Tha tìde agad | Soraidh slàn le Orange is the New Black

Tha Eòghan a’ coimhead ri seud Netflix a tha a’ toirt soraidh slàn dhuinn am mìos seo – Orange is the New Black.

Thòisich mi a’ meòrachadh air an alt seo o chionn cola-deug nuair a bha mi a’ coimhead air prògram eile o Netflix. As dèidh dhomh steall-sealladh a dhèanamh air Stranger Things 2&3, bha mi a’ beachdachadh air mar a tha an sreath sin cho soirbheachail ann a bhith a’ togail air na h-eagalan is na draghan as motha a th’ oirnn. Deamhanan o shaoghal eile ann no às – tha Stranger Things aig a’ bhun a’ dèiligeadh ri iomagain mu dheidhinn call, caochladh agus atharrachadh – caraidean a’ gluasad air adhart, clann a’ fàs an àird, draghan mu adhartas ann an saoghal na h-obrach.

Tha an sreath air a chur ri chèile gu grinn le gach tarraing o Spielberg is Camerson is eile às na filmichean anns na 80an, agus mar a thachair leis na filmichean sin, aig deireadh an latha, tha sin an ìre mhath cinnteach gum bi ar gaisgich soirbheachail ann an bhith a’ cur crìoch air ge b’ e dè uilebheist a tha a’ tighinn às a’ bhun-os-cionn, ach tha sinn air ar fàgail le co-fhaireachdainn a thaobh na rudan a bha a’ cur dragh air na caractaran sin, mar a thachair anns na filmichean den leithid.

Eadar saor-làithean, Belladrum, obair eile is rudan eile, thug e treis dhomh tilleadh dhan alt agus san àm sin, thàinig sreath eile am bàrr – an seusan mu dheireadh den t-sreath ionmholta – Orange is the New Black.

Thar seachd seusanan leis a’ phrògram seo, stèidhichte ann am priosan boireanta Litchfield ann an Nuadh Eabhrac, tha sinn air sguad mòr de charactaran a leantainn agus fhaicinn a’ dol air adhart le am beathannan ann an greim.

Bha a’ chiad shreath a’ togail air Piper Chapman (a bha a’ tarraing air an sgeulachd-beatha aig tè Piper Kerman a sgrìobh leabhar leis an aon tiotal), tè òg gheal à teaghlach beàrtach a chaidh a cur dhan phriosan leis gun robh seann bhramar Leisbeach aice air a h-ainmeachadh gus am binn aice a lughdachadh airson malairt dhrogaichean.

Chan eil e connspaideach a ràdh gur e tè de na caractaran a bu mhiosa ann an eachdraidh an telebhisein (no air ann sgrìon bhig co-dhiù – am bi daoine fhathast a’ coimhead TBh?) a th’ ann am Piper, ach mìorbhail nam mìorbhailean, às an t-suidheachadh chòigreach, chèin a thug buaidh air Piper, gu math luath bha a sgeulachd-se ga cur gu h-aon taobh agus dh’fhàs fear de na sreathan a bu bhuadhmhoire a chunnacas riamh.

Le sgil anabarrach, chruthaich na riochdairean sgeulachd ioma-fhìllte a dh’inns na sgeulachdan aig boireannach de gach seòrsa – sean, òg, dubh, bochd, Hiospàinnteach, Sìneach, Leisbeach, fiù Tar-ghneitheach – a bha nam priosanaich, agus mar a bha iad a’ strì a bhith beò san àrainneachd dhoirbh seo.

Agus air muin sin, chuir sinn eòlas air na geàrdan cuideachd, cuid a bha nan daoine math air an coirbeadh leis an t-siostam a bha air an daonnachd a chall gu tùr, cuid anns an robh car nach fhaigheadh às agus cuid a bha a’ feuchainn ris an rud ceart a dhèanamh a dh’aindeoin gach laigse annta fhèin agus san t-siostam. agus chunnaic sinn mar a bha iad uile air tuiteam ann am brùid siostam a bha a’ feuchainn ris an an daonnachd aca a mhùthadh agus a shoirbhich le seo gu math tric.

Ged a thòisich am prògram ann an 2013, agus chan eil ach Piper sa phriosan airson ochd mìosan deug, tha seòrsa de loidhne-tìm sùbailte air a bhith aig OITNB, a’ leigeil leis an an t-sreath dèiligeadh ri cuspairean nuair a bhiodh iad a’ nochdadh – Black Lives Matter, #MeToo, ICE. Ghabh e os làimh nan cuspairean doirbh seo agus thug e iad sìos dhan ìre far an robh e a’ sealltainn mar a thug e buaidh air daoine fa leth, agus bha iad glè èifeachdach. Trì bliadhna agus tha mi fhathast a’ feuchainn ri faighinn seachad air na thachair do Poussey san talla-bidhe, agus tha plot Taystee thairis air na trì seusanan mu dheireadh air a bhith cho buadhmhor ’s a ghabhas.

Gu dearbh, thog OITNB sgàthan gu Ameirigea o làithean Obama gu làithean Trump agus thill e ìomhaigh nach robh idir tlachdmhor ach bha onarach agus ioma-fhìllte. Tron t-seachdamh sheusan, tha an seann Warden, Caputo, a’ dèiligeadh ris na rudan a rinn e le a chumhachd agus le aineolas thar nam bliadhnaichean, ga fhaicinn fhèin airson a’ chiad uair mar a bha daoine eile ga fhaicinn. Tha an sreath air ceistean a chur mur coinneamh, ach glè thric tha e air fàgail againne na freagairtean fhèin a rèiteachadh.

Cha robh mòran neo-chiontach ann an Litchfield, eadar priosanach is geàrd, gu dearbh, bha caractaran ann a bha seachad air slànachadh ann an iomadh dòigh – Barb is Carol a bha olc dhan smìor ann an seusan a sìa, Vee, Pescatelli – ach dh’ionnsaich sinn glè thric mar a thàinig na daoine seo a bhith san t-suidheachadh san robh iad, oir ’s e an rud a bha aca airson a’ mhòr-chuid ann an cumantas gun robh dìth-chumhachd aca.

Mar dhuine geal dìreach, tha Orange is the New Black a’ bruidhinn rium cuideachd, tha e air feimineachas a shoilleireachadh dhomh ann an iomadh dòigh nach d’ rinn semester de dh’òraidean mun chuspair aig Oilthigh Ghlaschu. Tha OITNB air guth a thoirt dhaibhsan aig nach eil guth. Tha e air dearbhadh a thoirt dhomh gu bheil mì-chothromachas stèidhichte air dìth-chothroman, agus siostaman far a bheil cumhachd aig agus ma bhios daoine a’ feuchainn ri an siostam a chur bun-os-cionn dìreach airson atharrais a dhèanamh air an t-siostam sin nuair a bhios làmh an uachdair aca (mar a thachair leis an riot ann seusan a còig), tha iad caillte gu tùr. ’S e èisteachd agus còmhradh a th’ anns an aon rathad a-mach às a’ chas anns a bheil gach buidheann a tha fo bhrùid san t-saoghal seo.

Ach aig a’ chridhe, cha d’fhiach sreath sam bith mur eil an sgeulachd air a dheagh innse, agus aig a sin , ’s e sreath anabarrach math a th’ ann an OITNB le dràma, le adbhachdas, le foirneart, le bàs, agus le beatha. Bidh e doirbh do Netflix sreath ceart cho buadhmhor a lorg na àite.

Ach Piper, mìle mallachd oirre.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach