Uilleam | Seonaidh Charity

sylvia duckworth [CC BY-SA 2.0 (http://creativecommons.org/licenses/by-sa/2.0)], via Wikimedia Commons

An sgeulachd dheireannach san triptych sealgaireachd on ùghdar ionmholta, Seonaidh Charity, stèidhichte ann am frithean Taobh Siar Rois.

Cha mhòr nach do thuit Mùideart orm, nuair a thuislich a ladhar air a’ chòinich fhluich. Shaoil mi airson mionaid gun robh mi a’ dol a bhith air mo dhruim dìreach is an t-each donn, trom air mo mhuin.

Diog de chlisgeadh a bha seo, is mi air a bhith nam leth-bhruadar. B’e latha gruamach, mosach a bh’ ann agus bha an talamh bog fliuch. Bha na sgòthan mar phlaide thiugh ghlas mun cuairt oirnn is chan fhaicinn fiù ’s an Sgurr Mòr a bha, mar as àbhaist, mar thùr air fàire. Dh’fhairichinn an ceò tiugh a’ còmhdachadh cùl m’amhaich is b’fheudar dhomh corra smugaid a thilgeil gus nach tacainn.

Ach, a dh’aindeoin na droch-shìde, chùm sinn oirnn. Dh’fhalbh sinn suas am bealach cas a dh’ionnsaigh Loch Toll an Lochain is thar a’ bhearraidh gu ruige an sgurr ris an canadh iad A’ Chailleach, an dòchas gum faigheamaid na b’àirde na ’n sgleò.

Choimhead mi air Iain Rothach – no Iain Sealgair mar a bh’ aig a’ mhòr-chuid air – is bhuail an t-ìoranas orm fhad ’s a dh’fhalbh sinn seachad air an sgurr. Rinn e a shlighe, gu slaodach, cùramach suas am bealach cumhang mar a bhiodh mo sheanmhair a’ coiseachd air cabhsair reòithte; a chasan a’ spèileadh thar nan clachan beaga sleamhainn is a làmhan a’ greimeachadh gach pìos fraoich a bha dlùth ris.

Cha robh aon seach aon dhuinn air smiod a ràdh airson còrr is leth uair a thìde a-nis, ach bhriseadh an t-sàmhchair seo le bùrail mòr uasal: “I bloody well hope we get one after all this, eh Iain?!” Thòisich William a’ gàireachdainn ris fhèin.

Rinn Iain brùnsgal is an uair sin thionndaidh e is fhreagair e: “Well we’ve certainly earned it if we do, that’s for sure”. Thug e buille bheag bhrosnachail do thulchann an eich is chùm e a’ teàrnadh gu dìcheallach, a’ stiùireadh a’ choitheanail a bha air a’ chùlaibh: each, preig leòmach agus balach.

B’e seo an dàrna bliadhna agam a’ cuideachadh a’ gheamair is b’e seo an t-aoigh a bu mhiosa a chunnaic mi a-riamh. Bha e ladarna, fuaimeil, mì-fhoighidneach is a’ saoilsinn gun tachradh a h-uile rud mar a dh’iarradh e. Cò as urrainn damh fiù ’s fhaicinn air latha mar seo, gun luaidh air fear a mharbhadh? Ach, am fear a phàigheas £500 san latha, chan urrainn dhut a dhiùltadh.

Bha e riamh inntinneach dhomh, a bhith a’ faicinn pearsantachd duine ag atharrachadh mar a b’fhaide a shiùbhladh tu bhon àrainneachd a bha nàdarra dhaibh. Is cha robh William, a bha uair na bhancair, càil sam bith diofraichte. Bha am fear a bha roimhe na mhaighstir a-nis na chù, is am fear a bha roimhe na chù a-nis na mhaighstir. Dheidheadh saoghal toff na seacaid Bharbour a chur bun-os-cionn is e air spìonadh bho thèarainteachd an Range Rover, gu àite far an crochadh a bheatha fhèin air eòlas an fhir a dh’fhàg an sgoil aig 16 gun chàil ach cliù mar deagh shealgaire agus dol-a-mach caran aonaranach. Cha d’fhiach airgead an seo.

Mu dheireadh thall, ràinig sinn urrad na beinne agus shuidh sinn gus beagan fois a ghabhail. Thog mi a’ mhàileid far an each agus dhòirt mi tì a bha donn mar leann a-steach dha na trì cupannan plastaig is sgaoil mi a dhà dhiubh dhan dithis eile. Shuidh mi air an fhraoch, is an lus bog a’ fliuchadh mo mhàs, is ghabh mi druthag den tì theth. Bha Mùideart a’ snotaireachd mun cuairt fhad ’s a bha i a’ cagnadh air an fhraoch charraigeach, an t-each mì-riaraichte leis an t-suidheachadh.

Bha Iain Sealgair a’ coimhead ann an doimhneachd a’ chupa, a dhà làmh air a’ greimeachadh blàths na plastaig gu teann.

“So where to next then Iain Shallager?”, dh’fhaighnich William. Sàmhchair.

“Well, to be totally honest, I’m running out of ideas. This was a last resort”, fhreagair e an dèidh treiseig. “We can take a look from up here and see if there’s anything doing. But don’t hold your breath. There’s not much you can do on a day like today.”

“Ok Iain, you know best.” Shuidh e an àrd le druim dhìreach agus choimhead e orm mar gun robh e a’ dèanamh fiughair rium rudeigin a ràdh. Rinn e gàire a’ chuthaich rium. Ghnog mi mo cheann is choimhead mi air ais sìos air an tì.

“Surely there’s a bloody stag out there somewhere, eh Iain?”, thuirt e is mionaid air a dhol seachad. “I mean, for God’s sake! I’ve come all the way up this bloody mountain, the least they can do is turn up. Eh Iain? Ha ha!”

Rinn Iain gàire cham.

Choimhead William orm a-rithist.

“Well what do you think then lad? You’re awfully quiet aren’t you?” Bha amharas agam roimhe nach robh cuimhne aige air m’ ainm, ach bha mi làn chinnteach a-nis.

“Not a lot to be honest. I’m sure you know yourself that…” Ach cha do leig Iain leam crìoch a chur air na bh’ agam ri ràdh.

“OK, let’s go and have a look over this knoll.”

Chruinnich mi na gnothaichean gu cabhagach agus dh’ullaich mi an t-each airson falbh.

“Fuirich thus’ an seo le Mùideart”, ars Iain gu socair.

Choisich an dithis aca a dh’ionnsaigh balla-cloiche a b’ àbhaist sgaradh a dhèanamh eadar oighreachd a’ Bhràigh Mhòire agus Dùn Dhomhnaill. Dh’fhalbh iad thairis air meall agus a-mach à sealladh. Chuir mi mo ghàirdeanan timcheall amhach an eich agus shuath mi m’ aodann air a ghruaidh. Bha am blàths fliuch càilear. Theab mi tuiteam nam chadal dìreach far an robh mi agus bha mi nam leth-bhruadair…aig an taigh ag ithe mo dhìnneir is an teine blàth air mo chùlaibh…nuair a dh’fhairich mi clach bheag a’ bualadh mo dhruim. Tron cheò, chunnaic mi Iain, a’ samhlachadh a’ ghunna le a làmhan.

Gu h-obann, thug mi a’ chèis leathair san robh an gunna far druim an eich is thug mi a-mach an gunna fuar gleansach is chuir mi gu Iain e.

“Tha damh dìreach seachad air a’ mheall tha sin. A mhic an diabhail chan eil mi ga chreidsinn.”

An uair sin, rinn e rudeigin ris nach robh mi idir an dùil. Dh’iarr e orm an sgian agam a thoirt a-mach is thug e dheth an àrc a bha a’ glèidheadh meur an windage air prosbaig a’ ghunna is thionndaidh e gu luath ’s gu cinnteach gus an robh e air car a chur co-dhiù còig tursan.

Bha mi eadar uabhas agus lachan gàire fhad ’s a sheas mi leis an sgian nam làimh chlì agus poca a’ ghunna nam làimh dheis. Chuir sinn seachad ochd uairean a thìde air an diabhal beinn seo, a’ marcachd, a’ tuisleachadh agus a’ tuiteam gu urrad na Caillich agus mu dheireadh thall lorg sinn rudeigin. Agus gu dè fon ghrèin a bha e ris?

Cha robh mi mòran na b’fhaide a’ deasbaireachd air a seo, oir bhriseadh mo sruth smuain le brag mhòr a’ sprèidheadh às an doimhneachd ghlas. Bha srann àrd a’ seirm nam chluasan.

Dh’fhalbh tacan mus do nochd an dithis fhear thar a’ mheall. Choimhead Iain orm le aodann balbh, agus William mu dheireadh thall sàmhach a’ coimhead air an làr.

Thug Iain dhomh an gunna agus cheangal mi ri druim an eich e. Thòisich sinn air an turas èiginneach air ais sìos a’ bheinn, a’ teàrnadh air Loch Toll an Lochain agus seachad air sìos a Loch a’ Bhraoin. Dh’fhalbh deich mionaidean mus do thòisich William a’ cur a-mach as a chorp a-rithist.

“I just don’t understand that Jimmy. I could’ve hit that in my sleep. Are you sure that gun is zeroed properly? Did you check it this morning?”

“I put that scope on 8 years ago and it hasn’t budged since then. It happens, don’t worry about it.”

“Well, I know, but I just can’t…”

“Look. It happens.”

Agus bha William sàmhach.

– Seonaidh Charity @Seonaidh14

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach