‘Thar Sàil’ air Mhears’ Nam Bratach’ | Feachd nan Gàidheal an Afghanastan

Nuair a smaoinicheas sinn air saighdearan Gàidhealach a’ cogadh ann an tìrean cèin, bidh ìomhaighean de Bhlàr an Nìl (Bàgh Aboukir), raointean ’s coillteach Chanada, fàsaichean nan Innseachan, agus trainnseachan a’ Chogaidh Mhòir a’ tighinn gu bàrr. Neo, air an latha an-diugh, an Ioràc agus Afghanastan. Ach cia mheud turas a bha feachdan nan Gàidheal thall? San alt seo, bidh Alastair Paul a’ meòrachadh air eachdraidh chogaidhean ann an tìr chèin san robh na Gàidheil a’ sabaid.

‘S ainneamh a lorgar leabhraichean Gàidhlig ann am bùthan carthannais, agus mar sin bha mise fortanach nuair a chaidh mi a-steach do bhùth nan seann-leabhraichean aig Oxfam ann an Glaschu agus a fhuair mi lorg air an leabhar ‘An t-Eileanach’ leis a’ Mhuileach Iain MacPhaidein. B’e leabhar air a dheagh ùisneachadh a bh’ ann, is coltas gu math robach air a’ chòmhdach bhon taobh a-muigh, ach a bha làn òrain, bhàrdachd is sgeulachdan beaga, laghach ’na bhroinn. ‘S e prìomh chuspair cuid mhath den stuth a lorgar anns an leabhar; beatha nan Gàidheal ann an Glaschu a tha air a lìbhrigeadh ann an doigh aighearach, làn àbhachd, ach le cuspairean nas doimhne air an snìomh tromhpa, leithid moraltachd, is feallsanachd.

Bha aon Òran ann gu sònraichte a thog m’aire air sgàth a thiotail ‘Saighdearan Gàidhealach Ann An Afghanastan ‘ Tha beagan mhìosan air a dhol seachad a-nis bho tharraing feachd Bhreatainn a-mach à Afghanastan, ach a dh’aindeoin ’s gur ann air an dearbh chuspair seo a bha òran MhicPhaidean, chaidh a sgrìobhadh o chionn barrachd is ceud bliadhna. Nach iongantach mar a bhios eachdraidh gu tric a ruith na cearcaill! B’ e an  Dàrna Cogadh Afghanastanach air an robh MacPhaidein a-mach agus gu sònraichte faochadh Kandahar a ghabh àite ann an 1880. (Bha Breatann air a bhith, mar tha, an sàs ann an trì cogaidhean Afghanastanach uile gu lèir ro thoiseach an iomairt a tha air ùr thighinn gu crìoch).

‘S e sgeulachd iongantach a tha air cùl a‘ ghnothaich leis mar a rinn feachdan Breatainn caismeachd de 320 mìltean a dh‘astar thar garbhlaich is bheanntan fo theas brùideil ann am fichead latha a thìde; agus, gun cha mhòr an t-àm aca an anail a ghabhail, chuir iad ruaig air ar-a-mach Ayub Khan. Ri linn nan euchdan seo ’s e òran molaidh a th’ann an ‘Saighdearan Gàidhealach ann an Afghanastan’, a thug luaidh air buadhan nan saighdearan Gàidhealach. Ged, air a’ chiad sealladh, a tha an t-òran a’ dèanamh gàirdeachas le buaidh nan rèisimeidean Gàidhealach tha bròn is uallach do na saighdearan thall thairis cuideachd a’ togail ceann am measg nam faclan, mar a chithear anns an t-sèist:

Slàn gun till na Gàidheil ghasda,

‘Tha thar sàil’ air mhears’ nam bratach’

Furan fàilt us slàn, tigh’n dachaidh

Do nan suinn tha’n Afghan thall.

Thug na faclan seo orm smaoineachadh air a’ bhuaidh air cor nan Gàidheal a thug iomairtean den leithid a chleith fo chainnt mu bhuaidh is glòir. Leis cho mòr ’s a bha na rèisimeidean Gàidhealach an sàs ann a bhith a’ cruthachadh agus a’ dìon na h-impireachd ’s e an aon seorsa naidheachd a chluinnte a-rithist is a-rithist anns an 19mh linn. ‘S e sgeulachd a tha air a dhol air di-chuimhne gu ìre mhòr air cùl sgàil chogaidhean na linne mu dheireadh, ach leis an àireamh mì-chothromach de Ghàidheil a bha an sàs anns an aimhreit feumaidh gur e rud a thug buaidh air a h-uile Gàidheal. Bhiodh iad uile eòlach aig àm air choireigin air dlùth is dàimh an cunnart am beatha thall thairis. ‘B e buille chruaidh eile do mhuinntir na Gàidhealtachd aig àm a bha iad mar tha a’ fulang gu mòr.

Sheet_gordons_cBha beatha an t-saighdeir duilich gu leòr dhaibhsan a roghnaich an dreachd ach bha gu leòr eile ann a chaidh a thoirt am bruid leis a’ phress gang suas gu toiseach na 19mh linn agus a chaidh a chur a-null thairis an aghaidh an toil. Gun na goireasan còmhdhail is conaltraidh a tha againn an-diugh bhiodh feitheamh fhada, dhòrainneach ro choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd gus an tigeadh naidheachdan air an daoine ann an ceàrnaidhean cèine.

B’ iad an dà rèisimeid Ghàidhealach a bha an sàs ann am Faochadh Kandahar an ’92nd Regiment Of Foot’ (coisridh Ghàidhealach) agus an 72nd Regiment of Foot (coisridh Ghàidhealach). Bho chaidh na rèisimeidean seo a chur air bhonn aig deireadh na 18mh linn bha iad trang cha mhòr gun sgur a’ seasamh impireachd Bhreatainn; bho Afraga do Na h-Innseachan, bhon Roinn Eòrpa do dh’Innseachan na h-Àirde an Ear, bhon charaib gu Canada. Bha iad cuideachd air an gairm bho àm gu àm gus cur sìos air ar-a-mach is rèabhlaid ann an Èirinn is Breatann. Bha greisean ann nuair a bhiodh beatha nan saighdearan rèidh, mar na mìosan a chuir an 72nd seachad air dleastanasan rìoghail aig caisteal Windsor ann an 1841. Ach bu bheag an luigheachd seo airson an sgrios uabhasaich a dh’fhuiling iad aig amannan eile. Nuair a chaidh an 72nd a chur gu na h-Innseanan air a chiad phostadh aice fhuair an treas pàirt da buill am bàs le tinneas air an t-slighe mus d’ ràinig iad fiù ’s an ceann-uidhe. Bha an còrr dhiubh cho ìosal is nach robh iad comasach air sabaid. Às dèidh don 92nd a bhith a’ sabaid anns an Èiphit ann an 1801 cha robh ach 150 dhiubh air fhàgail a bha comasach air sabaid. Fhuair iad an òrdugh tarraing às a bhlàr, ach nuair a chualas fuaim gleadhraich a’ bhatail dh’iarr iad air an ceannard dhol an sàs innte. Dh’aontaich esan.

Le ceud bliadhna air a dhol seachad bho thòisich a’ chiad Chogadh Mhòr, tha ar n-aire gu mòr air an dà chogadh mu dheireadh. Tha e nas duilghe luaidh a dhèanamh air an strì is na dh’fhuiling na saighdearan Gàidhlealach anns an linn ron seo; chan ann a-mhàin a chionn ’s gu bheil na tachartasan sin cho fad às a-nis, ach cuideachd air sgàth cho toinnte ’s a bha iad, agus mar sin duilich an tuigsinn. A bharrachd air sin chan eil na prionnsapalan no am moraltachd air cùl nan iomairtean cho soilleir. Gu tric cha b’ e ceartas a bha na seòid a seasamh ach cumhachd na h-impireachd. Ach cha robh gnothach aig an t-saighdear cumanta le amasan nan iomairtean anns an robh e an sàs. Rinn esan mar a chaidh iarraidh air. Bu mhòr a dh’ìobair e, agus còmhla ris-san, bu mhòr a dh’ìobair a theaghlach, agus a’ choimhearsnachd dom buineadh e airson cor na dùthcha. Fhad is a tha sinn a’ dèanamh iomradh air fulangas an dà chogaidh mhòir mu dheireadh,’s dòcha gum bu chòir dhuinn smuain no dhà a ghleidheadh don fheadhainn a dh’fhuiling ann an cogaidhean na linne ron seo.

 

– Alasdair Paul

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach