A’ Toinneamh is a’ Tionndadh: Dàn an Dannsair Laideannaich

Airson an agallaimh seo, bhruidhinn Marcas Mac an Tuairneir ri dannsair Sasannach – Sita Carr-Hill – a tha air eilthireachd ann an Coloimbia, Ameireaga a Deas, gus a rùn saoghal dannsa Laideannach a leantainn.

Rugadh is thogadh Sita ann an Eabhraig (York), air taobh ear-thuath Shasainn, am measg teaghlaich ealanta, cruthachail. Sheachnaich a pàrantan foghlam àbhaisteach don chloinn, an àite sin, gan cur do sgoil Steiner sa bhaile, far an do thòisich Sita a h-oideachadh stèidhichte air na h-ealain, is a lean leasachadh nàdarra a’ chuirp. Bha an dannsa, daonnan, mar phàirt den leanabachd aice, is rinn i clasaichean dannsa ballet is dannsa Innseanach nuair a bha i òg. Ach aig an àm sin, cha robh dùil aice a-riamh, gun leanadh i beatha an dannsair; bha an ealan mar chur-seachad a-mhàin, a rinn i aig crìoch an là sgoile.

Às dèidh dhi crìoch a chur air a cuid foghlam, rinn i an rud àbhaisteach do dh’òigridh san là an-diugh, a’ siubhal a-null thairis, far an do dh’obair i ann an Rìoghachd nan Tàidh, Astràilia agus san t-Sealainn Nuadh fad còrr is ceithir bliadhna. Aig an àm sin, thachair Sita air dannsa às ùr, ann an clasaichean tango, far an deach i airson daoine ùr a choinneachadh, fhad ’s a bha i ann an Rìoghachd nan Tàidh. Às dèidh dhi tilleadh a dh’Astràilia, cha b’ urrainn do Sita dìochuimhneachadh dè cho mòr ’s a chòrd an stoidhle dannsa romansach rithe, is lorg i clasaichean, a-rithist, san sgìre ùr aice. Ach cha robh clas sam bith faisg air làimh. ‘Chan eil an stoidhle sin cho cumanta, no ruigsinneach’, arsa Sita air na dùbhlain a bha roimhpe. Cha robh ach clasaichean Salsa, is bha aice ri tòiseachadh às ùr, le stoidhle Laideannach ùr.

Nuair a ghluais caraid dhi gu Bogotá ann an Coloimbia, chuir Sita roimhpe cèilidh a chur oirre. Bha i riamh an dùil a bhith leantainn oirre mu dheas, a’ sireadh clasaichean tango anns an Argantain, is an uairsin, ann an Cùba, “fhad ’s a bha Franco fhathast mun cuairt; an cothrom mu dheireadh an dòigh-bheatha sin fhaicinn.” Ach cha d’ ràinig Sita Havana, no fiù ’s Buenos Aires. ’S e an rud a thachair, ann an Coloimbia, an rud a dh’atharraich a beatha gu tur.

Cali

Santiago de Cali © Ben Bowes

Chuala Sita mu bhaile beag air taobh a deas Coloimbia fhèin – Santiago de Cali – baile cha mhòr gun fhios dhuinn air an Àird an Iar, ach aithnichte air feadh Ameireaga a Deas mar phrìomh-bhaile an t-Salsa. A’ ruigsinn a’ bhaile, chunnaic Sita “seud air dhearmad”, is bha e “do-dhèanta a tarraing air falbh bhuaithe. ”’S ann an uairsin,’ a bha i “beò-ghlacte gun sgur.”

Fad nam beagan bhliadhnaichean sa chaidh, tha Sita air a bhith fo sgèith còrr is deichnear luchd-oideachaidh fa leth. Tha gach duine aca à ceàrn eadar-dhealaichte den t-saoghal is tha dualchasan iomsgarach aca. An rud a th’ aca ann an cumantas, ’s e gun tèid an dòigh-ealain aca a chumail anns na sgìrean as bochda san dùthaich. “’S e dòigh a bhith a’ seachnadh a’ mhulaid” a rèir Sita, agus cothrom cuideachd a bhith dèanamh siubhail is pàirtean ùra den dùthaich fhaicinn, do choimhearsnachd a tha cha mhòr bacte bho bhisa fhaighinn gus shiubhail a-null thairis, air sgàth droch chliù na dùthcha agus a “sìor-dhuilgheadasan leis a’ chocain.”

A’ bruidhinn air staid na dùthcha, tha Sita cha mhòr troimh-chèile. “’S e àite gu math sònraichte a th’ ann an Coloimbia, ach tha i bòidheach is borb aig an aon àm.’ Gu dearbh, ’s e truailleachd agus neo-bhrìgh an riaghaltais an cuspair a nochdas gu tric ann an cainnt Sita, is i a’ gluasad eadar cuspairean cruthachail agus poilitigeach mar a tha ar còmhradh a’ dannsadh fhèin. Am beachd aig Sita, ’s e cnag na cùise nach eil “loidig sam bith” ann an Coloimbia, far a bheil a’ mhuinntir “ro phròiseil an fhìrinn a thoirt seachad. ’S beag orra gun sealladh duine sìos orra, mar nithean nach b’ fhiù.”

Ach chan urrainn do Sita a bhith ro chruaidh air a’ mhuinntir “dhealasach, chàirdeil, choibhneil” ris an do thachair i, a dh’aindeoin a’ mhì-rian mun cuairt orra. ’S e an fheallsanachd aca a thug Sita dha cridhe, “nach eil crìoch aoise sam bith, do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an dannsa.” Gu dearbh tha Sita eòlach air tòrr dhaoine a bha san aon t-suidheachadh ’s a bha i fhèin, a’ siubhal tron dùthaich, agus a chuir romhpa “cridhe is anam” a chur ris a’ chùis.

Sita 1“Cho fad ’s a tha e a’ còrdadh riut, air an ùrlar-dannsa, chan eil dragh sam bith. Bha a h-uile duine na neach-tòiseachaidh, àm air choireigin.” Gu dearbh, mholadh Sita dannsa do dhuine sam bith. ’S iad na tidsearan dannsa na daoine aig an robh a’ bhuaidh as motha air a’ bheatha aice, ars Sita, is iad an fheadhainn a’ dèanamh an rud a chòrdas riutha gach là bho chamhanaich gu ciaradh. ’S e sgoil dannsa aice fhèin a tha na miann a cridhe, gus beannachd an dannsa a sgaoileadh fad’ is farsaing.

“Tha mi air a bhith a’ dannsa aig co-fharpaisean, ach tha ìre nam farpaiseach cho àrd”, mhìnich Sita. “Bhiodh cothrom na bu mhotha agam air an Àird an Iar, ’s dòcha.” Ach gu dearbh, tha Sita air soirbheachadh mar-thà, a’ dèanamh taisbeanaidhean Salsa aig cuirmean corporra do chompanaidhean na sgìre agus ann an clubaichean dannsa, cuideachd. San eadar-ama, ’s e a miann a bhith a’ dannsa aig a’ cho-fharpais as motha a th’ ann an dannsa Laidinneach, am Mòr-dhail (congress).

Mu dheireadh thall, chan eil fìor-aire aig Sita air soirbheachas ionmhasail, no cliù; “’s e an leigheas as fheàrr,” ars ise aig deireadh ar còmhraidh. “Ma tha rud sam bith a’ cur bròn no briseadh-dùil orm, ’s e faireachdainn a’ chiùil is a’ toinneamh is a’ tionndadh le duine eile an rud a shlànaicheas uile.”

© Marcas Mac an Tuairneir

Chaidh a’ chiad dealbh a chleachdadh le cead Creative Commons.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach