Urras Gàidhlig nan Stàitean Aonaichte | GaelicUSA

new 2Bhruidhinn Alasdair ris na buill aig a’ bhuidheann Ghàidhealach ùr ann an Ameiriga – Urras Gàidhlig nan Stàitean Aonaichte – abair gun d’ fhuair e beachdan sgoinneil agus bàrdachd nan cois cuideachd!

‘Agus ciamar a nìthear
An gnìomh seo le cinnt?
A’ Ghàidhlig a dh’aiseag
Don Chlann tha ga dìth –
Le saothair is suairceas
Le buaidh às a’ chridh’,
’S iad eòlas is teagasg
Nì diofar san tìr.

Sin obair an Urrais,
A dh’ùraich an t-strì,
Gus Cathair a stèidh’eadh
Le lèirsinn is brìgh;
Ciad Chathair na Gàidhlig,
Cho bras ri Beinn Lì,
Gus an tig le’r dùrachd,
Ar dùthchas leinn fhìn.’

– ‘Stèidheachadh an Urrais’

 

1. Cuin is carson a chaidh a’ bhuidheann agaibh a chur air bhonn?

Stèidhicheadh Urras Gàidhlig nan Stàitean Aonaichte, neo GaelicUSA mar ghiorrachadh, gu neo-oifigeil as t-fhoghar, 2015, nuair a nochd am beachd gum biodh e a chum ar leas buidheann a chur air bhonn gus tagradh às leth na Gàidhlig a thoirt air aghaidh aig ìre foghlaim adhartaich anns na Stàitean Aonaichte.
Bha am beachd sìmplidh, bidh aineolas mu chànan is dualchas na Gàidhlig a’ dèanamh cron, chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhlig fhèin, ach air a’ chomann-shòisealta Aimeireaganach. Leis gur e eòlas a’ chungaidh-leighis air aineolas, mheas sinn gur ann tro fhoghlam a thigeadh seo gu buil.

Tha an t-Urras a’ meas gu bheil eòlas na Gàidhlig airidh air riochdachadh agus tosgaireachd gu h-oifigeil am-measg sgoilearachd agus chomannan ‘Albannach’ anns na Stàitean. Ged a chruthaich eilthireachd nan Gàidheal stòras mòr de litreachas san dùthaich feadh nan ginealaichean, chan eil stéidheachd-foghlaim ann a’ cumail taic ri sgoilearan gus an dìleab seo a rannsachadh is a mhìneachadh: is gann gum bheil sgoilear sam bith aig oilthigh sam bith ’ga sgrùdadh.
Mar sin, chaidh Urras Gàidhlig nan Stàitean Aonaichte a stèidheachadh gu h-oifigeil mar chathrannas clàraichte an-uiridh gus an suidheachadh truagh seo a leasachadh.

2. Dè na prìomh amasan a th’agaibh?

Tha an t-Urras airson cur ri iomadachd cultair ann an Aimeireagaidh air fad le brodadh dùthchais agus cànan na Gàidhlig ’nar measg air an taobh seo de’n linne. Saoilidh sinn gur ann tro fhoghlam a thèid an suidheachadh am feabhas. ’S e ceann-uidhe an Urrais ciad Chathair na Gàidhlig a stèidheachadh aig oilthigh-rannsachaidh anns Na Stàitean Aonaichte. Ged as e cuspair mòr tha seo, nithear càrn à clachan beaga. Ann an 2018, le taic bhon t-sluagh, buidhnean prìobhaideach is poblach, tha sinn an dùil Òraidiche sealach air Mhuinntireas a stèidheachadh aig Oilthigh Carolina a Tuath (UNC).

Agus a bharrachd air sin, tha sinn a’ feuchainn ri luach na Gàidhlig, agus eachdraidh nan Gàidheal, a thoirt am follais don fheadhainn a tha gabhail suim ann an rudan ‘Albannach’.

3. Dè na rudan as inntinniche no as buadhaiche a rinn sibh thar nam bliadhnaichean?

Tha an t-Urras fhathast ùr agus chan eil sinn ach air tòiseachadh. Aig an ìre seo, a chum ceann-uidhe na Cathrach, tha sinn air a bhith ag obair gus an t-Òraidiche a chur air dòigh ann an 2018. ’S e ceum mòr air adhart a bhios ann an seo, agus tha sinn an dòchas gun lean sinn oirnn gus tuilleadh cliù a ghlèidheadh ann an adhbhar na Gàidhlig. Dearbhaidh an dreuchd seo (Òraidiche) gu bheil fìor iarrtas am-measg oileanaich oilthigh air son cùrsaichean cearta a ghabhail. Tha aonta ann eadar an t-Urras agus UNC agus sinne ag obair ceum air cheum gu ruige an ceann-uidhe.

4. Dè an rud a choilean sibh às a bheil sibh as moiteile?

Tha an t-Urras air a bhith a’ togail bun-stèidh sheasmhachd airson ar n-oibreach. Am measg na rinneadh sa bhliadhna a dh’fhalbh, bha sreath de dh’agallamhan a’ sònrachadh gaisgich na Gàidhlig, thall ’s a-bhos. Am measg na feadhna, bha Griogair Labhruidh, Richard Hill, Lodaidh MacFhionghuin, agus Shay NicMhaolain agus Emily NicDhòmhnaill. Bha na puist inntinneach mòr-leughte agus tharraing iad ùidh do na h-iomadh gaisgeach a tha ag obair mar-thà gus a’ Ghàidhlig a sheasamh ann an Aimeireagaidh. Tha torr fiosrachaidh a bharrachd ri leughadh air an làraich-lìn a chruthaich sinn (gaelicusa.org) a thaobh na Gàidhlig ann an Aimeireagaidh agus an stàth a tha anns an iomairt againn.

5. Dè a tha fa-near dhuibh airson an ama ri teachd?

Nas fhaide dhen bhliadhna seo, cuiridh sinn iomairt maoineachadh-sluaigh air dòigh feuch cuibhreann den airgead a thrusadh do dhreuchd an òraidiche. Agus ma thèid leis an iomairt sin, cumaidh sinn oirnn ag obair gus Cathair na Gàidhlig, ar prìomh amas, a stèidheachadh aig oilthigh anns Na Stàitean Aonaichte.
Tha mòran ri dhèanamh gus dìleab nan Gàidheal – a bha anns an dùthaich seo am pailteas – a mhìneachadh don t-sluagh aig am bheil an t-sinnsearachd seo, agus glèidheadh airson nan ginealachdan rin teachd. Tha torr ceò agus sgleò ri sgapadh fhathast!

Tuilleadh fios aig https://gaelicusa.org/

  • Alasdair Paul
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach