Tractar Beag Dearg | Bàrdachd

massey-ferguson

Tractar Beag Dearg

Fàileadh na h-ola, fàileadh na h-ola
Chan eil beatadh air fàileadh na h-ola
Drùidheadh na h-ola tro ghasgaid is chìochag
A’ fàgail lòn dubh anns gach àit’ dhan tèid mi
Mar a leigeas cù anns gach àite a chomharradh

Oiteag nam fhalt, oiteag nam fhalt
Togaidh i mo shunnd, oiteag nam fhalt
Falt nam shùilean, smùr air m’aodann
Coma leat an t-astar no fàth mo thurais
‘S e bhith siubhal an rathaid mo shodain

Sreath air mo chùl, sreath air mo chùl
Is beag mo dhiù, sreath air mo chùl
Sreath a’ fàs, dol suas an leargann
Is beag feum a nì am mì-fhoighidinn
Nach eil fios gun ruig each mall muileann

Faram an einsein, faram an einsein
Am fuaim as binne, faram an einsein
Faram nas fuaimeil na treud ailbhean
A’ gairm bho mhìle air falbh mo theachd
‘S beag an t-iongnadh mo bhuidhre san àm

Bogadaich is tulgadh, tulgadh is bogadaich
Dol suas is sìos, tulgadh is bogadaich
An aon spring ann am fear fo mo thòn
A shadadh glan dhan dìg mi gun dàil
Gun grèim agam air a’ chuibhle gu teann

Oidhcheannan san t-seada, san t-seada
Tamallan as fheàrr, san t-seada a’ càradh
Gleusadh do bholtan nam sheada seasgair
A’ moladh do chom is do chumadh
A’ cuir snas air do bhonaid chruinn chuimir

A thractair bhig dheirg, thractair bhig dheirg
Is tus’ mo ghràdh, a thractair bhig dheirg
Is cruaidh an leannan thu, thractair mo rùin
Droch-dhìol bhuat, duais mo mhùirn
Ach is raighd a tha garbh mo roghainn

 

  • Alistair Paul
FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach