Stòras an t-Sluaigh | Trail West agus CnaG

TWCNAGTha dà iomairt mhòr Ghàidhealach air a dhol air adhart a thaobh crowdfunding o chionn ghoirid – agus tha mar a chaidh dhaibh air ceistean a thogail ann am beachd Eòghain.

Chaidh Transit Van aig a’ chòmhlan cèilidh Trail West a ghoid o chionn trì seachdainean ann an Glaschu – a-rèir coltais chan eil sgeul air a’ bhan neo air an uidheamachd-ciùil a bha na bhroinn fhathast, ach tha sgrùdadh Phoileas Alba (caraidean ùra nan Gàidheal) a’ leantainn.

Cha bu luaithe a chaidh an naidheachd a sgaoileadh air na meadhanan sòisealta na thòisich iomairt air tè dhe na làraichean-lìn airson airgead a chruinneachadh on t-sluagh gus an uidheamachd agus bhan ath-cheannach (ged nach eil càil air thalamh a thèid an àite ionnsramaid ghràdhach aig neach-ciùil nuair a bhios e briste neo caillte). Cha robh Trail West idir an-sàs anns an iomairt idir, ach bha iad dhà-rìreabh taingeil gun robh daoine deònach an cuideachadh nan èiginn.

Hi everyone,So as you all know, last week was probably the toughest week we’ve had since we formed in 2008. Our van…

Posted by Trail West on Friday, 30 October 2015

Ann an ùine gun a bhith fada, thogadh trì mìle deug not ri linn na h-iomairt gus na balaich Thiristeach (agus Seonaidh Loch a’ Charnain) a chur air chois a-rithist. Nach math sin. Chan eil mòran fhir òga ann an Alba a tha cho deònach ri Seonaidh Mac an t-Saoir agus Iain Mac a’ Ghobhainn a’ Ghàidhlig a chur fa chomhair nan daoine agus an dualchas a chumail beò. Bha e cho soirbheachail gum b’ fheudar dha na gillean stad a chur air gu math aithghearr taobh a-staigh latha o chionn ’s gun deach an targaid a ruighinn, agus iad fhèin a’ cur £5000 ris (agus cèilidh shònraichte ann an Glaschu airson gach duine a thug tabhartas).

Aig ceann eile a’ bhogha-froise ge-tà, agus a’ phoit òir a thàinig am bàrr airson càs Mhic a’ Ghobhainn agus a charaidean fhuasgladh, tha Dòmhnall Morris CnaG a’ rùrachadh eadar seann chnàmhain ann an Uamh Mhic an t-Srònaich airson sgillinnean ruadh a chruinneachadh gus meanbh-bhus a cheannach. Bhiodh am meanbh-bhus ann airson buidhnean de dh’òigridh Ghàidhlig a thoirt air tursan dhan àrainneachd a-muigh – a’ cruthachadh nan cothroman sin airson an cànan a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile a bhios gach eòlaiche ag innse dhuinn a tha deatamach airson sgilean cànain (agus beatha ar cànain) a leasachadh. Fìor dheagh bheachd, feuchainn ri cur-a-steach on choimhearsnachd fhaighinn gus nach bi am pròiseact crochte a-mhàin air saoibhreas a’ Bhùird. Chaidh mòran luaidh a thoirt air a’ phròiseact seo aig àm a’ Mhòid ach a-rèir coltais, mìos o na làithean buidhe ann an Latharna, chan d’fhuair CnaG ach mu £2000 thuige seo.

Canaidh feadhainn “Ma tha Cnag a’ faighinn airgead mòr bhon Bhòrd mar-thà, carson nach urrainn dhaibh meanbh-bhus a cheannach?” Tha a dhòighean fhèin aig Dòmhnall ach chan eil mòran dhaoine a tha air a bhith cho mac-meanmnach is dealasach is gnìomhach ann an saoghal an leasachaidh ris-san o chionn deich bliadhna. Chan eil e mall a ghuth a thogail agus tha ceistean dìreach is cruaidh aige an-còmhnaidh. Bha sin follaiseach nuair a thug e iomradh anns a’ bhuidheann “Iomairtean Gàidhlig” o chionn seachdain ris an leithid de bheachd mun bhuidseat sin; “Tha an t-àm ann taic tighinn bhon choimhearsnachd. Tha CnaG a’ faighinn airgead mòr mar-thà bhon Bhòrd.  ‘S e tha dhìth ach gun cuir thu do làmh nad phòcaid agus beagan airgid a thoirt seachad.  ‘S e leisgeul a th’ ann [am bòrd a chàineadh]. Tha e a’ leigeil le daoine a dhol às àicheadh nach eil iad fhèin a’ dèanamh dad.  Cà’ bheil na Gàidheil? Càit a bheil daoine nuair a tha iomairt ann gus òigridh a chuideachadh? Chan eil Twitter, Facebook no càil eile air sgrion a’ dol a dhèanamh feum an seo.”

A-rèir coltais Dòmhnall sgìth de bhith ag iomairt air-loidhne, agus san dòigh sin, tha e ceart. Chan fheum Gàidhlig fhèin a bhith beò air an t-sràid agus air na slèibhtean, ach feumaidh strì na Gàidhlig cuideachd.

Cò air a bheil a’ choire a’ laighe – an ann air “a’ choimhearsnachd”? Cò tha anns a’ choimhearsnachd? Luchd-ionnsachaidh? Bodaich is Cailleachan Innse Gall? Pàrantan Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig? An fheadhainn a bhios a’ gabhail smùid a’ chofaidh ann an Taigh-òsta na Pàirce gach deireadh-seachdain?  An ann, mar a sheinn Runrig, le èiginn ar n-èirigh às ar suain?

Air neo a bheil Comann na Gàidhlig air targaid ro mhòr a chur romhpa? A bheil iad air bhith ro fharsaing leis an t-sanasachd? An robh an roi-innleachd mhàrgaidheachd aca a’ cuimseachadh air na daoine ceart? An dèanadh e ciall meanbh-bhus beagan na bu shine a cheannach? (Ged tha e coltach gu bheil an duais Awards for All air a bheil iad ag amas feumach orra fear ùr fhaighinn.)

Chanainn nach e sannt neo cion-fialaidheachd as coireach. Tha sinn a’ faicinn uair às dèidh uair gu bheil coimhearsnachdan air a’ Ghàidhealtachd a’ togail airgead. Nach robh barrachd ìmpidh air an iomairt Trail West a chionn ’s gun robh iad a’ cluich cèilidh do C.R.Y. (Cardiac Risk in the Young) ann an Cùil Lodair Disathairne sa chaidh?

Air neo, a bheil na Gàidheil cho ceangailte ri sporan na poblachd gum faic sinn neònach e a bhith a’ cur ar làmh nar pòcaidean fhèin nuair a thig e gu bhith ag iomairt airson ar cànain fhèin? A bheil cuid a’ creidsinn seann duan an nàmhaid gu bheil stòras gun chrìoch aig na Gàidheil mar lucharan a’ bhogha-frois?

Cha chreid mi gu bheil sin fìor, le bhith an lùib Iomain Cholm cille, tha grunn mhath dhe na cosgaisean (gu h-àraidh siubhail) gam pàigheadh le na balaich agus boireannaich an-sàs ann. Ma tha luach ann, tha mise a’ creidsinn gun tig an t-airgead ach feumaidh tu a reic dha na daoine. Ach gu dearbh, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an dà chùis seo a’ fosgladh deasbad eile mu dheidhinn clicktivism no hacktivism san fharsaingeachd agus mar a tha sinn ro fhulangach mar choimhearsnachd ach ’s dòcha gur e cùis airson latha eile a tha sin.

– Eòghan

*Co-dhiù, no co-dheth, bidh mi fhèin a’ cur suim ris a’ bhus anns na làithean ri thighinn agus mholainn dhuibh an dearbh rud a dhèanamh.  http://www.crowdfunder.co.uk/meanbh-bhus-minibus

** Gheibhear a’ chiad chlàr “The One That Got Away” aig Trail West aig http://trail-west.co.uk/albums/

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach