Ubhal na Sùla

Thug seachdain thrang de spòrs is fealla-dhà còmhla ri Prince agus St Johnstone air Eòghan beachdachadh air mar a bhios sinn beò tro ar fònaichean is camarathan.  Dè as fheàrr, Sùil an Ubhail™ no Sùil na Cuimhne?

Uill, abair seachdain a bha agam. Thog St Johnstone Cupa na h-Alba Disathairne agus chunnaic mi Prince Diardaoin – bha gu leòr eile spòrsail a’ dol mun timcheall air an dà thachartas mhòr ud ach fàgaidh mi aon de na rudan chun an deiridh.

Bha am Freastal a’ coimhead orm gu bàidheil nuair a thagh mi na Super Js mar sgioba aig aois a seachd, cò shaoileadh gum biodh an neach-ionnsachaidh Gàidhlig seo an làthair aig Co-labhairt Naidheachd manaidsear St Johnstone an latha a thog sinn an Cupa airson a’ chiad uair?  “Dìreach deeeeelighted” mar a chanas Pluto.

Co-dhiù, bha an gaisgeach sònraichte sin (Tommy Wright, chan e Derek Moireach!) a’ bruidhinn air a dhithis phàrantan, aig an taigh ann an Èirinn a Tuath a’ coimhead an teilidh is a mhàthair a’ cur taic ri dà sgioba sna Cuairtean Deireannach a bha a’ dol. Na Naomhan ann an Cupa na h-Alba, agus ann an Cupa FA ann an Sasainn, Arsenal.  Rinn Tommy gaire oir bha Arsenal aig an àm ud a’ call 2-1 ri Hull City, agus thuirt e gum feumadh i bhith riaraichte le buaidh St Johnstone. Bha mi fhèin riaraichte gu leòr leis co-dhiù.

Rinn sgioba Arsene Wenger an gnothach anns a’ ghèam aig a’ cheann thall, 3-2, a’ briseadh trasg ain-deònach naoi bliadhna agus bha tòrr toileachais air a dhèanamh leis an luchd-leantail air feadh an t-saoghail.

Nuair a sgor Arsenal an tadhal airson an geama a tharraing air ais gu dà thadhal an urra, chaidh an luchd-leantail aca a shealltainn dhuinn air an telebhisean.  Am measg an toileachais, chaidh mo shùil a tharraing do chuideigin. Fear mòr reamhar le iPad air a bheulaibh, ag amharc air a’ ghèam tro sgrìn an iPad.

Smaoinich mi dè fon ghrèin a tha e a’ feuchainn ri dhèanamh? An do thog thu riamh dealbh le iPad? ’S e camara truagh a tha na bhroinn, tha cion de mhega-pixels ann agus ged a tha na h-ìomhaighean ceart gu leòr, chan eil iad cho math fiù ’s ri camara an iPhone fhèin.

Thàinig an dearbh smuain air ais thugam madainn Diluain nuair a fhuair mi post-dealain bhon chompanaidh a’ dèiligeadh ris na tiogaidean airson a’ chonsairt aig Prince (canaidh sinn Prionnsa bho seo air adhart!) anns a’ Hydro ann an Glaschu. Bha iad a’ tagradh oirnn a bhith a’ dol gun chamarathan no fhònaichean-làimhe gus an cuireadh sinn eòlas air a’ cheòl agus a’ chonsairt le ar sùilean agus ar cluasan.

Tha Prionnsa air a bhith gu math uailleil mu ìomhaigh o chionn fhada.  Tràth anns na 2000an, thòisich e cogadh ri a luchd-taic, a’ cur litrichean laghail thuca a’ bagairt cùis-lagha mur tugadh iad a-nuas ìomhaighean dheth bho na làraichean-lìn aca.

Anns an Hydro, bha sinn air ar cuairteachadh le sanasan mòra dealanach ag ràdh “Chan eil camarathan no fònaichean-làimhe ceadaichte sa chonsairt a-nochd. Taing airson co-obrachadh.”

Ach mun do mhothaich thu buileach don teachdaireachd, bha “Seumas” ann airson a h-uile duine a chumail ceart; fear mòr dubh, coltas cluicheadair Gridiron air ann an deise spaideil ag amharc tarsaing an luchd-èisteachd.

Nuair a bha Seumas a’ faicinn cuideigin le fòn-làimhe, bha e a’ soillseachadh biùgan orra, a’ dèanamh milleadh air an dealbh aca. Cha b’ urrainn dha (no sgalag no dhà eile) seo a dhèanamh minig oir bha Prionnsa a’ tarraing aire an luchd-èisteachd le gach Hit a bha e a’ cluich.

Ach letheach-shlighe tron òran “Controversy”, dh’èigh an duine beag purpaidh “cellphones” (mar bu dual le Aimeireaganaich) agus mar aon, thog a h-uile fear is tè an-àird na lanntairean beaga aca. Bha seo na shealladh iongantach anns an talla consairt, thàinig an t-òran gu crìoch agus le sin, thuirt Mgr Prince Rogers Nelson, “A-nise, cuiribh na fònaichean air falbh” agus mar aon, ’s e sin a rinn sinn.

Bha mise toilichte nach robh mi a’ futaradh le camara fad na h-oidhche, ged a chunnaic mi fear no dithis a bha gu math stòlda a’ feuchainn ri dealbh fhaighinn.  Thàinig e a-steach orm gu bheil sinn ag amharc air ar saoghal tro sgrìnichean ar fònaichean airson Facebook, Twitter agus an eadar-lìn agus a-nise gu bheil sinn a’ cur eòlas air anns a’ bhad tron fhòn seach a bhith a’ coimhead anns a’ chiad dol a-mach le ar sùilean.

Carson a tha sinn air ar beò-ghlacadh?  Tha mi garbh fhèin measail air na selfies is an leithid ach an do thog mi dealbh cho math ri dealbh sam bith a tha nam chuimhne? Tha sùil na cuimhne cho dathach is cho beòthail, nam bheachd-sa. Am bi aithreachas air an fhear mhòr reamhar gun robh e a’ strì le iPad seach a’ slugadh a-steach a’ mhòmaid nuair a chuir Arsenal stad air naoi bliadhna gun duais?

Dihaoine, air an latha as dèidh dhomh a bhith aig a’ chuirm phurpaidh, rinn mi imrich o Dhùn Èideann dhan Ghàidhealtachd ach fhuair mi an cothrom a dhol dhan phàrtaidh co-là-breith aig nighean mo bhràthar ann an Dùn Deagh. Tha Sìneag againn bliadhna a dh’aois, agus mar leanabh sam bith anns an linn seo, tha na mìltean de phictoran ann dhith; feadhainn èibhinn, feadhainn àlainn, feadhainn shona.

Ach innsidh mi seo dhut, chan ionnan pictor sam bith ris a’ chiad uair a chunnaic mi i agus thog mi i gu dlùth nam uchd. Chan ionnan fiù ’s consairt Phrionnsa no St Johnstone a’ togail a’ chupa dhan latha sin.

– Tha Eòghan garbh measail air Prince. Lean air @eoghanofficial.

 

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “Ubhal na Sùla

  1. Pingback: Prionnsa |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach