“Tha Tighinn Fodham Èirigh” | Camanachd Bhaile Ùr an t-Slèibh

Tha Baile Ùr an t-Slèibh air ais far bu dual dhaibh ann an Saoghal na Camanachd, ach bha slìghe fhada dhuilich aca a’ tilleadh – an cuir iad ris a’ ghlòir uair eile Disathairne an aghaidh Camanachd an Òbain? Eòghan ag aithris.

David Ritchie - image courtesy of Ewen Weatherspoon
Daibhidh “Tarzan” MacRisnidh (WP:NFCC#4), Fair use, https://en.wikipedia.org/w/index.php?curid=35006894

Bha mi beannaichte a bhith an làthair aig Eilean Bheannachair ann am Baile Ùr an t-Slèibh Dihaoine sa chaidh agus am pròiseact Iomain Cholmcille a’ cumail a’ chiad cho-fharpais iomain airson bun-sgoiltean Gàidhlig.

Bha an latha air leth soirbheachail, le Comhairle na Gàidhealtachd agus FilmG a’ cur taic ris an tachartas agus sgoiltean a’ tighinn o air feadh na dùthcha airson latha a bha làn deagh chluiche agus deagh Ghàidhlig.

Is e Bun-sgoil Bhaile Ùr an t-Slèibh a rinn a’ chùis air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu anns a’ chuairt dheireannach agus an dà sgioba airidh air moladh airson cho math ’s a bha an cuid Gàidhlig agus an cuid iomain. (Fhuair Bun Sgoil Loch Abair, fo stiùir Claire Delaney an duais Ghàidhlig ge-tà)

Bha e cudromach gun robh a’ cho-fharpais ga cumail ann am Baile Ùr an t-Slèibh – fad bhliadhnaichean tha na tidsearan anns an aonad bheag sgairteil air a bhith a’ strì gu làidir airson daoine a thàladh dhan sgoil agus thathar an dòchas gum bi an soirbheachas seo a’ brosnachadh barrachd phàrantan san sgìre a bhith a’ cur an cuid cloinne gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Shinty match - Newtonmore vs Skye Camanachd

Ach cuideachd, ’s e Eilean Bheannachair fear de na goireasan iomain as fheàrr ann an Alba, leis an club as soirbheachaile ann an eachdraidh an spòrs, Comann Camanachd Bhaile Ùr an t-Slèibh, a’ cluich ann, agus iad a’ teannadh air an aonamh Cupa na Camanachd deug air fhichead aca a thogail Disathairne seo anns a’ Ghearasdan an aghaidh Camanachd an Òbain. Is e gèam air leth a tha an amhairc dhuinn. Chan eil an dà sgioba air coinneachadh san lìog fhathast agus tha Camanachd an Òbain sgileil, làidir agus dàna. Ma bhios sgioba sam bith a’ cur stad air na fir anns na lèintean geala is gorma, ’s iad na balaich.

Ged is e Ceann a’ Ghiuthsaich a chanadh fear àbhaisteach air Sràid Sauchiehall riut nan cuireadh tu a’ cheist air, “cò an sgioba a b’ fheàrr ann an iomain?”, a dh’innse na firinn cha robh na nàbaidhean aig a’ Bhaile Ùr a’ cumail ceann a’ mhaide riutha gus na bliadhnaichean mu dheireadh den Fhicheadamh Linn nuair a thàinig na làithean buidhe chun nam Borthwicks, Caomhain Thain, Daibhidh MacAnndrais agus mu dheireadh, an sàr-chluicheadair e fhèin, Raghnall Ros.

Air feadh na seasgadan, na seachdadan agus tràth sna h-ochdadan, ’s e am Baile Ùr a bhiodh aig bàrr – Siosalaich, Frisealaich, Caimbeulaich, Clann ’Ic an Tòisich, Clann ’Ic Rath agus na bràithrean ainmeil o Chlann ’Ic Risnidh, Rab agus “Tarzan” – ma bha fuamhairean riamh beò, ’s ann ann am Bàideanach a tha an sliochd latha an-diugh. Bidh daoine fhathast a’ bruidhinn air na blàran a bhiodh eatorra agus Caolas Bhòid, leis na duaisean mòra airgid a’ tilleadh gu tuath mar bu trice.

Thàinig an ginealach gaisgeil sin gu crìoch mu dheireadh thall nuair a chaidh am beatadh leis na Sgitheanaich an latha eireachdail ud anns a’ Ghearasdan ann an 1990, agus fad cha mhòr còig air fhichead bliadhna, cha togadh am Baile Ùr Cupa na h-Alba.

Ach chan e a-mhàin nach b’ urrainn dhaibh Cupa na h-Alba a thogail, ach gun robh na làithean gu math dubhach air sgàth na bha dol tiotan shìos an rathad. Cha robh freagairt aig a’ Bhàile Ùr ris na bha dol an ath-dhoras le Ceann a’ Ghiuthsaich – bha clàr as dèidh clàr gam briseadh– gan sgàineadh buileach – leis na Kings agus ’s e am Baile Ùr a dh’fhuiling am masladh a bu mhotha, a’ call na cuairt-dheireannaich ann an 1997 dusan tadhail gu h-aon beò air telebhisean. Is e leòn a th’ ann nach slànaich gu bràth dhaibhsan a bha ann.

Dè chaidh ceàrr? Is dòcha nach biodh sgioba sam bith air thalamh air cumail suas ri muinntir an Dail ach rinn Baile Ùr an t-Slèibh e doirbh dhaibh fhèin, a’ gleidheadh nan seann chluicheadairean ro fhada gun chothrom a thoirt dhan òigridh, gu h-àraidh sna geamannan cudromach.

Beag air bheag thàinig piseach air cùisean, agus gu h-inntinneach, bha seo ceangailte ris na macaibh aig na seòid a bh’ ann a’ tighinn tron t-siostam. Nochd na h-aon ainmean air clàr na sgioba, ach cha robh ann ach aon Chupa MhicThamhais ann an 2002 mar chòmharrachadh fad nan làithean dorcha. Bha e na chleachdadh dhaibh a bhith san dara àite san lìog a h-uile seusan gun a bhith faisg air a bhuannachadh. An uairsin, thàinig an dòchas agus thill na cupannan mean air mhean.

Thòisich am Baile Ùr a bhith a’ ruighinn cuairtean-deireannach, ach chaidh cùisean troimh-chèile dhaibh anns an Òban ann an Cupa MhicAmhlaigh ann an 2008, a’ call gu dubh tro mhearachdan fir-ghleidhidh 3-0 an aghaidh Inbhir Aora.

Dh’fheuch iad an ath-bhliadhna agus shoirbhich leotha ann an Cupa MhicThamhais agus iad a’ dèanamh a’ chùis air Ceann a’ Ghiuthsaich sna mionaidean mu dheireadh 5-4 aig Pàirc a’ Bhucht. Thug seo spionnadh as ùr dhaibh agus ged a thigeadh iad san dara àite san lìog a-rithist, cha robh fada aca ri feitheamh airson an tiotail.

Thog am Baile Ùr a’ chiad tiotal lìog aca ann an còrr is còig air fhichead bliadhna ann an 2010. ’S mathaid gun robh iad gan cuideachadh le tòiseach crìonadh Cheann a’ Ghiuthsaich agus sgioba a’ Ghearasdain a bha cur prìomhachas air Cupa na Camanachd, ach ’s e latha mòr cudromach a bh’ ann dhan a’ Bhaile Ùr.

Thèid a’ bhliadhna 2011 a chlàradh ann an eachdraidh a’ Bhaile Ùir mar tè dhe na bliadhnaichean a bu mhotha a bha aca riamh.  Dh’fhàilnich e orra Cupa MhicAmhlaigh a ghleidheadh aon uair eile le Caolas Bhòid a’ dèanamh aiseirigh iongantach anns na mionaidean mu dheireadh. Chuir seo ceist mhòr mu choinneamh neart-inntinn na sgioba ann am beachd mòran, gu h-àraidh leis mar a bha Caolas Bhòid co-ionnan riutha san Lìog.

Cuideachd, bha gèam mòr eile ann agus duais mhòr na chois. Cupa na Camanachd fhèin agus Raghnall Ros agus Ceann a’ Ghiuthsaich anns an rathad air, is iad a’ coinneachadh aig an ìre sin on a chiad uair on latha oillteil ann an ‘97. Ann an geam a bha teann, a bha lasanta agus teth, rinn Baile Ùr an t-Slèibh an gnothach mu dheireadh thall air an nàimhdean buan, le tadhal o Dhanaidh MacRath (fear aig a bheil dlùth-cheangal ri Nis) a’ toirt a’ Chupa air ais dhan àite far nach robh e air a bhith fad còig air fhichead bliadhna. Rinn muinntir a’ bhaile gàirdeachas fad iomadh latha. Bha aon fhear san sgioba cho fada na thoileachas, gun do shreap e Creagan Dubh ri taobh a’ Bhaile agus sheas e lomnochd air a’ mhullach leis a’ Chupa airson deilbh. Cha robh ùghdarras Comann na Camanachd cho dòigheil mu dheidhinn sin!

Ach lean an sgeulachd, le seusan na camanachd a’ sìneadh gu làithean deireannach Shamhna, choinnich an dà sheann fharpaiseach uair eile – Caolas Bhòid agus am Baile Ùr – aig Spòrslann Dhùn Òmhain. Abair dràma, cha robh feum aig muinntir Thaigh na Bruaich ach air puing, agus bha iad co-ionnan a’ dol a-steach dha na mionaidean mu dheireadh – ach saoil cò nochd – Danaidh MacRath a-rithist agus thug e am brùid Duais na Lìog mar fhear de shinnsearan a’ tachdadh guga air Sula Sgeir.

On uairsin, cha do leig iad às an greim aca air a’ Phrìomh Lìog, is ged a fhuair Caolas Bhòid beagan dìoghaltas ann an Cupa MhicAmhlaigh ann an 2013, thill am Baile Ùr am fàbhar orra ann an Cupa na Camanachd an aon bhliadhna. Fhuair iad an làmhan mu dheireadh thall air a’ MhacAmhlaigh an ath bhliadhna agus a’ bhliadhna as dèidh sin, agus chuir iad Cupa MhicThamhais air ais gu preas nan duaisean ann an Taigh Òsta Bhaile Bhile a-rithist am bliadhna-sa.

Rinn iad ullachadh airson a’ ghèam Disathairne le droinneadh 5-0 a thoirt seachad dhan sgioba a bhuinnig Cupa na Camanachd an-uiridh, Lòbhat. Tha loidhne-aghaidh aig a’ Bhaile Ùr cho acrach, le Eòghan Meinnearach, Niall Stiùbhart, Tormod Caimbeul, Friseal Mac an Toisich agus Gleann Mac an Tòisich a’ coimhead cho cunnartach leis a h-uile suathadh agus sèideadh. Agus a’ tighinn troimhe, tha ginealach eile, le Iain Robinson, balach le claigeann làn Gàidhlig a-measg nan reultan ùra seo. (Bha Iain na choidse air an sgioba òg a bhuinnig Cupa Iomain na h-Òige seachdain sa chaidh.)

Is mathaid gun robh an gèam sin na shamhla den adhbhar do bheil an dà sgioba à Bàideanach, aig diofar amannan, air a h-uile duais san dùthaich a chumail fo ghlais cha mhòr fad sia fichead bliadhna. Is e am miann a tha aca airson glòir. Tha na duaisean a thog iad san àm a dh’fhalbh – is e an ath-dhuais a chuireas ris a’ ghlòir. Is mathaid gu bheil sgiobaidhean leithid Lòbhat agus Gleann Urchadain (a thog Cupa MhicThamhais an-uiridh agus a dh’fhuiling crionadh am –bliadhna cuideachd.) air a bhith caran comhfhurtail agus coma as dèidh dhaibh glòir fhaighinn – a’ saoilsinn gur e sin deireadh an sgeòil. Chan ann mar sin a tha e anns a’ Bhaile Ùr, tha an ath-dhuais ann an-còmhnaidh, agus bidh iad a’ cur romhpa leis a h-uile neart agus spionnadh sgeulachdan ùra a chruthachadh Disathairne.

Anns an dealachadh, ’s e fear às an Òban bho thùs, Sgot Caimbeul a bha na sgiobair air a’ Bhaile Ùr ann an 2011 nuair a thog iad an Cupa; bidh muinntir an Òbain an dòchas gur e cuideigin às an Òban a thogas an dearbh dhuais am-bliadhna-sa ach gum bi lèine dhearg is dhubh air dhruim.

– Eoghan @eoghanuig

PS Tha “Tha Tighinn Fodham Eirigh” ga sheinn tric sa Bhaile ach leis na faclan Beurla aig na Corries, seo e sa Ghaidhlig.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach