Fo sgàil Bheinn Ghulbain: Yeats agus a’ Ghaeilge


Yeats, bàrd mòr na Beurla à Èirinn, ach dè a bh’ aige ri ràdh mu Ghàidhlig na h-Èireann? Cunntas fiosrachail, ùidheil aig Alison Ní Dhorchaidhe ma dheidhinn.WB-Yeats-Visiting-Coole

Fo sgàil Bheinn Ghulbain, agus Banrigh Meabh air mullach Chnocan-Riabhach, Gleann Sìth, dheasaich mi gnothaichean airson bùth-obrach ann an Gàidhlig na h-Èireann a thoirt seachad.  Thàinig daoine bho fhad is farsaing airson Sgoil Shamhraidh Eadar-nàiseanta Yeats a fhrithealadh, a bhios a’ tachairt ann an Sligeach, Èirinn gach bliadhna. ‘S ann à Ameireagaidh, Sasainn, na h-Innseachan, an Fhraing is dùthchannan eile a bha an fheadhainn a bhitheadh air mo bheulaibh fad uair a thìde gu leth gach feasgar airson beagan Gaeilge a thogail. Dar a dh’fheòraich mi dhiubh mu na h-adhbharan do robh ùidh aca anns a’ Ghaeilge, thuirt iad gun e na h-ainmean-àite, faclan sònraichte “Èireannach” is beul-aithris na h-Èireann ann am bàrdachd Uilleim Butler Yeats a bhrosnaich an ùidh aca sa chànan. Gu dearbh, leis gun robh iad ann an Sligeach, bha na h-ainmean-àite Gaeilge follaiseach mun cuairt orra, is bha daoine a bhuineadh don àite ag innse sgeulachdan dhaibh anns an robh caractaran le ainmean a bha neònach nan cluasan, gun eòlas aca air a’ Ghaeilge. Bha iad neònach, ach bha iad ceòlmhor cuideachd, gu sònraichte dar a chuir na fuaimean ùra seo ris a’ cheòl shònraichte ann am bàrdachd Yeats a bha cho tarraingeach dhaibh.

Bha e gu math inntinneach dhomh èisteachd ris na h-adhbharan seo aig na h-oileanaich, oir sin agad an dearbh rud a tharraing mi fhìn gu bàrdachd Yeats sa chiad dol a-mach – am miotas-eòlas Ceilteach, tìr na h-Èireann is ainmean-àite, beul-aithris nan daoine is an fhaireachdainn “Èireannach” anns a’ bhàrdachd aige, ged as ann sa Bheurla a sgrìobh e. Tharraing a’ bhàrdachd mo chridhe mar theudan na clàrsaich. Tro Yeats, ionnsaich mi tòrr mun iomairt ealaineach a chuir ri ath-bheothachadh dualchas na h-Èireann, agus ann an dòigh “ath-chruthachadh” na h-Èireann, a bha na ro-chùis do dh’Aramach na Càisge is an strì airson neo-eisimeileachd na h-Èireann. ’S e slighe a-staigh dhomh a bh’ ann am bàrdachd Yeats gus tuigse nas fheàrr fhaotainn air m’ fhèin-aithne fhèin is eachdraidh na dùthcha. Aig a’ cheann thall, bha seo na bhrosnachadh dhomh Gaeilge ionnsachadh airson a dhol nas doimhne ann an dualchas na h-Èireann – mu dheireadh thall bha misneachd annam an cànan dùthchasach a thogail gu ceart anns an oilthigh.

Dh’fheuch Yeats trì tursan ri Gaeilge ionnsachadh fo stiùireadh Ban-thighearna Gregory (aig an robh pàirt mhòr anns an Abbey Theatre a stèidhich Yeats). Cha do shoirbhich leis, agus tha e follaiseach do sgoilearan/eòlaichean an latha an-diugh gun robh doille-fhaclan air, bhon bha e fiù duilich dha faclan a litreachadh ann am Beurla, co-dhiù cànan sam bith eile! A dh’aindeoin sin, ge-tà, dhùisg ceòl na Gaeilge mac-meanma Yeats, agus e a’ sìreadh guth sònraichte Èireannach airson spiorad dùthchasach nan Èireannach a bhrosnachadh. Bha Yeats den bheachd gun cuireadh seo ri neo-eisimeileachd inntinne nan daoine, is gun robh an neo-eisimeileachd inntinne seo a dhìth aig muinntir na h-Èireann an toiseach mum faigheadh iad neo-eisimeileachd phoileataigeach sam bith bho Bhreatann. (Gu dearbh, bha Seamus Ó Conghaile fhèin den aon bheachd.) ’S cinnteach gun robh Yeats a’ feuchainn ri fuaimean car “allmharach”, no exotic, na Gaeilge a thoirt a-staigh anns a’ bhàrdachd aige airson sealltainn don luchd-leughaidh aige ann am Breatann gun robh dualchas is “guth” sònraichte aig na h-Èireannaich, is le sin fianais a thoirt gun robh iad “eadar-dhealaichte”.

Tha daoine ann a tha dubh an aghaidh Yeats, is den bheachd gun robh e mórchùiseach, is nach robh eòlas no tuigse aige air daoine àbhaisteach, agus feumaidh mi aideachadh gun tuig mi sin! Tha iomraidhean ann bho dhaoine a thachair ris nach bitheadh e fiù ag ràdhainn guth ri duine beò anns a’ choimhearsnachd, bho bhitheadh e trang ri bàrdachd fad na h-ùine. Tha mi a’ tuigsinn gearanan aig daoine am measg luchd na Gaeilge, ag ràdhainn nach robh e làidir gu leòr a thaobh na Gaeilge, is nach robh tuigse aige air muinntir Èirinn an Iar! Bha mi fhèin fiadhaich dar a leugh mi a’ chomhairle sin a thug e do John Millington Synge, sgrìobhadair a sgrìobh an dealbh-chluich iomraiteach ud, The Playboy of the Western World: “Give up Paris… Go to the Aran Islands. Live there as if you were one of the people themselves; express a life that has never found expression.” Thalla leibh, Yeats!, smaointich mi, Tha deagh chur an cèill aig na daoine sin tro an sgòrnanan fhèin, anns na h-òrain, na sgeulachdan, an cuid bàrdachd! Leis nach eil cluas annaibh airson a’ chànain, no fiù ’s a’ chiùil, tha sibhse a’ smaoineachadh nach eil na daoine seo comasach air iad fhèin a chur an cèill!

Dh’fhaoidte nach do thuig Yeats a’ Ghaeilge no am beatha àbhaisteach aig daoine – ach bha ùidh aige annta. Dh’aithnich e an luach ann am beul-aithris is dualchas nan daoine, mar eisimpleir, is thrus e an t-uabhas de sgeulachdan bho dhaoine, gu sònraichte mun cuairt Sligeach is Gaillimh. Dh’fhaodadh tu a ràdhainn nach robh modh-eòlas saidheansail aig Yeats dar a bhitheadh e an sàs ann am beul-aithris a thrusadh, ach is math a rinn e co-dhiù. Dh’ionnsaich e mun dualchas is rinn e ceanglaichean le miotas-eòlas, airson ìomhaighean sònraichte Èireannach ùisneachadh anns a’ bhàrdachd aige. Mar eisimpleir, seo còig loidhneachan às dàn leis, “The Hosting of the Sidhe”:

The host is riding from Knocknarea

And over the grave of Clooth-na-Bare;

Caoilte tossing his burning hair,

And Niamh calling Away, come away:

Empty your heart of its mortal dream

 

‘S ann mu dheidhinn an t-sluaigh, na sìthichean, a tha an dàn, stèidhichte ann an sgìre Shligigh. Tha caractaran ann bho na seann-sgeulachdan mun Tuatha Dé Danann agus mun Fhéinne, ach tha mi dol a dhèanamh sgrùdadh air a’ charactar seo, “Clooth-na-Bare”. A-réirt Yeats, ‘s e sìthiche a bh’ innte a chaidh mun cuairt an t-saoghail air fad, “seeking a lake deep enough to drown her fairy life, of which she had grown weary, leaping from hill to lake and lake to hill… until, at last, she found the deepest water in the world in little Lough Ia.” Chan eil loch ann an Sligeach leis an ainm sin, ach tha Loch Dhá Ghé (Lough Dagee) ann, taobh ri Sliabh Dhá Eán (Slieve Daeane), far a bheil taigh na Caillich Bheur, a-rèirt beul-aithris ionadail. Tha Loch Dhá Ghé ainmeil mar loch gun ghrunnd. Ged a tha an t-ainm “Clooth-na-Bare” car truaillte bho bhuaidh a’ Bheurla, tha e fhathast follaiseach gu bheil ceangal leis a’ charactar seo ri Cailleach Bheur, a’ bhan-dé “phrìomh-òrdail” a tha cumanta ann an dualchas na h-Èireann is na h-Alba mar aon. Ann an dualchas Mhuile, tha ceangal leis a’ Chailleach le Loch Bà, far am bitheadh i a’ dol airson sìneadh saoghail a thoirt dhi fhèin. Anns an leabhar Warriors of the Word, tha Michael Newton a’ toirt eisimpleir seachad bho John Mac Cormick:

This famous hag, the legend relates, immersed herself in the waters of Loch Bà at intervals of a hundred years, an ordeal which always gave her a new lease of life. The charm was of no avail, however, should a bird or beast of the field happen to ‘greet the early morn’ before the hag had bathed herself in the elixir of life.

 

Tha MacCormaig a’ cumail air le sgeulachd innse mu dheidhinn bàs na Caillich le comhartaich coin-chaorach – tha claoidheachd seann-aois a’ bualadh oirre mu dheireadh thall, is tuitidh i don làir, marbh. Tha fhios againn ciamar a bhios sgeulachdan ag atharrachadh tro aiseag beul-aithris, is imreachd sgeulachdan eadar Èirinn is Alba, ’s mar sin ’s e seo an aon sgeulachd air siubhal eadar an dà dhùthaich. Tha an eisimpleir seo a’ sealltainn gun e a’ chiad chlach den chàrn a th’ aig Yeats le iomraidhean don dualchas mar seo ’na chuid bàrdachd. Bu leòr agus ’s leòr sin a thoirt orm-sa dhol sìos toll-coinein de bheul-aithris is miotas-eòlas airson cheanglaichean ùra a lorg, is tuilleadh tuigse fhaotainn air an dualchas dhùthchasail!

Bithidh daoine a’ dìochuimhneachadh gun robh Yeats na sheanadair ann an Seanad Éireann eadar 1922-28. Chuir e ris a’ cho-dhùnadh aig comataidh a’ chlàrsach is sgrìobhadh ann an Gaeilge a chur air buinn-airgid “a’ Phunt” ùr. Cuideachd, mhol e £5,000 a thoirt gach bliadhna do dh’Acadamh Ríoga na hÉireann airson obair a dhèanamh air seann làmh-sgrìobhainnean Gaeilge. Bha amharas air Yeats a thaobh Gaeilge riatanach anns na sgoiltean, bhon a bha an t-eagal air gun cuireadh e daoine an aghaidh na Gaeilge. (Mholainn an còmhradh ealanta a sgrìobh e, “Compulsory Gaelic: A Dialogue” a leughadh, tha e uamhraidh inntinneach is ri fhaotainn air an eadar-lìn.) Saoilidh mi gun robh a chridhe san àite cheart, mar a theireadh tu, a thaobh na Gaeilge, agus gun robh urram is sùim aige do dhualchas a’ chànain. Gu dearbh, sin agad a’ bhuaidh as motha a bh’ aig Yeats orm-sa co-dhiù!

 

Alison Ní Dhorchaidhe

Glaschu

14 Dàmhair 2015

Share

4 thoughts on “Fo sgàil Bheinn Ghulbain: Yeats agus a’ Ghaeilge

  1. Gun robh math agad Alison, bha sin gu math inntinneach! Chòrd an crioman seo rium glan, “Bha Yeats den bheachd gun cuireadh seo ri neo-eisimeileachd inntinne nan daoine, is gun robh an neo-eisimeileachd inntinne seo a dhìth aig muinntir na h-Èireann an toiseach mum faigheadh iad neo-eisimeileachd phoileataigeach” Nam bheachd-sa, tha sin gu math freagarrach do dh’Alba sa latha an-diugh, nach eil? ‘S e sin an rud a tha mi fhèin a’ smaointinn leis an ath-leasachaidh na Gàidhlig is eile a bharrachd a thaobh an cultar againn fhèin. Dh’fheumadh daoine ann an Alba a bhith a’ smaoineachadh gu bheil iad gu ìre eadar-dhealaichte ann an seagh nas doimhne na dìreachd poileasaidhean poileataigeach àbhaisteach, mus fhaigheadh sinn neo-eisimeileachd phoileataigeach.

  2. Alison chòir,

    chòrd seo rium, oir ’s ann mar sin a thachair dhomh fhèin, ann an dòigh: cha mhòr gun do thòisich mi ri Yeats a leughadh aig an aon àm ’s a thòisich mi a’ Ghaeilge a thogail ann an Gaillimh ’s air a’ Cheathramh Ruaidh, dà àite a bhios mi ag ionndrainn gu mòr fhathast – mura toir seo deagh-eisimpleir dhut dhen chianalas seo, chan eil fiosa’m ciod eile a bheireadh…

    Air an làimh eile, ge tà, bha mi air ùidh a ghabhail anns a’ Ghàidhlig (no a’ Ghaeilge) roimhe sin, oir ged is i Gàidhlig na h-Éireann, ’s gu h-àraidh dualchainntean Chonnacht, a’ chiad cainnt Ghàidhealach a dh’ ionnsaich mi gu inbhe reusanta siùbhlach, chan i a Ghaeilge a’ chiad teanga ionadail Gàidhealach a thachair orm – b’ e siud Gàidhlig na h-Albann troimh iomadh turas bliadhnail a dh’ Earra-Ghàidheal cuide rim’ pharantan ’s càirdean dhuinn.

    Bha mi riamh fosgarra do chànain ’s cultaran eile air feadh na Roinn Eòrpa, gu h-àraidh ann an ear-thuath na Roinn Eòrpa, agus an coimeas ri tòrr daoine (’s fiù Gearmailtich nam measg, mo nàire), cha do ghabh mi riamh dragh mu shoighnichean-sràide dà- (no ioma-) chànanach, air a’ Ghàidhealtachd no an àite sam bith eile…agus seadh, smaoinich mi riamh gun robh Uilleam Yeats còir taiceil don Ghàidhlig, a dh’ aindeoin dìth a chuid sgilean-cànain fhèin. Dh’ fhaoidte nach robh e cho tuigseach ’s a bu chòir ann an sùilean daoine, ach bha e a’ dèanamh a dhìchill, agus bu chòir a chuid oidhirpean a luachadh – mar a tha làn-fhios agam troimh aistean an t-Sionnaich Fhinn ’s troimh ’n ìris Ghearmailteach Irland-Journal , gheibhear tuilleadh ‘a chòir daoine am measg Gall na h-Éireann an diugh a tha fiù ’s na ’s mì-thuigsiche a thaobh na Gàidhlig (na Gaeilge). Is bochd agus brònach a leithid sin de naidheachd a leughadh, co-dhiù mu Albainn no mu Éirinn…

    Cha deach aig Werner Kissling còir riamh a’ Ghàidhlig ionnsachadh, ach bha esan taiceil ’s tuigseach do na Gàidheil cuideachd!

    Le meas,

    Acsail

  3. Pingback: Sùil air 2015 | Dàna |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach