Turas dhan Iar

le Marcas Ó Siadhail

A’ siubhal tro Xinjiang, Sgìre Fhèin-riaghlaidh Ùigiurach, ann an Sìona

3000km bhon chosta a b’ fhaisge, tha sinn a’ siubhal tro Sgìre Fhèin-riaghlaidh Xinjiang air taobh an iar Shìona. Iomallach a thaobh a suidheachaidh agus air an leth-oir gu poilitigeach, tha ceangal mi-shocair air a bhith aig an sgìre ri àrd-chumhachd Shìona, am màthar-tìr. Tha frionas cinnidh air a bhith ann bho na seasgadan air sgàth chùisean eadar-dhealaichte, an aon cheist nam measg a th’ air a bhith mu choinneamh muinntir na h-Alba ー neo-eisimeileachd.

Air an trèan a’ dol gu Turpan ann an Xinjiang à Gansu Shìona, bha e soilleir gun robh sinn a’ siubhal gu sgìre eadar-dhealaichte. Bha sruth gnàth-chainnt muinntir an àite ri chluinntinn air an trèan ann, cho eucoltach ri èiridh ʼs tuiteam na Mandairinise ʼs a tha a’ Ghàidhlig fhèin. ʼS e seo an sgìre aig muinntir nan Ùigiurach. Is e sluagh Tuirceach a th’ annta a tha a’ bruidhinn cànan Tuirceach. Chan eil a’ mhòr-chuid fileanta ann am Mandairinis, rud a tha ag adhbharachadh cion-chothroman eacanomaigeach dhaibh ann an Sìona. Chan eil iad a’ cleachdadh siostam sgrìobhaidh Shìona nas motha, is e tionndadh de chlò Arabach a th’ aca. Chan e cànan a-mhàin a tha gan sgaradh bhon chuid eile de Shìona ge-tà ach creideamh cuideachd. Is e Muslamaich a th’ anns a’ mhòr-chuid.

Gu h-eachdraidheil bhathar a’ toirt ‘Tuircmeanastan an Ear’ air a’ cheàrn seo. Cha d’ fhuair na Sìonaich smachd iomlan air an ranntair gus rìoghrachas nan Qing (Qing Dynasty) anns an 18mh linn ged a bha iad a’ feuchainn ri a cheannsachadh bho linn nan Han san dàrna linn RC. Às dèidh tuiteam rìoghrachas nan Qing aig toiseach an fhicheadamh linn, bha greis ann far an robh neo-eisimeileachd aig an sgìre. Bha Xinjiang fo bhuaidh nan Ruiseanach an uair sin mus do ghabh Sìona Cho-mhaoineach thairis oirre a-rithist ann an 1949.

Cho luath agus a ràinig sinn an sgìre, chaidh ar toirt leis a’ phoileas dhan stèisean gus clàrachadh. Eucoltach ris a’ chuid eile de Shìona, chan urrainn dhut smugaid a thilgeil gun bhualadh air poileas air choireigin. Chaidh ar ceasnachadh mus b’ urrainn dhuinn a dhol dhan àite-fuirich againn. Eadar an stèisean agus an t-àite-fuirich, mun cuairt air còig mìltean, bha againn ri dhol tro dhà bhacadh rathaid agus na ceadan-siubhail againn a thoirt dhan phoileas a-rithist. Chan urrainn dhut falbh bhon taigh gu bùth, biadhlann no fiù ʼs togalach sam bith gun a dhol tron inneal lorgaire-meatailte agus na bagaichean agad a chur tron inneal x-gatha. ʼS e ‘Stàit Phoileis’ a th’ innte, àite far nach urrainn dha na daoine ionadail dad a dhèanamh gun bhacadh rathaid agus inneal x-gatha.

Carson a tha feum air an ìre seo de thèarainteachd?

Tha an tèarainteachd ann airson an sluagh Ùigiurach a chumail fo smachd agus gus cinnteachadh gu bheil na Han Sìonach sàbhailte. Tha buaireas cinnidh air a bhith ann san ranntair fad bhliadhnaichean ach thàinig cùisean gu ceann o chionn goirid. Bha aimhreitean mòra ann an Urumqi, am baile as motha, ann an 2009, a dh’fhàg faisg air 200 duine marbh agus faisg air 2000 air an goirteachadh. A-rèir riaghaltas Shìona, b’ iad Muinntir Han a’ mhòr-chuid dhe na daoine a chaidh a mharbhadh agus a ghoirteachadh. A bharrachd air na tuasaidean, chaidh Iman a’ mhoisg as motha ann an Xinjiang a mhurt ann an 2014. Bha e taiceil dha cùis nan Sìonach agus shàth triùir Ùigiurach sgianan ann, ʼs e a’ coiseachd dhachaigh bho ùrnaigh na maidne.

Rud eile mu bheil na h-Ùigiuraich mì-thoilichte,ʼs e an àireamh de Han san dùthaich. A-rèir àireamh shluaigh 1953 bha 75% dhen sgìre nan Ùigiuraich agus cha robh ach 6% dhen sgìre nan Han. Ach ann an 2000 bha seo air tionndadh gu 45.21% nan Ùigiuraich agus 40.57% de Han. Tha na h-Ùigiuraich mì-thoilichte gu bheil an riaghaltas a’ tabhann taic-airgid do Han Sìonach gus gluasad dhan sgìre, rud a thòisich le riaghrachas nan Han (ʼs ann bhon riaghrachas seo a fhuair an cinneadh an ainm) anns an dàrna linn RC. Chan e na h-Ùigiuraich agus Han Sìonach a-mhàin a tha ri fhaighinn san ranntair ach Casachaich, Hui (dream eile de mhuslamaich a tha a’ faighinn taic bhon riaghaltas) agus dream eile cuideachd. ʼS iad na Han a tha a’ dèanamh suas mòr-chuid de mhuinntir Shìona. Is iadsan an cinneadh as motha ann an Sìona agus san t-saoghal air fad, faisg air 1.3 billean duine no 18% dhen t-saoghal. Dhaibhsan dheth, tha na Han a’ faireachdainn gu bheil iad dìreach ag imrich gu roinn eile de Shìona mar a tha an riaghaltas ag iarraidh, ged nach eil na h-Ùigiuraich buileach ag aontachadh.

Chì thu poileas a’ cur stad air daoine air an t-sràid agus gan cnuasachadh. Ach a bharrachd air na h-èisean a tha iad a’ cur air beatha nan Ùigiurach, ʼs e an rud as trom-chùisiche buileach gu bheil an riaghaltas a’ trusadh fiosrachadh mu gach Ùigiurach eadar aois 11 agus 65 sa mhòr-roinn air fad. Tha iad a’ tional DNA, dath clach na sùla agus seòrsa fala. Tha an riaghaltas a’ toirt air gach Ùigiurach sgrùdadh slàinte fhaighinn agus a’ cumail an cuid fiosrachaidh ann an stòr-dàta. Tha e coltach nach robh fios aig muinntir nan Ùigiurach fhèin air na bha a’ tachairt ri an cuid fiosrachaidh. Thuirt Sophie Richardson, ceannard Human Rights Watch do Shìona, “The mandatory databanking of a whole population’s biodata, including DNA, is a gross violation of international human rights norms.”

Cuideachd, ged a tha cànan nan Ùigiurach gu math làidir an-dràsta, chuir riaghaltas Shìona casg air tron t-siostam foghlaim. Tha aig na sgoiltean Ùigiurach ris na clasaichean a dhèanamh tro Mhandairinis a-mhàin bho 2018 air adhart. Thathar ag ràdh gum bi seo math dha na daoine oir thèid aca air cothroman eacanomaigeach nas fheàrr fhaighinn ma bhios iad fileanta ann am Mandairinis. Tha èis eile ga cur air na h-Ùigiuraich: chan urrainn dhaibh ainmean Muslamach a thaghadh airson an cuid cloinne ged as e Muslamaich a th’ annta.

Leis an leithid seo de shàrachadh, tha e ciallach faighneachd carson a tha Sìona cho dian ´s gun tèid Xinjiang, (a bhiodh anns an 17mh dùthaich as motha air an t-saoghal le crìochan ri 9 dùthchannan nam biodh i neo-eisimeileach), amaladh suas bho seo gu bràth ris a’ mhàthar-thìr. A-rèir aithisgean an riaghaltais, fhuair iad ola ann am Fàsach Taklamakan ann am meadhan Xinjiang. Pailteas ola. A rèir coltais, barrachd air trì uiread an ola a tha aig na Stàitean Aonaichte gu lèir.

Coltach ris a’ chuid as motha de naidheachdan mar seo, aig deireadh gnothaich chan eil ann ach ceist airgid. An-dràsta tha mòr-roinn Xinjiang coltach ri prìosan mòr fo theas na grèine do mhuinntir an àite.  Ma tha na h-Ùigiuraich airson am meas ionadail a thathar ag àrach san sgìre – caob meal-bhuc uisge – a ghabhail, feumaidh iad a ghearradh le sgian a tha co-cheangailte ri slabhraidh. Chan urrainn dhaibh sgian a chleachdadh ann an àite poblach gun i bhith co-cheangailte ri slabhraidh. Sgian air slabhraidh. Ìomhaigheachd a fhreagras staid nan Ùigiurach agus iad mar phàirt dhen mhàthar-thìr.

Share

One thought on “Turas dhan Iar

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach