Thugainn a Dhanns’

Bidh cuimhneachdan math aig a chuid as motha dhinn air cèilidhean aig bainnsean no ann an tallachan coimhearsnachd; na casan a’ bualadh is na cabair a’ crathadh. Ach cò às a thàinig a’ ghnè dannsaidh? Tha Alistair a’ toirt sùil air tùsan dannsadh cèilidh ann an Eilean Arainn.

Ceilidh

Tha àite aig cùl na h-inntinne aig gach Albannach far a bheil ar fèin-aithne a’ tàmh. ‘S e seo ciste far am faighear na rudan prìseil a tha faisg air ar cridhe. Do mhòran dhinn bidh àite ann do dhannsadh cèilidh Albannach, is cuimhne aig a’ chuid as motha dhinn air deagh oidhcheannan air banais no ann an talla-coimhearsnachd; na casan a’ bualadh air an làr, glaodhan nan dannsairean is na cabair a’ crathadh. Chun an latha an-diugh tha cèilidhean nam pàirt cudromach de bheatha chultarail an eilein anns a beil mi fhèin a’ fuireach, sin Eilean Arainn, mar a tha iad air feadh na Gàidhealtachd.

Agus ’s ann air thuiteamas, tro sgeulachdan beaga a tha mar phàirt de dhualchas an eilein a fhuair mi beagan soillearachaidh air eachdraidh dannsa chèilidh; is cha robh a h-uile rud mar a bhithinn an dùil. Ged as tric a bhios sinn a’ toirt iomradh air dannsadh cèilidh traidiseanta na h-Alba, bha dannsadh a cheart cho an urra ri fasan san àm a dh’fhalbh ’s a tha e an-diugh is bhiodh e a’ sìor thoirt a-steach buaidhean bhon taobh a-muigh tro na linntean. Bhiodh na dannsaichean as ùire air an sgaoileadh tron dùthaich an cois nam maighstirean dannsaidh a bhiodh a’ tadhal air diofar sgìrean. Ann an Arainn bha maighstir dannsaidh fhathast a’ tighinn dhan eilean suas gu deireadh an 19mh far am biodh e a’ toirt seachad leasanan do mhuinntir na sgìre ann an sìol-lann. Bhiodh stòr de dhannsaichean fa leth aig gach maighstir a bheireadh a-steach cuid a bha dualach do dh’Alba is cuid a bha cèin is, aig amannan, cuid a bha e fhèin air cruthachadh. Ri h-ùine chaidh am measgachadh le chèile chun na h-ìre ’s gu bheil e duilich a radh dè dìreach a tha traidiseanta is dè nach eil.

Fìdhlear

Fìdhlear Arainneach

Bu tric a rachadh togalaichean àiteachais mar shabhal a chur gu feum na thalla dannsaidh air an eilean leis an tuath mus robh sgeul air na tallachan coimhearsnachd. Nuair a thàinig marsanta dhan eilean is a rinn e cuairt air muin eich ann an 1783 thachair e ri a leithid seo de dhanns ’s e a’ cur seachad na h-oidhche air tuathanas. Nas fhaide air adhart sgrìobh e san leabhar-latha aige ‘After supper we heard the sprightly notes of the fiddle …. Accordingly we repaired to the great barn, where there were about ten or twelve fat, blooming country lassies walloping it away to the tune of ‘Greig’s Pipes’. Mr Mcleish and I were soon accommodated with partners and danced till we tired, but were far eclipsed by the country lads, who had more kicks and flings in three sets than we had in fifty‘.

B’ e saoghal a bha an impis a dhol à bith air an d’fhuair Maighstir Hutcheson sealladh. An ceann 50 bliadhna thigeadh cruth-atharrachadh air dòigh beatha nan daoine. Cha bhiodh sgeul ann air na seann choimhearsnachdan mar a bha is bhiodh gu leòr de mhuinntir an eilein air fhàgail. Chan iongnadh e gun do dh’fhàg na h-atharrachaidhean an-iochdmhor an sluagh gu h-ìosal. ‘S ann tro chreideamh a lorg iad furtachd is bha an t-ath-nuadhachadh Crìostail gu sònraichte làidir ann an Arainn. Ghabh searmonan, leughadh a’ Bhìobaill is coinneamhan Crìostail àite nan seann chèilidhean is dannsaichean. Tha e coltach gur e beachd na mòr-chuid a bha air a shamhlachadh le faclan an t-searmonaiche iomraitich Arainnich, Gilleasbaig MacGùga. Nuair a mheòraich e air oidhirp a chàirdean ga thàladh air falbh bho a bheatha uaignich Chrìostail le bhith ga thoirt gu clasaichean dannsaidh thuirt e; ‘Aon uair agus bu lèir dhomh na bha tachairt san rùm dannsaidh ud; bu truagh mise mura cuirinn an aghaidh ceòl is danns’.

Ach, thar ùine, dh’èalaidh dannsadh air ais a-steach gu beatha nan daoine. Ged a dh’fhan cuid dìleas do spriorad an ath-nuadhachaidh dh’fhàs cuid searbh dhen chuingealachadh. Ann an 1880 thug searmonaiche rabhadh seachad da cho-thional ann an ceann a deas an eilein gun a bhith a’ dol gu clasaichean dannsaidh a chaidh a chur air dòigh san sgìre. A rèir aithris nochd sluagh mòr aig a’ chiad chlas an ath-sheachdain a bha air a leantainn le dannsa-sabhail gu uairean beaga na maidne. Cha b’ e coimhearsnachd iomallach a bh’ann an Arainn a-nis, le bàtaichean-smùide agus trèanaichean ga cheangal ri tìr-mòr is ris na bailtean mòra. Bha na seann dòighean a’ seargadh às is thòisich buaidhean ùra a thaomadh a-steach.

Gach bliadhna san Dùbhlachd bhiodh suas ri 900 duine le buinteanas do dh’Arainn a’ cruinneachadh ann an Talla na Banrighe ann an Glaschu aig tachartas dam b’ ainm Natives Of Arran a rachadh a chur air dòigh leis A’ Chomann Arainneach. Ged a bha gu leòr air an eilean fhàgail bha an tachartas na chomharra gun robh an fhuil fhathast tiugh. B’ e sin a-nis am prìomh-fhuaran bhon sruthadh dannsaichean ùra air ais gu Arainn agus b’ iad na quadrilles as motha a bha a’ glacadh aire nan dannsairean. B’ e còmhlain quadrille a chluicheadh aig na cruinneachaidhean aig deireadh na 19mh linn is toiseach na 20mh linn, le ainmean mar S C Foster’s Quadrille Band, Mr Wilson’s Quadrille Band and Mr Booth’s Quadrille Band. Cha b’ fhada gus an do nochd còmhlain Quadrille air ais ann an Arainn. Nam measg bha Boa’s Quadrille Band a chaidh a chur air bhonn le maighstir Boa, bùidsear às Whiting Bay a bha cuideachd na fhìdhlear is dòrlach de a chàirdean. Bha iad fhathast a’ cluich an ceann 30 bliadhna.

Bha dannsaichean a’ gluasad air falbh bho na seann taighean-tughaidh is sabhalan a-steach do na togalaichean poblach ùra, gu sònraichte na tallachan Coimhearsnachd. Mar a bha na h-eaglaisean aig cridhe beatha spioradail nan daoine b’ iad na tallachan ùra a bha a’ faighinn àite aig cridhe beatha saoghalta nan daoine. Far an robh aon fhìdheall comasach air casan a chur gu dannsadh ann an taigh-tughaidh dh’fheumadh talla fuaim nas cumhachdaiche. B’ e còmhlain a-nis a bha a dhìth. Thàrmaich co-dhiù aon chòmhlan anns cha mhòr gach baile san eilean a fhrithealadh na feumalachdan dannsaidh anns an sgìre aca fhèin. Bha an còmhlan a chaidh a chur air bhonn le fear Evans ann 1929 ann am Breadhaig na shàmhla air an dreach àbhaisteach. Chluich Evans fhèin an fhìdheall le taic bho a bhean air a phiàna, chluich fear òg a bha na mhac do dh’fhorsair na h-oighreachd dàrna fìdheall, is bhiodh fear dam b’ ainm Aoghnas Mac an Airgid air a’ mhandolin. Air na drumaichean bha fear Fergus Latona a bha na mhac do dhuine às Sisilidh a dh’fhàgadh air an eilean nuair a chaidh am bàta aige a bhrìseadh air na creagan.

Thàinig Arainn fo sgàil mar a thàinig an còrr dhen Ghàidhealtachd aig àm a’ Chogaidh Mhòir. Le naidheachdan a sìor dhrùidheadh a-steach mu bhalaich an eilein a chaidh às an rathad cha robh mòran miann aig muinntir an àite a bhith a’ mireadh is a’ dannsadh. Chùm iad a’ dol cho math ’s a b’ urrainn dhaibh ach bha an corra tachartas a bhiodh ann stòlda is aire nan com-pàirtichean air cogadh. Aig cèilidh a chaidh a chumail ann an 1917 as leth meur Arainn na crois deirge dh’fhigh an luchd-amhairc stocainnean airson nan saighdearan aig aghaidh a’ bhlàir fhad ’s a sheinn balach òg an t-òran tiamhaidh; ‘It’s a Long Way to Tiperary’

Bha an ginealach òg a thàinig tron chogadh searbh de chàs is an saoghal Èideardach is Bhictorianach bhon a dh’èirich aimhreit is àmhghar. Chuir iad cùl ri na seann dòighean is fàilte air modhan is beachdan ùra, nam measg dannsaichean ùra leithid an tango, am Foxtrot is Dannsadh Jazz is cha b’ fhada gus an do ràinig iad cladaichean Arainn. Thigeadh cuid an cois nan còmhlan à tìr-mòr a chuireadh seachad an samhradh ann an Arainn a’ cluich do luchd-turais. Dìreach dà bhliadhna às dèidh a’ chogaidh thadhail an còmhlan ‘Morrison’s Jazz Band’ air an eilean far an do chluich iad sreath de chonsartan ann an Loch an Eilein is am Bagh. Theann còmhlain ionadail air atharrais air na còmhlain seo. Ann an 1927 chuir fear òg dam b’ainm O’Toole às Loch An Eilein air bhonn còmhlan Jazz le cuid de a chàirdean a ghabh a-steach fìdheall, bainsio, ukelele is druma Jazz.

Tràth san 20mh linn, gu sònraichte tro sheusan na turasachd, bhiodh grunn dannsaichean gan cumail rè na seachdain sna diofar bhailtean. Bhiodh dannsaichean culaidhe-choimhiche ann, dannsaichean le Co-chomann a’ Chalmain, dannsa flanainne air a chumail leis a’ chlub teanais, dannsaichean air an cumail leis a WRI, le club nam baidealair, le clubaichean leughaidh is na masonaich. Bha e na fhasan aig an àm a bhith a’ cumail Beetle Drive le dannsa às a dhèidh. Bu tric a leanadh na dannsaichean seo gu uairean beaga na maidne; no fiù ’s uairean mòra na maidne. Bha beachd nan ginealach nas sine air seo mar a bhiodh dùil. Ann an litir dhan Ardrossan and Saltcoates Herald chuimhnich tè Arainneach air na dannsaichean bainnse is deireadh bhuana na h-òigridh. Ghearain i gun robh trì dannsaichean san t-seachdain fada cus do ribhinnean òga is gun robh sin a’ fàgail mìreadh na airtneal.

Ach cha robh na dannsaichean sean-nòsach air am mùchadh gu tur, is bha fèill orra gu sònraichte an cois bhainnsean. Bha e na chleachdadh ann an Arainn, bean na bainnse is fear na bainnse a bhith a’ coiseachd an comhair a’ cheile an cois an cuideachd bhon bhaile aca fhèin is a bhith air am pòsadh far an do choinnich iad. Bha cuid a bhadan anns an eilean a bha air an sònrachadh airson an dearbh rud lethid ‘Lag Na bainnse’. Anns an leabhar bheag ‘History Of The Villages Of Arran’ a chaidh fhoillseachadh le meur Arainneach a WRI o chionn grunn bhliadhnaichean thugadh iomradh air mar a phòs pàrantan fir a bha na bhodach aig an àm. ‘Choisich athair a bhuineadh do Thòrr na Linne, is a mhathair a bhuineadh don t-Seasgann 14 miltean air falbh an coinneamh a chèile is phòs iad far an do thachair iad ri chèile aig Coire Craobhaidh. B’ e gnothach greadhnach a bh’ann ann an cuirm na bainnse. Bhiodh na mnathan trang ag ullachadh eunlaith is biadh eile fad iomadh latha is bhiodh na galanan de dh’uisge-beatha air a sholarachadh. ‘S beag an t-iongnadh gun leanadh an subhachas air grunn làithean. Tha e coltach gum biodh fìdhlearan gun àireamh daonnan an lathair a chumadh an ceòl a’ dol. Tha bainnsean an latha an-diùgh cho meata an coimeas ri mar a bha’. Ann an 1921 thug am pàipear naidheachd iomradh air banais ‘Traidiseanta Gàidhealach’: ‘Mheàrrs fir cinnidh, coimhearsnaich is caraidean air cùl pìobaire bhon cheàrdach dhan tuathanas aig An Aorainn (Whitefarland). Bha 35 cearcan is grunn chaoraich air an cinn aom air los na fèille. Chaidh na bùird a chartadh às an t-sabhal mhòr is thòisich an danns’.

Ma tha aon latha ann as urrainnear sònrachadh mar an latha a ghin dannsadh cèilidh ann an Arainn mar as aithne dhuinn e an-diugh b’ e sin an latha ann an 1926 a thadhail tè M L Ross air an Eilean as leth Co-chomann Dannsadh Dùthchail na h-Alba far an do thug i seachad leasan do dh’Institiud Dùthchail nam Ban (WRI). Aig deireadh an t-seasain bha am buidheann air dusan dannsaichean ionnsachadh. Feumaidh gun do rinn iad gàirdeachas ris a’ chur-seachad spòrsail agus an ath bhliadhna fhuair iad maoineachadh de 30 not bho urras Charnegie a leig leotha clasaichean cunbhalach a chumail. Agus b’ann mar sin a thàinig cuid de na dannsaichean as aithne dhuinn an-diugh mar dannsaichean cèilidh dhan eilean. Ann an 1929 rinn buill dhen WRI taisbeanadh dhen Dashing White Seargent aig whist drive is dannsa agus san aon bhliadhna ionnsaich iad an Strip the Willow do na bha an lathair aig coinneamh nam Masonach ann an Loch an Eilein.

Le deireadh nam ficheadan a teannadh dlùth cha robh sluagh an eilein idir seasmhach mar a bha, le daoine a sìor thighinn ’s a’ falbh. Am measg an fheadhainn sin as motha a thug buaidh air beatha nan eileanach bha an iomadh maraiche a thigeadh gu Arainn air bòrd nan soithichean cogaidh. Aig amannan bhiodh suas ri 8000 duine air bòrd na bàtaichean a bha air acair san acarsaid ann an Loch an Eilein; faisg air a dhà uiread na sluagh an eilein fhèin. Bha criutha cuid de na bàtaichean cho mòr ri sluagh baile Loch an Eilein. Gu dearbh bha na soithichean seo mar bhaile air bhog le goireasan a dh’fhreagaireadh air gach feumalachd an luchd-còmhnaidh; bha fiù ’s còmhlan ciùil air bòrd cuid. Air an oidhche dhen 19mh Ògmhìos 1929 thàinig còmhlan ciùil an t-soithich HMS Rodney air tìr gus dannsa a chumail ann an talla a’ bhaile. Thàinig liuthad dhaoine a-mach; an dà chuid seòladairean is muinntir an àite, is gun deach mòran dhiubh a chur air falbh le briseadh-dùil. Ach fhuair iad cothrom eile nuair a chluich còmhlan ciùil an t-soithich peathar aice HMS Nelson beagan laithean às a dhèidh san aon talla. Am measg nan còmhlain eile a thàinig air tìr bha còmhlan an HMS Tiger is an HMS Iron Duke.

HMS_RODNEY

HMS Rodney

Lean soithichean cogaidh orra a’ tadhal air Arainn tron dàrna cogadh is thàinig cuideachd trì roinnean de na Commandos, Seirbheis Cabhlach Rìoghail Nam Ban (WRENS), prìomh-oifis a’ Bhacaidh-dìona (Boom Defence headquarters), sgoil ghunnaireachd, ionad euslaintich is caileagan an fhearainn (land girls). Eu-coltach ri stòldachd a’ Chogaidh Mhòir bha an t-eilean na bhoil. Bha an luchd-seirbheis seo uile feumach air dibhearsan is bhiodh dannsaichean air an cumail grunn oidhcheannan san t-seachdain. Ann an Loch an Eilein bhiodh trì dannsaichean ann gach seachdain le dannsadh gu reacordan oidhche Haoine is dannsadh dhan Bhud Brown Band air oidhche ArDaoine is oidhche Shathairne. Nuair a fhuair mi facal air cailleach a bha na ribhinn aig an àm sin las a sùilean nuair a thug mi iomradh air cuspair nan dannsaichean. Dh’innis i dhomh gun robh i fhathast aig an sgoil nuair a thoisich i air a dhol ann is mar a bhiodh i a’ coiseachd ann cas-rùisgte leis na brògan dannsaidh aice ann am poca gus nach biodh iad air am milleadh. Cha do chaill i aon dannsa fad a’ chogaidh!

B’ ann tron chogadh a thàinig còmhlain dannsaidh Albannach gu ìre. Bha iad air buaidh dannsadh Bhallroom a thoirt a-steach is air a mheasgachadh le dannsadh dùthchail gus dreach Albannach de cheòl an talla dannsaidh a chruthachadh. Sna blaidhnaichean a lean an cogadh b’ e buidheann dam b’ ainm Còmhlan an t-Seasgainn an còmhlan as cliùtaiche anns an eilean. Mar iomadh còmhlan air feadh na dùthcha b’ e cruinneachadh de luchd ciùil às an sgìre a bh’ann a reir cò bha ri làimh aig an àm. Bha dòrlach de dh’fhìdhlearan a bhiodh a’ tighinn ’s a’ falbh, bha drumair ann is fear a chluich a saxaphone, agus aig àmanan bhiodh piana ann. Ach aig cridhe a’ chòmhlain bha ionnsramaid a bha ùr dhan eilean; am bogsa, a bha a’ gabhail òs làimh àite na fìdhle mar rìgh na ionnsramaidean dannsaidh. B’ e fear Alastair MacAlastair prìomh chluicheadair a’ bhogsa dhan chòmhlan. B’ e bodach a bh’ann nuair a thachair mi ris. Bha e air corrag a chall ann an tubaist air an tuathanas, rud a chuir bacadh air a chuid chluich, ach bha làn a chinn de dheagh chùimhneachain aige air na làithean a bha an còmhlan aige aig àirde is a bhiodh iad a’ cluich grunn oidhcheannan san t-seachdain; mar a bhiodh iad a’ cluich gu uairean beaga na maidne is a bhiodh iad air an cois tràth an a latha aig an cuid obrach. Ged ’s e dannsaichean dùthail Albannach às motha a bhiodh iad a’ cluich bha iad a’ cheart cho comasach air dannsaichean Bhallroom leithid am Foxtrot, an Tango is b’urrainn dhaibh Quadrille a chluich ma chaidh iarraidh orra leis na seann daoine a bha fhathast eòlach orra. Ged a chluich iad an iomadh àite air feadh an eilein b’ e an t-ionad anns an do chluich iad a b’ annsa le Alastair an seann talla tionna ann am Baile an t-Seasgainn fhèin. Bhiodh na daoine a’ dòrtadh a-steach dhan talla às dèidh do na taighean-seinnse dùnadh aig 9.30f is rachadh an t-àite na bhoil, is e loma-làn is na ballachan a’ crathadh. Chan ainneamh a bhriseadh sabaid a-mach às a dhèidh.

Shiskine Band     Birchburn

Còmhlan an t-Seasgainn                                                 Seann talla tiona aig Dail a’ Bheithe (Birchvale)

Ged a thàinig ceòl cèilidh fo sgàil ceòl pop, rock agus disco gu ruige deireadh na linn cha deach e à fianais uile gu lèir is bha daonnan còmhlan no dhà air an eilean a dh’fhreagradh am miadh son dannsa cèilidh. Ach le aiseirigh ceòl folk sna seasgadan is na seachdadan ghabh daoine ùidh às ùr ann an ceòl traidiseanta is na dannsaichean a rachadh leis is tha mi toilichte a ràdh gu bheil dannsadh cèilidh fhathast beò is fallain ann an Arainn is a’ chòrr dhen Ghàidhealtachd mar an ceudna.

Chan eil mòran a bheir daoine còmhla mar dannsadh cèilidh is bidh e a’ sìor thoirt tlachd dhomh a bhith a’ faicinn talla làn shrainnsearan a dh’fhalbhas nan càirdean às dèidh oidhche de dhannsadh. An toirear bàrr air cur-seachad a tha sìmplidh is fallain is làn spòrs? Guma fada a mhaireas dannsadh cèilidh mar phàirt de bheatha nan Albannach!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach