gu còig feasgar Disathairne.

 

Thòisich na Naomhan a’ bhliadhna ann an deagh thrum, le dà bhuaidh Eòrpach air falbh bhon taigh, an aghaidh Rosenborg à Nirribhidh agus FC Minsk à Bealaruis (agus bha iad air leth mì-fhortanach a dhol a-mach air breaban-peanais an-aghaidh nam Bealaruiseanaich aig an taigh, sgioba cho truagh gun dèanadh Morton an gnothach orra san àbhaist). Tha cùisean air leantainn glè mhath thar na bliadhna, agus bha Saints sàbhailte gu leòr anns “a’ phrìomh a sia” gu math aithghearr, gun ghuth air iar-chuairt dheireannach ann an cupa liog na h-Alba agus puing aig Parkhead.

 

Tha cultar ciallach aig St Johnstone is bha riamh bhon a ghluais e gu Pàirc MhicDiarmaid air iomall Baile Pheairt ann an 1989.  Chan eil fiachan air a’ chlub (mar a tha air a’ mhòr mhòr chuid de chlubaichean ann an Alba) oir tha am buidseat ga ruith gu teann. Tha an cathraiche (an toiseach Geoff MacIlledhuinn, ach a-nis a mhac, Steaphan) gu math faiceallach a thaobh cò a bhios iad a’ taghadh mar mhanaidsear, agus le Owen Coyle, Derek MacAonghais agus Steve Lomas, thagh iad feadhainn a tha air a dhol air adhart gu ìre de shoirbheachas anns a’ gheam as dèidh dhaibh cliù a chosnadh ann am Peairt. A-nis, tha Tommy Wright aig an stiùir, fear mòr à Èirinn a Tuath, fear-glèidhidh a bha ann nuair a bha e a’ cluich, is ged tha e caran caiseach a ràdh, paidhir làmh shàbhailte!

’S e sguad làn de phroifeasantaich dhìcheallach, onarach a tha aig sgioba Pheairt. Ged ’s e Stevie May an gille òr an-dràsta, mar a tha cumanta le cluicheadairean soirbheachail eile, tha fear no dithis eile ann a bheir buaidh mhath air a’ chluich aige. Tha Steaphan MacIlleathain air tilleadh aig an àm cheart bho droch leòn dha ghlùin, agus mar Emile Heskey còmhla ri Michael Owen, ged nach eil e fhèin a’ sgòradh ro thric, ’s esan a chruthaicheas mòran do Stevie May.

 

Tha eòlas gu leòr air feadh na pàirce; Allan Mannus,fear eile à Èirinn a Tuath eadar na pùist; loidhne dion làidir; Dave MacAoidh, Frazer Wright, Tam Scobbie, Steaphan MacAnndrais – ainmean a bhios ag èigheachd “cluicheadair dion Albannach”.  Tha meadhan na pàirce ealanta gu leòr cuideachd, Lee Croft is Daibhidh Wotherspoon, dithis a tha cruthachail agus comasach air cleasan.

 

Cha robh riamh dà sgioba bho Thaobh Tatha anns a’ Chuairt Dheireannach còmhla roimhne seo agus thathar an dòchas gum bi geam math ann eadar dà sgioba a chluicheas anns an dòigh cheart.

 

Bidh Gàidhlig gu leòr a-measg na luchd-leantainn Disathairne. Tha an cluicheadair bogsa, Eilidh NicPhaidein à Tiriodh garbh measail air na Naomhan agus bha i an làthair còmhla riumsa mar “Comann Naomh Eoin”, a’ bhuidheann-taic Ghàidhlig St Johnstone aig an iar chuairt dheireannach sa Ghiblean an aghaidh Obar Dheathain – geam far an deach freagairt a thoirt do cheist Chlann MhicEanraig “Cò fon ghrèin a tha ann an Stevie May?”.

 

Tha buidheann mhath de dh’oileanaich a’ tighinn à Sabhal Mòr còmhla ri Eilidh agus bidh an cothrom ann leughadh mu dheidhinn an latha aca, a dh’aindeoin an sgòr, an-seo air Dàna as dèidh làimhe.

 

Tha buidheann eile, na Highland Saintees a’ dol a bhith a’ cosg lèine-t leis an t-sluagh-ghairm “Armageddon – do thòn!” oirre sa Ghàidhlig agus tha gu leòr a bhios a’ leantainn sgiobaidhean eile ann an Alba a bhios a’ cur taic ris a’ bheachd sin.

SAINTS

Bha na meadhanan agus luchd-leantainn na “Old Firm” a’ cumail a-mach gun tigeadh an saoghal gu crìch gun Rangers sa phrìomh lìog agus ged nach eil gràisgean làn ghràin-cinnidh a’ lionadh nan stèidiuman dà uair sa bhliadhna, tha coltas ann nach eil mòran ag ionndrainn an leth ghorm den Old Firm ach an dlùth-charaidean aca aig Parkhead agus manaidsearan a’ Bhanca.  Bha St Johnstone riamh a’ cumail sùil air an spòran agus tha an club air fad a’ faighinn an duais leis a’ gheam Disathairne.  Tha ball-coise na h-Alba cho beò ’s a bha e bho chionn bhliadhnaichean agus chìthear sin air an deireadh-sheachdain.

 

Ach ’s dòcha nach robh na fàidheadairean cho fada ceàrr a thaobh Armageddon ge-tà. A-rèir Leabhar an Taisbeanaidh, nuair a thig na Naomhan a-steach, ’s e armageddon ceart a bhios ann, agus gu dearbh nach eilear a’ beachdachadh gu bheil Armageddon fhèin àiteigin ann an Arabia? Cò tha na Naomhan a’ cluich ach na h-Arabaich!  Cho fad ’s nach nochdas Rocabarra bidh sinn taghta chanainn. Ach seo rud beag roc dhuibh co-dhiù…

Bidh Eòghan a’ gabhail pàirt ann an craoladh na Cuairt Deireannaich còmhla ri Sgioba BBC Radio nan Gàidheal, Derek Moireach agus Ailig O Henley, Disathairne seo tighinn o 1430. Cha bhi e a’ fuireach “neutral”!
http://www.bbc.co.uk/programmes/b044w5rp

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach