Tìm nach dèan fuireach – ri duine no dòigh


Pios beag breàgha air an deireadh sheachdain le Niall Gòrdan mu dheidhinn nam buadhan a tha an lùib èisteachd ris an radio.

Uair agus mi a’ dèanamh cùrsa àraidh ann an Dùn Èideann o chionn fhad an t-saoghail (bha agam ri a dhèanamh), bha caraid dhomh ann a bh’ air a bhith fo chùram nam banaltram fad iomadh mìos an dèidh droch thubaist, rud a dh’fhàg e a’ leughadh faclair na Beurla a h-uile latha. Chanadh e rudan annasach ri daoine agus e làn fhaclan nach cuala mòran: ach bha alt aige air rud eile cuideachd, agus b’ e sin abairtean èibhinn a mhaireadh sa chuimhne… dìreach mar na tha san aiste seo an ceartair air mairsinn ann an cuimhne bhochd Nèill!

Is math as cuimhne leam na bh’ aige ri ràdh agus e fhèin ‘s a theaghlach – mas fhìor – cho bochd dheth ‘s nach robh teilidh aca. “A Nèill,” chanadh e rium, “cha robh an dàrna roghainn againn ach coimhead air an rèidio!”

Uill, nach mòr is fada a shiubhlas cearcall cuibhle an fhortain – tha e air car a chur chun na h-ìre is gu bheil e anGirl_listening_to_radiocomas do dhaoine san latha a th’ ann an dearbh rud sin a dhèanamh! Dè as ciall dha seo? Tha, gum faigh sinn prògraman rèidio air an teilidh – agus iad a’ tighinn às iomadh dùthaich cuideachd. Uill, tha seo ga mo thoirt gu mo chuspair (mu dheireadh thall!): bho phòs mi mo Sheòidín ‘s a rinn mi imrich a dh’Eilean Sgiathanach nam Buadh, tha mi air cothrom fhaotainn tuilleadh tìde a chur seachad air Gàidhlig na h-Èireann – Gaeilge – ionnsachadh, agus a thaing sin aig na gheibh mi de phrògraman rèidio RTÉ.

Chan fhaod mi fhàgail às gum faigh mi cothrom coimhead air prògraman teilidh sa Ghaeilge cuideachd – ach’s e na tha ri fhaotainn air rèidio as saoire, agus tha mi taingeil gum bi an corra cheangal eatorra seo. Gabh, mar eisimpleir, “Comhrá” air TG4 – tha am fear a chuireas daoine fo agallamh cuideachd air an rèidio. ‘S fhìor thoil leam a bhith ag èisteachd ri guth socair an duine seo, agus is ainmeil e am measg luchd-craolaidh: Máirtín Tom Sheáinín.

Nis, rud feumail a thaobh seo uile, ’s e gum faodar prògraman a chlàradh – air video! Ceart gu leòr, chan eil mòran ri fhaicinn ‘s tu ag ath-èisteachd ris na chlàraich thu: ach aig an aon àm, saoilidh mi gun cuir e duine air shocair a bhith a’ cluinntinn fuaim binn na Gaeilge agus dealbh falamh gorm rèidh air sgàilean a’ bhogsa… ciùinead a tha mìorbhaileach, ar leam.

Is math as cuimhne leam a bhith ri cleasan dhen t-seòrsa-sa ‘s mi ag ionnsachadh na Gàidhlig: agus feumaidh mi a ràdha gu bheil seo a cheart cho feumail a thaobh na Gaeilge, oir bheir e cothrom dhomh suidhe sìos agus rudan a sgrìobhadh fhad ‘s a bhios mo chluas ri claisneachd agus rud inntinneach air an rèidio. Saoilidh mi gun canar “ionnsachadh air an iomall” (no “peripheral learning”) ri seo – agus mholainn e do neach sam bith nach eil a’ còmhnaidh an còir coimhearsnachd cànan an taghaidh.

Agus dh’fheumamaid cuimhne a chumail air rud cudromach eile cuideachd – gum bi, an lùib gach prògram sa chànan-sa, an sàr-cheòl ri chluinntinn!

Sin e gu seo, a chàirdein – agus san dealachadh, canaidh mi ribh, cleas Gàidheil na h-Éireann….

Slán go fóillín!

– Niall Gòrdan 

Share

One thought on “Tìm nach dèan fuireach – ri duine no dòigh

  1. Pingback: Mata MacDhonnchaidh, Ailig Salmond, 9/11 agus Teòiridh na Dàimheachd |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach