‘Tròcair’ Shaudach | Iain Urchardan

Chaidh Clèireach Siathach Sheikh Nimr al-Nimr a chur gu bàs le Riaghaltas Aràibia nan Sabhd agus Siathaich thar na sgìre a’ togail fianais an aghaidh na binne. Seo pìos a sgrìobh Iain Urchardan a-mach air siostam-ceartais na Rìoghachd.

Thug na Saudaich bàs do chlèireach:
Nimr al-Nimr – chaill e cheann!
E na Shia trang ag èigheach
Tric mun euceart, ’s air taobh Iran.

Chuireadh airsan casaid “ceannairc”
Le luchd-riaghlaidh a bh’ os a chionn;
Mhaoidh ’ad claidheamh air nach fannaich
’S an fhuil a dhòrtadh mach na lionn.

Thug na Saudaich bàs do bharrachd,
Ceathrad ’s a seachd dhiubh uile ann;
Siaich thàireach – reubt’ on talamh;
“Tròcair” Shaudach: an lagh tron lann!

– Iain Urchardan

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach