Ultima Warriors | Innis Tìle aig na Euros

2014-05-30_Austria_-_Iceland_football_match,_Aron_Gunnarsson_0742

Tha farpais mhòr eadar-nàiseanta Ball-coise anns an Fhraing a-rithist.

Nach eil fada bhuainn a-nise prìobadh John Collins, tadhal Craig Burley, Sean Connery agus Martyn Bennett a’ gabhail splaoid agus Stan Collymore a’ faighinn droinneadh o Luchd nam Breacan?

Tha sinn aig an taigh a-rithist, agus ma bheir sinn sùil air mapa na Roinn Eòrpa chan eil mòran dhùthchannan nach eil gu bhith anns an Fhraing. Is e Daibhidh Mac an Tailleir nach maireann, seann cheannard an SFA a thug air UEFA an co-fharpais a leudhachadh gu 24 sgiobaidhean (agus bha sinn ann am buidhean a’ bhàis, feumaidh sin aideachadh, ach tha e goirt a bhith a’ faicinn an dà sgiobaidhean Èireannach, na Cuimrich agus Balaich Woy air an turas a Pharis.

Buileach nas miosa chanainn ge-tà, gu bheil an leithid de dhùthchannan eile a th ann, nach robh ann riamh air neo nach robh sinn an dùil a bhiodh os cionn na h-Alba gu siorraidh, Albania agus Innis Tìle.
Bidh Innis Tìle an aghaidh Raghnall Ros Mhadeira, Cristiano Ronaldo, anns a’ chiad gheam ach chan eil eagal romhpa.

Ma bhios Innis Tìle a’ buannachadh, ’s ann coltach ri Surtsaigh ag èirigh os cionn na mara a bhios e. Bidh e na h-iongnadh dhaibhsan a tha aineolach mun chùis, ach cha bhi e na iongnadh dhaibhsan a tha ag aithneachadh gun do thog na Tìlich a’ bheinn-teine aca fhèin on ghrunnd mean air mhean.

Is iadsan an dùthaich a bu lugha a ràinig Co-fharpais Mhòr den leithid riamh. Tha an sluagh nas lugha na sluagh Dhùn Èideann agus chan eil lìog proifiseanta ann (bidh cuimhne aig feadhainn gun robh Jim Bett a’ cluich ann tron t-samhradh anns na seann làithean). Is e Eidur Gudjohnsen a th’ anns a’ chluicheadair as fheàrr a tha aca fhathast, ach tha gu leòr eile aca a’ cluich aig deagh ìre air fead na Roinn Eòrpa. Ciamar an d’ràinig iad an ìre far an d’fhuair iad a-steach gu farpais agus na Duitsich air am fàgail fo bhròn anns a’ bhuidheann dearbhaidh.

Uill , ’s e airgead a’ chiad rud. Chuir an Riaghaltas an t-umahas a-steach gu goireasan taobh-a-staigh – tha seo a’ ciallachadh gum bi òigridh a’ treànadh is ag ionnsachadh fad na bliadhna – a’ faighinn bogadh ann am ball-coise seach bogadh o fhlìn agus stoirmean a’ Chuan Shiar. Agu tha iad a’ faighinn an deagh ionnsachadh cuideachd. Tha còrr is 600 le teisteanasan coidsidh aig ìre B UEFA aca – àireamh iongantach airson sluagh cho beag. Tha iad air droinneadha thoirt dha na h-Albannaich aig ìre fo-21 agus ball-coise nam ban o chionn ghoirid. Tha am bun-stèidh aca cho seasmhach is daingeann ri creagan an eilein.

Ach ’s e cultar an dara rud, agus gu dearbh an rud as motha. Tha Suaineach mòr aig an stiùir, Lars Lagerback, fear a stiùir na Suainich ri còig co-fharpaisean agus a thug Nigeria gu Cupa na Cruinne ann an Afraga a Deas. Tha esan air cultar de dh’earbsa agus de bhuannachadh a chruthachadh. Tha na Tìlich a’ creidsinn gum faigh iad rudeigin às gach geam. Chan eil iad a’ fulang fo dhiomb nas motha. Agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh san àm ri teachd.

Is cinnteach gu bheil leasan ann an-seo airson ball-coise na h-Alba ach cuideachd airson muinntir na Gàidhlig – tha an t-airgead ann, ach a bheil sinn ga chosg air na rudan ceart? Agus a bharrachd air sin, a bheil an cultar air a chùlaibh ceart anns a’ chiad dol-a-mach? Feumaidh sinn a bhith dòchasach ach daingeann agus feumaidh sinn a bhith an dùil àrd-ìre de dh’oidhirp agus de bhuaidh o na h-urchairean mòra. Agus an uairsin ’s dòcha gum faic sinn èirigh anns an àireamh de dhaoine a’ bruidhinn Gàidhlig anns na coimhearsnachdan mus bi sgioba ball-coise na h-Alba aig farpais mhòr.

– E

Bhideo beag grinn le Jim Bett o na laithean buidhe…

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach